DEAS FHREAGRADH.
Thainig fòghlumaiche òg féin-spéiseil dachaidh o aon de na colaisdean Sasunnach a dh’ amharc a chairdean. Air an ath latha an déigh dha tighin bha dà chirc air a’ bhord aig àm dinnearach. Bha ’athair a’ fèoraich gach naigheachd dheth agus dé ’m fad a bha e air aghaidh ann an sgoilearachd. “Nach eil an sin,” ars’ an t-òganach, “dà chirc?” “Thà gun teagamh,” ars’ an seann duine. “Cuiridh mi geall matà” ars’ am fear òg, “gu’n toir mise oirbh a chreidsinn le deas-chainnt deasboireachd agus cùnntas, gu bheil trì cearcan ann.” “Tha eagal orm nach bi sin ro fhurasda dhuit” ars’ an seann duine, “ach feuch ris.” “Tha sibh a’ faicinn an so” ars’ an t-òganach, “a h-aon, sin a dhà; cha ’n urrainn sibh àicheadh nach dean a h-aon agus a dhà trì.” “Tha coltach nach urrainn” ars’ an seann laoch aig nach robh idir moran ionnsuchaidh, “ ’s anabharrach tapaidh a fhuaradh tu gu dearbh, agus is math buileachadh na chosd mi riut. Tha nise cearc an t-aon againn. Bidh uime sin a’ cheud tè aig do mhàthair, gabhaidh mise ’n dara té, agus bidh an treas té agad féin airson do sgoilearachd.”
title | 23 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 9 |