[246]

MU’N GHREIN.

THA aGhrian don t-saoghal nàdurra, mar a ta spiorad na beatha do mhac an duine. ’Se a teas a ta toirt fàs do luibhibh na macharach; agus an uair a sgaoileas i caomhalachd na glòir-mhaidne mun cuairt di, bithidh gach creutair sunndach le a làthaireachd, —suilbhir agus aidhearach le a tiodhlacaibh. Le a teas éiridh mìltean de chuileagaibh sgiathach gu beatha. Clisgidh na h-eòin on cadal, agus dóirtidh iad a mach an ceileirean ceòlmhor ann an co-sheirm chiùilnuair a mhothaicheas iad a blàthas. Le mèilich bheir na treuda buidheachas air son teachd na maidne ciùine, agus innsidh am buar len àrd-gheumnaich an taingealachd. Aithrisidh na gleanntan an ceòl ceudna, agus freagraidh na cnuic don fhonn. Bheir teas na Gréine air gach luibh tha air aghaidh na talmhainn fàs gu h-ùrar agus gorm; —còmhdaichidh e na craobhan le duilleachamhachair le arbhar agus meas, —na sléibhtean le buar agus treudaibh, agus cridhe an duine le gairdeachas agus taingealachd.

A réir cunntais nam feallsanach no nan daoine foghluimte, tha aGhrian deich ceud mìle uair nis na an talamh, agus ceithir fichead agus cóig muilliona deug do mhìltibh air astar uaith. ’Nuair tha aGhrian fada gu deas tha an latha goirid, agus an aimsir fuar againn san eilean so; ach an uair tha ipilltinn gu tuath than afàs fada, agus tha blàthas an t-samhraidh ag ath-ùrachadh gach luibh mhaoth a shearg, agus gach craobh a lom gaoth reòta agheamhraidh. Smuaintichidh sluagh neo-fhoghluimte gu bheil aghrian ag éiridh san aird-an-ear agus adol fodha san àird-an-iar, do bhrìgh nacheil iad atuigsinn gu bheil an talamh ationndadh mun cuairt, no acur car dheth aon uairsna ceithir uaire fichead; agus le so anochdadh na gréine do shùilean an duine mar gum biodh i ag éiridh san àird an iar gach uair a ta an talamh acur car dheth air an dòigh so.

Tha cuid do na reultaibh thasgeadachadh aghaidh nèimh le sgèimh ghrinn, mòran nis na an saoghal so, agus tha daoine foghluimte am barail gu bheil iad uile air an àiteachadh le creutairibh tuigseach cosmhuil ruinn féin. Comharaichidh am feallsanach le inneil-seallaidh beanntan agus uisgeachan air aghaidh na gréine agus na gealaichechì e air uairibh cuid de na h-àrd-bheanntaibh abrùchdadh amach teine agus luaithre amhuil a ni beinn Etna ann an Sisili; agus chaneil e eu-cosmhuìl


[247] gum feud na h-inneala-seallaidh a bhi air an leasachadh cho mór agus gun comharaich iad fathast an sluagh gun àireamh thag àiteachadh gach mìle saoghal a ta mun cuairt duinn.

Tha oibre Dhé ro-lionmhor agus iongantach. Chan urrainn do chreutair cruthaichte an tuigsinn no an àireamh. Tha an cunntas os ceann gach ni air an urrainn da smuainteachadh, agus tha an gliocas a dhealbh, agus an cumhachd a tagan cumail suas, an-àrd os ceann eòlas chloinn nan daoine. ’Nuair a dh’ -amhairc Daibhidh air oibribh iongantach agus glòrmhor an Tighearna, thubhairt e, “Cuiridh na nèamha an céill glòir Dhé, agus nochdaidh na speura gniomh a làmh. Tha adeanamh sgéil do , agus oidhche afoillseachadh eòlais a dhoidhche. Chaneil cainnt, chaneil briathra anns nach cluinnear an guth. Air feadh na talmhainn uile chaidh am fuaim a mach, agus am focail gu iomall an domhain. Don ghréin chuir e pàilliun annta; agus tha i mar fhear nuadh-pòsda ateachd a mach ásheòmar: ni i gairdeachas mar ghaisgeach aruith a shlighe. Tha a dol a mach o chrìch nan speur, agus a cuairt gu ruig an crìochaibh; agus chaneil ni air bith a dhfholaichear o a teas.”

title21
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text9
<< please select a word
<< please select a page