[1]

I. SEUMAS RUAIRIDH


[2]

Caibidil 1

Rugadh Seumas Ruairidh ann an Grabhair an Sgìre nan Loch sa bhliadhna 1871. Bha Dòmhnall, a bhràthair, ceithir bliadhna na baosda na e, agus bha ceathrar pheathraichean aca. Dhfhàs Seumas na bhalach èasgaidh, modhail, agus bha meas mòr aig na h-uile air, chan e mhàin a chompanaich òga fhèin, ach cuideachd a nàbaidhean a bha air tighinn gu aois. Be Murchadh Aonghais an companach a bhiodh aige mar bu trice, aguss iomadh gnothach san robh iad an sàs le chèile. Mun àm san robh Seumas air ìre an sgoil fhàgail, bha e na chnapanach tapaidh agus a cheart cho èasgaidhs a bha e nuair a chaidh e dhan sgoil an toiseach. Bha e sgiobalta air a chasan anns gach obair a bhiodh e adèanamh, agus, nuair a bhiodh na gillean aruith rèis, cha robh duine aca a dhèanadh achùis air Seumas.

Air feasgar ciùin san Dàmhair, nuair a bha Seumas mu shia bliadhna deug a dhaois, bha e fhèin agus Murchadh Aonghais nan seasamh aig doras sgoil Ghrabhair. Bha iad acoimhead rudeigin diombach, mar nach biodh iad atuigse carson nach dfhuair iadsan cothrom a dhol a-steach dhan choinneamh a bha adol air adhart san sgoil, aig an robh a h-uile duine sa bhaile a bha os cionn ochd bliadhna deug.

a thann?” dhfhoighnich Murchadh do Sheumas.

Chan eil fhios agamsa air càil”, fhreagair Seumas, “ach gun tàinig balach à BailAilein le litir gu taigh Iain Mhòir an diugh, agus gu bheil achoinneamh seo air a gairm air sgàth na litreach seo. Rinn mi oidhirp air còmhradh fhaighinn air fear BhailAilein ach bha e air falbh mun do dhamais mi air facal fhaighinn bhuaidhe.”

Cluinnidh sinn thann nuair a bhios achoinneamh seachad,” thuirt Murchadh, “agus feumaidh sinn foighidinn a chleachdadh gus an àm sin.”

Fhads a bha na balaich acòmhradh, bha Iain Mòr air a chasan, a-staigh san sgoil, abruidhinn ris na bha cruinn. ’S e duine a bhann an Iain a bha foghainteach anns gach dòighlàidir na chorp agus deiseil gu bruidhinn a-mach gu gnothaicheil ann an àite sam bith sam biodh e. Bha e furasda fhaicinn gun cumadh e achoinneamh adol gu math agus gu rèidh. Seo mar a bhruidhinn e:

Fhuair mi litir an diugh bho Dhòmhnall MacRath ann am Bail


[3]

Grabhir & Loch Odhairn, Lewis

Ailein, agus bu mhath leam a leughadh dhuibh. Seo na tha e ag ràdh:

Tha an sluagh anns gach ceàrnaidh de Sgìre nan Loch afulang cruaidh-chàs le acras, agus èiginnean eile. Tha cruaidh-chàsan còmhla ri mòran againn an còmhnaidh, ach tha an geamhradh a tha tighinn gu bhith air leth duilich air sgàth gu robh droch shamhradh ann a chùm am bàrr gun fàs ro mhath, agus cuideachd, gu robh an t-iasgach gu math truagh air an t-samhradh a chaidh seachad.

Tha seo duilich a ghiùlain, gu h-àraid nuair a tha oighreachd faisg oirnn a tha air a cur air leth airson sealg fhiadh airson spòrs do dhaoine aig a bheil an t-sochair seo dìreach air sgàth gu bheil beartas aca.

Aig coinneamh ann am BailAilein Oidhche Mhàirt, dhaontaich muinntir BhailAilein, Lacasaidh, agus Airidhbhruaich gun dèanadh iad ionnsaigh air Frìth na Pàirce agus gu marbhadh iad gu leòr fhiadh airson an teaghlaichean a bheathachadh tron gheamhradh agus tron Earrach. Ma tha muinntir Ghrabhair airson a thighinn còmhla rinn san ionnsaigh seo tha mi atoirt achuiridh seo dhaibh, agus dhan a h-uile baile ann an Sgìre nan Loch. Cuiribh fios thugamsa cho luaths a ghabhas agus cuiribh thugam ainm dithis a thig a riochdachadh muinntir Ghrabhair aig coinneamhan a bhios sinn acumail gus an ionnsaigh a tha seo a chur air dòigh’.

