AN T-AONARACH.
RINN Aonarach àraidh uamh dha féin dlù air mullach àrd-aonaich, o’n robh cothrom aige beachd a ghabhail air muir ’s air monadh, ’s air srathaibh nam faoin ghleann. Bha e aon oidhche ’na shuidhe a’ beachdachadh le mór thaitneachd air na cuspairibh eugsamhuil a bha ’na fhradharc. Bha ’choille uile fo lán duilleach; agus na doireachan bu dlùithe fo na blàithean bu taitniche. Bha na h-eòin bu cheòlmhoire a’ canntaireachd feadh nam preas gu fonnmhor; bha na h-uain gu guanach ri sgath-leimnich m’an àilein; bha ’n t-oirean gu sùnndach ag ar le ’sheisrich; bha na soithichean fo làn sheòl ’gan iomain le gaoith shèimh chum a’ chalaidh bu mhiann leo. Chuir fàile fallain ath-nuadhaichte an earraich snas àillidh air gach cuspair m’a thimchioll: agus bha gach ni a bha ’na shealladh a’ craobh-sgaoileadh àilleachd no sonais mu’n cuairt da.
Gu h-obann dh’ éirich doinionn mhòr. Shéid a’ ghaoth le àrd onfhadh, agus chuir i as am bun na daragan bu neartmhoire. ’Na dhéigh sin thainig tiugh-dhorchadas; bha uisge agus cloch-mheallain a’ frasadh gu caithreamach, agus bha tàirneanach agus dealanach a’ cur duaichneachd air an iomlan.
Bha nis an cuan ag at ’na thonnaibh uaibhreach, a’ togail nan loingeas bu lòdaile air bàrr nan tonn a’ cumail fodha sgreadail chràiteach mam maraichean brònach. ’Nuair a mhaolaich air an doininn, thainig gu grad crith mhòr thalmhuinn.
Thainig luchd-àiteachaidh nam bailtean a bha sa’ choimhearsnachd ’nam buidhnibh chum uamh an Aonaraich; gu cràbhach am barail gu’n deanadh a naomhachd aithnichte an dìon ’nan airc. Ghabh iad mòr-ìoghnadh ’nuair a chunnaic iad co fèitheil chiùin ’s a bha e.
“Mo chairdean,” a deir e, “na biodh eagal oirbh. B’uamhasach leamsa, co math agus leibhse, an doinionn mhòr eagallach a chunnaic sinn, mur b’e gu’n do bheachd-smuaintich mi leis na h-uiread aire air oibribh ioma-ghne itheach an Fhreasdail, ionnas gu bheil dearbh-chinnte agam gu bheil a mhaitheas co’ionann r’a chumhachd.” S. A.
title | 7 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 9 |