SEANN SGEUL.
A Theachdaire,
Lasaidh mo chridhe fhathast le sólas, ’n uair a chuimhnicheas mi air cleachdai’ agus gnàis nam beann. Có neach a thogadh sa’ Ghaeltachd, nach d’ fhiosraich an tùs ’oige, an deòthas inntinn leis an éisdeadh sgeòil nan Gael agus eachdraidh na Féinne. Cha di-chuimhnich mise ri m’ bheò, an toilinntinn leis an éisdinn ri seanachas nan aosda, ’n uair a labhradh iad mu euchd nan laoch bho ’n d’ thàinig iad. ’S cinnteach mi gu’n do chuidich so, ri clanna nan Gael a thogail suas ann am barrachd buaidh os ceann gach sluaigh san domhan—mar bha ’m beachd air ardachadh le bhi cluinntinn cliù agus
MAC ’IC EACHAINN.
Airdghobhar, 1836.
title | 8 |
internal date | 0.0 |
display date | 1835-6 |
publication date | 1835-6 |
level | |
reference template | Teachdaire Ùr Gàidhealach %p |
parent text | 9 |