[221]

Litir Phubliuis Lentuluis, Uachdaran a bha ’n Iudea, ann an làithibh Thiberius Chésair, chum Seanadh na Ròimhe, mu thimchioll

IOSA CRIOSD.

THARLADH gu bheil anns na làithibh so, Duine a ta beò fathastn ar measg, dan ainm Iosa Criosd, mór-chumhachdach ann an subhailcibh mìorbhuileach. Tha na cinnich acreidsinn ann, mar fhàidh fìrinneach, no Slànuighear: ach tha a dheisciobuil féin ag ràdh, gur h-è Mac Dhé.

Tha edùsgadh nam marbh as an uaighibh, agus aleigheas gach gnè thinneis. A thaobh meudachd a phearsa, tha àirde mhath ann, agus tha e fìor eireachdail; maille ri òirdheirceas urramachna làthaireachd, ionnas gun toir an neach a sheallas air gràdh dha maille ri eagal. Thafholt air dhath nan cnù làn abuich, ’na chleachdaibh sìos ma chluasaibh; ach beagan


[222] nis soilleire aig a bhàrr, agus caisreagach, gun bhi ro fhada, asgaoileadh sios ma ghuaillnibh. Ann am meadhon a chìnn tha sreth da fholt a réir gnàth nan Nasarenach. Tha clàr- ’eudainn ro mhaiseach, agus coimhlionta gun smal no preasadh. Thaghruaidhean dearg mar chorcur adeàlradh le maise na seirc. Thashròn agus a bhilean sàr choimhlionta; thafheusag air dathfhuilt. Tha a shealladh neo-chiontach agus foirfe. Thashùilean soilleir-ghorm agus furachair. Tha e smachdail ann an toirt achmhasain: achan àm teagaisg tha e macanta, ciùin, agus teó-chridheachna labhairt; ach an còmhnuidh tìom agus dùrachdach. Cha chuimhne le neach fhaicinn adeanamh gàire; ach is lìonmhor iad a chunnaic e agul. Tha òirdheirceasna phearsa leis abheil gach ball acàramh maisair a chéile. Tha a làmhan agus a ghaìrdeanan ionmholta os ceann tomhais. Ann an cainnt tha e fìor stuama, modhail, agus cumhachdach ann an gliocas.

Duine gun choimeas ann an àilleachd, atoirt barrachd ann am maise air cloinn nan daoine.”

PUBLIUS LENTULUS.

title3
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text9
<< please select a word
<< please select a page