Sin, ma na bhaig Dòmhnall MacRath ri ràdh, agus, air mo shon


[4]

fhìn, feumaidh mi a ràdh gu bheil mi gu mòr leis. a tha sibhse asmaoineachadh mun chùis?”

Nuair a shuidh Iain cha robh facal atighinn bho dhuine airson beagan ùine. Bha iad abeachdachadh air na chualiad. Ach, nuair a thòisich iad acòmhradh, bha a h-uile duine ag iarraidh bruidhinn aig an aon àm. Mar a bha dùil, chùm Iain smachd air achoinneamh, agus dhiarr e air an duine a baosda a bha làthair a bheachd a thoirt air achùis. Be seo Dòmhnall Mhurchaidh, a bha còrr air ceithir fichead bliadhna a dhaois, agus thuirt esan ged a bha e gu mòr leis na bha MacRath ag ràdh, gu robh e fhèin fada ro aosdairson pàirt a ghabhail san ionnsaigh agus mar sin gur e beachdan dhaoine na bòige na esan bu chòir èisdeachd fhaighinn.

Dhèirich an sin Calum Dhòmhnaill, eildear san eaglais, a bha glè fhada na cheann mur a gabhadh daoine ris na beachdan aigesan Thuirt esan nach burrainn dhàsan, pearsa eaglais, a dhol an sàs ann an ionnsaigh dhen t-seòrsa seo, nach robh ann ach goid, agus bristeadh air an ochdamh àithne.

Le gach spèis dhan eildear”, thuirt duinòg a dhèirich à suidheachan cùil, “chan urrainn mise a dhol le na tha Calum ag ràdh. Tha, gun teagamh, greim laghail aig an oighreachd air na fèidh, ach chan eil mi agabhail ris gu bheil greim moralta aca air a bhith cumail sluagh sgìre nan Loch bho bhith dèanamh feum dhen bhiadh mhath a tha fan comhair, agus a tha air a chaitheamh airson spòrs a chumail ri daoine nach eil airidh air na sochairichean a thaca”.

Bha amhòr chuid de na thug seachad am beachd gu fada airson an ionnsaigh a dhol air adhart. Bha duine no dhithis atoirt taic do Chalum Dhòmhnaill, ach nuair a bhruidhinn dithis de na h-eildearan eile an aghaidh beachdan Chaluim, thuit achòmhstri aige gu làr. Aig deireadh na cùise dhaontaich achoinneamh gun deigheadh iad le MacRath, agus gum be Iain Mòr agus Eachann Dhòmhnaill na riochdairean a chuireadh iad gu coinneamhean am BailAilein a bhiodh cur ghnothaichean air dòigh. Bha cuid nach robh deònach air gabhail ri Eachann mar riochdaire an dèidh na bha a bhràthair, Calum, air a ràdh na bu tràithe, ach chaidh amhòr-chuid leis, oir bha e gu tric dìcheallach ann an obair na coimhearsnachd.

Bha Seumas agus Murchadh fhathast aig doras na sgoile nuair a thàinig an sluagh a-mach, agus nuair a dhèigh Iain Mòr air Seumas. thàinig Murchadh còmhla ris.

Ged a bha an dithis agaibh ro òg airson a bhith aig achoinneamh chudthromaich seo,” thuirt Iain, “tha gu leòr ann a dhfhaodas sibh a dhèanamh gus an gnothach seo a chur air adhart. Ma thig sibh chun an taigh agamsa sa mhadainn a-màireach, innsidh mi dhuibh a th


[5]

ann, agus bheir sibh litir bhuamsa gu Dòmhnall MacRath ann am BailAilein. Fhalbhaibh an dràsda dhachaidh dhan leabaidh, oir tha obair agaibh ri dhèanamh a màireach.”

