[229]

Sgeoil mo Shinnsear.

Oighreachd Airdghobhar.

’Nuair a thuit Eachann ruadh nan Cath ann am blàr Chath-Gairbheach anns abhliadhna 1411. don teaghlach a dhfhàg e ri nighean an Dùghlasaich thug cairdean a mhàthar leò am fear a bòige, Eóghan; agus thuinichus thogadhnam measg e gus an do sgapadh cuid do na flaithean ainmeil sin, nuair a ghlacadh an t-Iarla Dùghlasach leis an Righ an Dunéidionn anns abhliadhna 1424.

Chruinnich cuid dan luchd-leanmhuinn saGhaeltachd fo cheannardachd Sheumais Stiubhart mac òg an Diùc Albannaich agus le còmhlan do chlainn Dòmhnuill agus do Chlainn Ghilleain fo Fhiunnladh dubh, Easpaig Liosmóire, thug iad sgrìob don Ghalldachd agus thug iad iunnsaidh air Dunbreatunn farn do choinnich iad feachd an Rìgh fo cheannardachd Tighearna Dhundònuill. Chuir iad an ruaig air na Gaillchreach iad srath Leònaidh agus thill iad dhachaidh; achsann air an iunnsaidh so a dhearbh Eóghan an stoc bhon dfhàs e. Thachair e fhéin agus ceannard nan Gall sachaththuit a nàmhaid folàimh agus ghlac esanairms achodach. Anns achlogaid a ghlac e bha iteag dhosrach ard shuaicheanta, agus bhonuair sin fhuair e mar ainm Eoghan na h-iteige.

Dh fhabh en déigh sin do dh-Eirinn leis an Stiùbhartach far an dfhuirich e gus an cuale gun robh MacDhomhnuill nan Eilean (ris an cainte Righ Fionnaghal) an coltas bàis anns abhliadhna 1427. Thog e air do dh-Albainn le sia fir dhiagus birlinn, agus thainig e gu Caisteal Ardtoirnishfhuair en cainnt an Righ agus chuir en céill a chorgun robh ena ruaganach gun chairdean air an


[230] robh coltas comais a chòmhnadh mur deanadh an Righ fhéin e. Thuirt MacDhòmhnuill gun robh e fada gun tighingun do roinn esan mòran da chuid fearainn am measg a luchd-leanmhuinn mun dthàinig e, ach bhon a bha e fhéinna dhuinòg luath làidir gu faodadh e fearann a chosnadhgun robh daoine togarach gu leòir aig mac Ghilleains mur fòghnadh iadsan gum bu leis Clann Dòmhnuill. Fhreagair Eóghan nach iarradh e daoinair fhéin no air Mac Ghilleainach e dhìnnseadh dha caitem buaileadh es nach robh tuille da dhìth. Falbh mata, a dhuinfhoghaintich, do dh-Airdghobhar agus biodh fearann fuith! fuith! agad, thuirt an Rìgh, —focail chearr a labhair Mac-a- mhaighistir Airdghobhar an làthair MhicDhòmhnuill beagan làithean roimhe sin. Cha déisd an gaisgeach òg an còrr bhriathran, ach sgrog ebhoineid air a cheannsa mach a bhà e. Thaitinn a dhòigh cho mhath ris an Rìghs gun dthuirt e riluchd-frithealaidh iad ga thogail ris an uinneig s gu faiceadh e aon sealladh do chùl cinn aghaisgich. ’Nuair a thog iad es a chunnaic em fear eile falbh bhon Chaisteal thainig deóir bhoshùilean agus ghlaodh e, ’S mac mar an t-athair thu, deadh mhac mo pheathar a thuit am aobhar, tha sùrd do thapadh orts gun robh buaidh leat! Ghabh Mac Ghilleain air aghaidhs cha do chuir e poll áosan no lod ábhrògan gus an dráinig e Cladh-mhuilinn an Airdghobhar far an deachaidh e air tìr le sia fir dhiag agus thug e gun stad aChùil air far an robh Mac-a- mhaighistirs a mhac (ris an cainten Siunnach) ’nan tàmh. Chuir e fios a stigh gun robh Mac Ghilleains a ghilleain ag iarraidh cuid na h-oidhche air. Fhreagair Mac-a- mhaighstir gu doicheallach, nach robh cuid oidhchaige ri thoirt dhoibh mar gabhadh iad spòga dubha. Thuirt an gille ris e chur na bhaige air lòms dhfhaoite gun deanadh iad leis. Fhreagair am bodach na biargalta nan tùs, nach robh spoga-dubha na geala aige mur gabhadh iad e féin. Cha déisd an gille tuille ach tharruing echlaidheamhs chuir en ceann de. Fhuair a mhac a mach agus thug en t-aiseag air gu dol do Lochabar. Nuair a ràinig en Corran bham fear-aiseig dam bainm Mac-a- Ghurasglaich ag iasgach. Ghlaodh an Siunnach ris e thigh in air tìr gu luath ga chur thairis, achn uair a thuig am fear eile gun robhn tòir air cha dthug e freagairt air ach gun robh gabhail mhath air achudainn. Dhaithnich an Siunnach nach robh math a bhi feitheamh, s thug e na buinn as don choille.

Aig éiridh na gréine thog MacGhilleains a dhaoinorra as a dhéigh. Ràinig iad an Corran agus thainig Mac-a- Ghurasglaich le sòlasnan còmhdhail a dhinnseadh dhoibh mar a rinn e air an t-Siunnach. Ach cha be n fhàilteshaoil efhuair e. A chealgair, arsa Mac Ghilleain, an uair a rinn thu sin air amhaighstir a bhagad an raoir, ’ dheanadh tu ormsan diugh nam biodh an ruaig orm? Beiribh airillean agus crochaibh ri ràimh an eathair e. Rinn na gillean mar a dhiarr e. Dhfhàg iad Mac-a- Ghurasglaich an crochadh agus theann iad air an


[231] aghart a suas taobh Airdghobhar a bhan uair sin làn coille; achnuair a bha iad gu bhi á doire an torra dheirg chunnaic iad an Siunnachna sheasamh air tóm afaireamachd chitheadh e; ’s chuir fear dhiu saighead an crois agus leag e air achnoc e farn do thog iad carn ris an abrar carn an t-Siunnaich gus an lathan diugh.

Sin mar a shealbhaich Eoghan na h-iteig Airdghobhar mar oighreachd, far abheil Macic Eóghain, Ceannaad Chlainn Eóghain fhathast atàmh, agus mar an ciadna sìol nan gaisgeach a bhuannaich mar ris i. Tha sliochd Ghillebrìde, Bódaich agus Clann-Mhic-Iain-léith bhon uair sin san fhearann a fhuair an sìnnsearachd sna lînntibh a rachadh neart thar ceart, agus anns nach nobh còir air dùthaich aig Triath mur deanadh e a dìon leis a’ chlaidheamh.

title9
internal date0.0
display date1835-6
publication date1835-6
level
reference template

Teachdaire Ùr Gàidhealach %p

parent text9
<< please select a word
<< please select a page