LUACHA-PEIGHINN.
Bha bean chòir ann an siorramachd Pheairt a bha air a sàrachadh leis an déideadh agus ’nuair a dh’ fhairtlich oirre fulang na b’ fhaide chaidh i do bhùth lighiche a tharruing na fiacal. Chaidh an lighiche gu seòlta, grìnn mu thimchioll, agus mun gann a dh’ fhairich i e bha ’n fhiacaill aisde. “Cha chuir an té sin tuille dragh ort” ars’ an lighiche. “ ’S math sin” ars ’ise“ ’ne sin na tha thu dol a dheanamh?” “ ’Sè” ars’ esan. “Ciod a bheir mi dhuit airson so?” ars’ ise. “Sgillinn Shasunnach” arsa ’n lighiche. “Sgillin Shasunnach!” ars’ ise le feirg anabharrach, “theid mi ’n urras gur saor a choisinn thu i. An fhiacaill mu dheireadh a thainig asamsa ’se ’n gobhainn, an duine còir a tharruing i, agus shlaod e mi san dearg sgreadail ceithir uairean tarsuinn na ceardach mun d’ fhuair e a spìonadh asam, agus an déigh sin uile cha do thog e ach sè sgillean.”
title | 22 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 9 |