Dhfhalbh iad, ach bha na bhair tachairt acur de cheistean orras nach burrainn dhaibh fuireach gu madainn gu freagairtean fhaighinn. Nuair a ràinig iad taigh Ruairidh, dhiarr Seumas air Murchadh tighinn a-steach còmhla ris gus an innseadh athair dhaibh bhanns an litir. Dhinnis Seumas dha athair gu robh aige ri dhol le litir a BhailAilein sa mhadainn, agus bha athair an uair sin deònach gu leòr air innseadh dha na balaich mun ionnsaigh air an robh iad abeachdachadh. Cha dfhuair Seumas no Murchadh abheag dhen chadal an oidhchud, agus bha iad le chèile glè thràth aig taigh Iain Mhòir sa mhadainn mar a chaidh iarraidh orra. Dhinnis Seumas do Iain gu robh athair air innseadh dhaibh mu choinneamh na h-oidhche raoir.

Thoiribh an litir seo do làimh Dhòmhnaill MhicRath ann an Taigh-Sgoile BhailAilein,” arsIain, “agus fuiribh gus am faic sibh am bi freagairt ann”.

Dhfhalbh na gillean a-mach tro Ghleann Ghrabhair, agus seachad taobh an iar Loch Tobhtaichean Amhlaidh gus an do ràinig iad

Grabhair agus Loch Odhairn bho Shìthean na h-Airigh Dhriseach


[6]

Tàbost. Bha iad afaicinn gun robh ùbarraid adol am measg an t-sluaigh ann an Tàbost, agus nuair a thachair daoine riutha, chaidh an ceasnachadh gu teann mun bheachd a bhaig muinntir Ghrabhair air an ionnsaigh a bhatar acur air chois.

Bha coinneamh ann an Grabhair a-raoir,” thubhairt Seumas, “agus tha sinne air an t-slighe le litir gu MacRath ag innseadh dha gu bheil muinntir Ghrabhair glè dheònach a bhith am measg na thèid dhan Phàirc.”

Thèid mise leis an eathar còmhla ribh,” thuirt fear a bha bruidhinn riutha, “ach thèid sinn an toiseach chun an taighagam gus am faigh sinn blasd bìdh mun tèid sinn a-null air an loch.”

Be an duine seo Dòmhnall Tharmoid, duine air an robh coltas gnothaicheil, agus bha Seumas adol a dhfhaicinn Dhòmhnaill gu math tric anns achòrr dhe bheatha, ged nach robh fhios aca air sin aig an àm. Cha robh e fada gus an do chuir Màiri, bean Dhòmhnaill, agus Seonag, a nighean, deagh bhiadh de mharag agus uighean air am beulaibh.

Bha Seonag na caileig thaitnich, mun aon aois ri Seumas agus Murchadh. Bha maise aodainn air leth oirre, le falt dualach, dorch, agus rinn Seumas gu h-àraidh toileachas tachairt ri caileig cho laghach rithe, agus thug e an t-aon toileachas dhìse coinneachadh ri gille cho snog ri Seumas. Bha iad afaighinn toil-inntinn an cuideachd a chèile gus an robh an t-àm ann a dhol sìos chun achladaich.

Chì sinn sibh nuair a thilleas sibh,” dhèigh Seonag, nuair a bha an eathar agluasd air falbh on chladach.

Bha Seumas agus Murchadh glè thaingeil gun dfhuair iad air anail a leigeadh ann an Tàbost, agus nuair a chaidh iad dhan eathar, cha leigeadh Dòmhnall leò làmh a chur air ràmh, ag ràdh gu robh iad sgìth gu leòr an dèidh coiseachd à Grabhair. Nuair a chaidh iad air tìr aig ceann an ear BhailAilein, cha do shaoil iad càil dhen bheagan coiseachd a bha ri dhèanamh chun an taigh-sgoile agus cha do chuir e dragh na sgìos orra.

Nuair a leugh MacRath an litir, thug e dhan triùir aca cuireadh gu coinneamh an oidhche sin, Dòmhnall mar riochdaire Thàboist agus Cheairseadair, agus na gillean òga mar luchd amhairc.

Rinn na balaich gàirdeachas mòr ris achuireadh seo agus ged nach robh iad atuigse mòran dhe na bha air a ràdh, bha iad afaireachadh pròiseil a bhith sa chuideachd. Nuair a bha achoinneamh seachad, thug MacRath dhaibh litrichean gu riochdairean Ghrabhair agus dhfhalbh iad gun dàil còmhla ri Dòmhnall dhan eathar agus a-null a Thàbost.

