A’ SIREADH AN SGADAIN
SEUMAS RUAIRIDH agus RUAIRIDH SHEUMAIS
Calum MacMhaoilein
Roimhe-Radh
’S e sgeulachd eachdraidheil a tha seo, mu bheatha iasgair, ann am bàta siùil an toiseach, agus an dèidh sin an tè de bhàtaichean an fhicheadamh linn. Tha duine no dhithis an eachdraidh a bha beò da-rìribh, mar a tha Dòmhnall MacRath, am Bail’ Ailein, agus Murchadh Ailig, an Grabhair. Rinn mi an còrr an àirde, mar shamhla air a h-uile iasgair a bha ris an obair.
Thachair a’ chleasachd mu na siùil ann an rèis 1902 da-rìribh. Is ann bhom athair a chuala mi an sgeul; bha e fhèin san rèis. Ged a dh’innis e dhomh cò a rinn a’ chleasachd a bha seo tha sin air a dhol às mo chuimhne, ach tha mi cinnteach nach dèan e cron sam bith ma bheir sinn cliù na cleasachd do Iain Mòr.
Ged is e a’ Ghàidhlig an cànain a chluinnear mar as bitheanta am measg iasgairean Leòdhais, nach eil e iongantach gur e ainmean Beurla a th’air a’ mhòr chuid dhe na bàtaichean aca? Ann an rèis Cup a’ Chrùnaidh ann an 1902 cha robh aon bhàta le ainm Gàidhlig, agus san làtha th’ann chan fhaic thu mòran ainmean Gàidhlig ann an cala Steòrnabhaigh.
San sgrìobhadh seo chuir mi romham ainmean Gàidhlig a chleachdadh dhan h-uile bàta, ach is fhiach ainmean nam bàtaichean a choisinn duaisean san rèis a chur sìos mar a bha iad sgrìobhte: Nelly, Bloom, Good Hope (Deagh Dhòchas), Swiftsure, Magnificent, agus Mary (Màiri Chaol), ann tè san robh m’athair.
Gu Màiri agus Iseabail a bhrosnaich mi gu seo a sgrìobhadh.
Taing
Fhuair mi cuideachadh bho iomadh duine ann a bhith ag ullachadh an leabhair seo, agus cha bhiodh e comasach dhomh a h-uile duine ainmeachadh ann an seo. Faodaidh mi taing a thoirt dhaibh uile ach gu h-àraid don leabharlann ann an Steòrnabhagh airson pàipeirean a lorg dhomh, don leabharlann ann an Dun Blàthainn airson a bhith cho dìcheallach a’ lorg leabhraichean dhomh, do Mhòrag NicMhathainn agus do Chalum MacAonghais airson deilbh a lorg dhomh agus cothrom a thoirt dhomh na deilbh aca a chur an clò.
title | Roimh-Radh |
internal date | 1990.0 |
display date | 1990 |
publication date | 1990 |
level | |
reference template | MacMhaoilein A’ Sireadh an Sgadain %p |
parent text | A’ Sireadh an Sgadain |