D’AR CAIRDEAN.

Tha ioma ni a bha shannt oirnn a chur san àreamh so, agus cuid a gheall sinn, is éiginn duinn a leigeil seachad gus an ath Theachdaire.

Theireamaid riIain Noxgum bi sinn toilichte fiosrachadh air bith fhaotainn uaithe mu dhéibhinn achreidimh Phàpanaich, ach bu mhath leinn gun tigeadh gach ni a bhuineas do chreidimh tre lamhan na cléire. Chì e gu bheil anns an àireamh so sinn air tòiseachadh air soilleireachadh a thoirt dar luchd-dùthcha ma dhéibhinn. Tha iomadh duine sgairteil fiosrach ann an gnothuichean eile, a tha tur-aineolach mun chreidimh Phàpanach, agus ma smuainticheas sinn air an dòigh dhìomhair anns am bheil na sagartanga ghleidheadh, cha chuir so moran iongantais oirnn; gidheadh, a réir ar beachd-ne, ’s dona thig e do dhuine sam bith anns an rìoghachd so far abheil a liuthad cothrom air fiosrachadh cinnteach, a bhi aineolach no suarach mu chùis cho cudthromach. Na smaointicheadh duine sam bith gu bheil gamhlas againne do na Pàpanaich. Chan eil idir. Tha fios againn gur a h-iomadh duine fiachail foghainteach a thanam measg. ’S ann amhàin mu phuinc achreidimh sin a labhras sinn agus chan ann mun luchd-aidmheil.

Anns an ath Theachdaire bheir sinn tuille fiosrachaidh mu America. Tha sinn acluinntinn gu bheil mòran ag ullachadh chum falbh, agus bu deònach leinn gach fiosrachadh feumail a burrainn duinn a churnan caramh. Tha so air mhodh sònruichtenar comas a thaobh moran chairdean a bhi againn ann, agus iomadh litir thuigseach uapasan agus o luchd-eòlais eile.

title27
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text9
<< please select a word
<< please select a page