Bha Màiri, agus gu h-àraidh Seonag, toilichte am faicinn a-rithist,


[7]

agus chuir iad iompaidh orra an oidhche chur seachad ann an Tàbost, agus falbh air an cois a Ghrabhair sa mhadainn.

An dèidh am bracaist, nuair a bha iad adèanamh airson aghaidh a chur air amhòintich, thuirt Màiri riutha, nam biodh iad adol rathad Thàboist a-rithist, iad a bhith cinnteach gun tadhaileadh iad a-staigh.

Bidh e iongantach,” thuirt Seumas, “mur a bi sinn adol a BhailAilein fhathast mus bi an gnothach tha seo seachad.”

Ma bhios,” fhreagair Seonag, “thigibh a-steach, aguss dòcha gun cuir mathair a-null air an loch sibh leis an eathar.”

“ ’S mi sin ma bhios e furasda dhomh, agus mur a bi, saoilidh mi gum faod mi an eathar a thoirt dhaibh. Tha mi cinnteach gun tugadh iad an aire oirre.”

Tapadh leibhse, a Dhòmhnaill,” thuirt Murchadh, “agus tapadh leibhse cuideachd, a Mhàiri, agus a Sheònag airson ur coibhneis rinn.”

Le sin dhfhalbh iad agus cha robh iad fad air an t-slighe. Thug iad na litrichean do Iain agus do Eachann agus chaidh iad dhachaigh, glè thoilichte le an turas a BhailAilein, agus mar a chaidh dhaibh an Tàbost.

An dèidh do Sheumas agus do Mhurchadh falbh a Ghrabhair, bha Dòmhnall a-muigh ag obair mun chroit, agus bha Màiri is Seonag trang aglanadh an taighe, agus abruidhinn ri chèile.

do bheachd air an dithis bhalach a bha siud, a Sheonag?”

O! bha iad snog.”

“ ’S e mo bheachd fhìn gu robh Seumas, òg agus mar a tha e, afàs glè dhèidheil air a bhith nad chuideachd. Tha sùil aigannad.”

Och nach ist sibh. Chan eil ann ach balachan òg. Co dhiù, tha e glè ghasd, agus chan eil càil agamsa an aghaidh a bhith còmhla ris. Tha mi an dòchas gun tadhail iad oirnn fhathast.”

Cuimhnich nach eil thu fhèin ach òg cuideachd.”

Ged a tha misòg, tha mi aosdgu leòr airson caraidean a bhith agam, eadar gur e caileagan no balaich a bhios annta.”

O! Saoilidh mi gu bheil beagan cèillagad ceart gu leòr, agus nach dèan thu caraid de neach sam bith gus am bi eòlas agad air.”

Dìreach! Mar sin bu mhath leam tuilleadh eòlais a chur air Seumas, agus air Murchadh cuideachd.”

Nuair a thachair Murchadh ri Seumas làrna-mhàireach, bha iad abruidhinn air an turas agus cho maths a ghabh teaghlach Dhòmhnaill Tharmoid riutha.

do bheachd air Seonag,” dhfhoighnich Murchadh.

“ ’S e nighean ghrinn a thinnte, agus nach i rinn math nuair a


[8]

dhiarr i air a h-athair an eathar a thoirt dhuinn an ath thuras. Tha mi an dòchas gu faigh sinn air turas eile a dhèanamh a-steach gu MacRath.”

“ ’S e mo bheachd-sa gur e Seonag a tha thu ag iarraidh fhaicinn, agus nach e MacRath.”

Na bi bruidhinn gòrach. Chan eil Seonag adèanamh dragh sam bith dhomhsa. Tha mi fada ro òg airson a bhith coimhead ri caileig ach mar charaid, agus tha mi cinnteach gur e deagh charaid a bhios an Seonag ma gheibh sinn eòlas oirre.”

Cha bhi turas ann dhuinn an t-seachdain seo co-dhiù. Bha Eachann ag innseadh dhomh gu robh MacRath gan iarraidh a-steach oidhche h-Aoine.”

Air madainn Disathairn, thàinig fios gu Seumas a dhol a thaigh Iain Mhòir, agus, nuair a rinn e sin, thuirt Iain ris gu feumadh iad a dhol a BhailAilein Dimàirt, gus an tugadh iad fios gu Iain mu choinneamh a bha gu bhith am BailAilein Diluain. Chuireadh achoinneamh seo air dòigh gach mun ionnsaigh a bhatar adol a dhèanamh sa Phàirc. Bha Seumas glè dheònach air a seo a dhèanamh, agus bha e cinnteach gum biodh Murchadh a cheart cho deònach. Ach Diluain fhuair e fios gu robh Murchadh air droch fhuachd fhaighinn, agus nach burrainn dha dhol còmhla ris. Ged a bha Seumas duilich mu fhuachd Mhurchaidh cha robh càil aige an aghaidh a dhol a BhailAilein, agus a Thàbost, na aonar.

Dh èirich e gu math tràth Dimàirt agus rinn e deiseil airson a thurais. Bha ceum sunndach aige gus an do ràinig e taigh Dhòmhnaill Tharmoid. Bha Dòmhnall, Màiri, agus Seonag glè thoilichte fhaicinn a-rithist.

Bha Dòmhnall duilich nach burrainn dha dhol tarsainn an loch còmhla ris, on bha e na aonar, ach thairg e an eathar dha, agus dhiarr e air Coinneach, duine òg a bha fuireach an ath dhoras, a dhol còmhla ris gu cuideachadh a thoirt dha le iomradh an eathair. Bha Coinneach deònach, ach bha Seonag diombach nach bi fhèin a fhuair an cothrom a dhol còmhla ri Seumas.

Chaidh gu math leò, agus thug MacRath litir do Sheumas airson a toirt gu Iain Mòr ag innseadh dha mu agus uair, agus àite anns an coinnicheadh an sluagh a bha dol as dèidh nam fiadh.

Fhuair Seumas a-rithist cuireadh bho Dhòmhnall an oidhche chur seachad còmhla riutha, ged nach robh e cho anmoch an turas seo. An dèidh dhaibh biadh a ghabhail chaidh Seumas agus Seonag a-mach cuairt on bha am feasgar cho math. Chòrd achuairt agus cuideachd a chèile gu math riutha. Nuair a bha iad atighinn faisg air an taigh air an t-slighe air ais, chuir Seumas a làmh timcheall air Seonag, agus


[9]

an ceann dreise dhfhairich e an làmh aicese atighinn mu a mheadhon fhèin. Thug e dhi pòg, agus phòg ise air ais e a cheart cho dealasach ris fhèin.

Nuair a dhèirich Seumas sa mhadainn, thug na boireannaich dha deagh bhracaist mun do dhfhalbh e, agus chaidh Seonag pìos dhen t-slighe còmhla ris.

Bidh mi duilich,” thuirt ise, “nuair a bhios achreach seo seachad, agus nach bi càil ann a bheir an taobh seo thu.”

Nach fhaodainn a thighinn a shealltainn ort fhèin, gun leisgeul sam bith eile?”

Dhfhaodadh gun teagamh, aguss dòcha gu bheil dùil agad sin a dhèanamh, ach cha bhi guth agad air an dùil sin, na ormsa, mun tig abhliadhn ùr.”

O! Cha tèid thu as mo chuimhne cho luath a sin idir. Chì mi thu uair no dhà fhathast mun tig abhliadhna gu ceann.”

Leis aghealladh sin thug iad pòg mhilis da chèile agus thill Seonag dhachaigh, aleigeadh le Seumas a dhol air a shlighe.

Ràinig e dhachaigh gun càil dragh a chur air. Thug e an litir do Iain Mòr agus dhinnis Iain dha gu feumte coinneamh a ghairm air oidhche h-Aoine, gus an tigeadh a h-uile duine, a bha dol as dèidh nam fiadh, a chluinntinn mar a bha cùisean air an cur air dòigh.

Thèid mi fhìn le fios thuca-nochd’, thuirt Seumas. “Nach bfheàrr dhomh fhìn agus do Mhurchadh a dhol dhan Phàirc còmhla ribh. Chan fhaod mi gunna a thoirt leam, ach is dòcha gum bi sibh ag iarraidh gille-ruith, ma bhios fiosrachadh sam bith ri thoirt do dhuine.”

Tha thu ceart, a Sheumais. Thèid thu fhèins Murchadh còmhla rinn, ma bhios e air faighinn seachad air an fhuachd a fhuair e.”

Nuair a chruinnich an sluagh chun na coinneamh oidhche h-Aoine cha bann afuireach mun doras a bha Seumas agus Murchadh. ’S ann a bha iad a-staigh ag èisdeachd ri na bhaig Iain agus aig càch ri ràdh. Bha e air iarraidh air an t-sluagh cruinneachadh aig Airigh Dhòmhnaill Chaim air Dimàirt aig meadhon len gunnaichean agus lem peilearan. Bha beagan min-fhiosrachaidh eile aig Iain a thuilleadh air a seo achs e sin na bha beantainn ri Seumas.

Nis, chaidh beagan sgrìobhaidh a dhèanamh mar tha mu Chreich Mhòir na Pàirce, agus mar sin cha ruig mise a leas mòran a ràdh mu dheidhinn, a thuilleadh air innseadh mar a chaidh do na gillean-ruith, Seumas agus Murchadh. Bha iad glè sgìth aruighinn Airigh Dhòmhnaill Chaim agus toilichte an anail a leigeadh fhads a bha na sealgairean acur an uidheim air dòigh. Choinnich iad ri eòlaich às na bailtean eile, agus bha e na thoileachas dhaibh tachairt a-rithist ri


[10]

Dòmhnall Tharmoid. Dhfhuirich iad sa champa fhads a bha na sealgairean a-muigh, acur teine air dòigh, agus adèanamh cinnteach gu robh uisge gu leòr ann airson còcaireachd a dhèanamh nuair a thilleadh iad leis achreich.

Bha gillean mun aois aca fhèin air a thighinn às na bailtean eile, agus sa mhadainn Diciadain fhuaradh obair dhaibh gu lèira dhol air ais dhachaigh le pasganan sithinn agus sin a roinn a-mach air muinntir abhaile. Rinn Seumas agus Murchadh an dleasdanas seo gu toileach agus chaidil iad gu sona nan leapanan fhèin an oidhche sin. Bha na bha aig an taigh adèanamh min-cheasnachaidh orra, afoighneachd mar a bha cùisean adol, agus bha iad sgìth abruidhinn air seo mun tàinig àm cadail. Ach rinn iad mocheirigh Diardaoin gus dèanamh air càmpa nan sealgairean.

Nuair a thàinig Dihaoine, bha na sealgairean an dùil gu robh iad air gu leòr sithinn fhaighinn gus deagh chuideachadh a thoirt dhaibh tron gheamhradh. Bhristeadh suas an campa agus chaidh iad gu lèir dhachaigh leis achreich.. .. Mun do dhfhalbh Dòmhnall Tharmoid, thàinig e gu Seumas agus Murchadh, ag ràdh:

Chord an dithis agaibh rium fìor mhath. Tha mi an dòchas, nuair a thèid sibh seachad mu Thàbost a-rithist gun tadhail sibh a-staigh. Bidh mi fhìn agus Màiri, agus Seonag cuideachd, ro thoilichte ur faicinn a-rithist”.

Fhreagair Seumas gun do gheall esan do Sheonag gun tadhaileadh e a-staigh mun tigeadh abhliadhnùr.

Nuair a bhristeadh suas an campa, rinn gach buidheann air am baile fhèin, agus ghabh muinntir Ghrabhair a-steach taobh-a- deas Loch Sgiobacleit, agus a-steach tro Ghleann Ghrabhair. Bha eallach math sithinn air gach duine aca agus bha sgìos acur beagan draghair cuid acagu h-àraid na gillean ògafada mun do ràinig iad an ceann uidhe. On a bha dìle uisge air a bhith ann fad oidhche Dhiardaoin, bha gach allt na leum sa mhadainn Dihaoine, agus bfheudar dhaibh brod a leum a thoirt seachad air uillt a bàbhaist a bhith nan sruthain bheaga.

Bha allt beag afalbh à Loch Cartach na h-Airigh Meadhonaich, agus adol a dhAbhainn Cheann Loch Odhairn, agus bfheudar leum a thoirt tarsainn air. Nuair a bha Seumas adèanamh an leum seo, thàinig e a-nuas air toll a bha coineanach air a dhèanamh, agus thug e droch sguchadh air aobrann. On bha eallach air gach duine, rinn e gach oidhirp air coiseachd gun chuideachadh ach cha robh e comasach air eallach a thoirt leis na bfhaide. Bfheudar an eallach aige a thoirt bhuaidhe agus a roinn a-mach air càch. Bha Seumas afiachainn ri cumail suas ri càch ach thuig e nach burrainn dha a dhol


[11]

air adhart cho luaths a bha iadsan. Dhfheumadh e a thìde a ghabhail.

Thàinig Ruairidh agus Iain Mòr a thoirt cuideachaidh dha ach thuirt e riutha gun dèanadh e achùis leis fhèin nan sguireadh e a dhoidhirpeachadh air cumail suas ri càch.

Thuirt Ruairidh agus Iain gun tilleadh iad ga chuideachadh nuair a chuireadh iad dhachaidh na h-eallaich a bhaca. Chùm iad orra agus thòisich Seumas agabhail a-steach an gleann air a shocair, aleigeadh le càch esan fhàgail as an dèidh. Bfheudar dha stad a leigeadh anail bho àm gu àm ach bha e adèanamh achùis air faighinn na bfhaisg air abhaile, ged a bha a chas a-nis afàs na bu ghoirte. A-steach mu allt Gil an Eich bha e asmaoineachadh nach burrainn dha a dhol na bfhaide nuair a chunnaic e grunnan dhaoine atighinn thuige. Bha athair ann, agus Iain Mòr, a mhàthair agus boireannaich eile. Bha sìneadair aca a bha iad air a dhèanamh de phlaideachan, agus de àradh. Cha robh e furasd Seumas a chur air an t-sìneadar ach chaidh aca air a thoirt dhachaidh gun achorr dochainn a dhèanamh air a chois.

Nuair a chuireadh Seumas dhan leabaidhs ann na bu mhiosa a chaidh an cràdh sa chois aige, ach chaidh aige air beagan cadail fhaighinn uaireigin ro mhadainn. Rinn an cadal feum dha, agus sa mhadainn bha e afaireachadh cho maths gun do rinn e oidhirp air èirigh às a leabaidh, ach nuair a chuir e a chas fodha chaidh gath cràiteach troimhe agus bfheudar dha a dhol air ais dhan leabaidh. Bha e an sin fad seachdain mun dfhuair e air fiachainn a-risthist air a chas a chur fodha. Cha be am pian a-mhàin a bhag adhbharachadh seo, ach bha achas aige air sèid cho mòrs nach deigheadh aige air bròg a chur air.

Cha robh fuireach san leabaidh acòrdadh idir ri Seumas. Bha e na ghnè a bhith an còmhnaidh ri obair air choireigin, agus gu dearbha is e seachdain gu math fada a bhann do Sheumas. Ged nach robh e comasach air obair air bith a dhèanamh le làmhan no le chorp, bha an inntinn adol glè thrang. Chuir e seachad mòran dha ùinabeachdachadh air Creich Mhòir na Pàirce, agus am pàirt beag a bhaige fhèin san ionnsaigh seo. Bha e asmaoineachadh air na daoine a choinnich ris aig Airigh Dhòmhnaill Chaim, ann am BailAilein, agus gu h-àraidh ann an Tàbost.

Gheall mi do Sheonag gum faicinn i mun tigeadh abhliadhn ùr a-steach, ach tha fìor eagal orm nach bi mi deiseil airson a dhol cho fada ri Tàbost às na thair fhàgail dhen bhliadhna. Sgrìobhaidh mi thuice.”

Rinn e sin as a bhad:


[12]

Cromòr


[13]

A Sheonag, a ghràidh, ’S dòcha gun cuala tu mun tubaist a bhagam air an t-slighe dhachaidh leis an t-sitheann. Nuair a bha mi aleum seachad air allt, a bha air at leis an dìle uisge bha siud, thuit mi agus rinn mi droch sguchadh air mo chas. Mar sin cha bhi e comasach dhomh an gealladh a thug mi dhut a choilionadh. Chan urrainn dhomh a dhol a shealltainn ort an taobh seo dhen bhliadhnùir, ach bidh mi an dòchas gum bi achas agam cho maths gun tèid agam air an t-slighe a dhèanamh mus bi 1888 ro aosda. Tha mi fìor dhuilich mun seo oir bha mi, agus tha mi, glè dhèidheil air dfhaicinn a-rithist. Tha mi an dòchas gu sgrìobh thu thugam. Bidh mi acoimhead ri do litir.

Le gach uile dhùrachd, Seumas.

Nuair a fhuair Seumas air a chasan bfheudar dha bata fhaighinn, agus bha e adeanamh a chuid coiseachd le cuideachadh bhon bhatairson ùine. Bha abhliadhnùr air tighinn a-steach mun dfhuair e air abheag sam bith de choiseachd a dhèanamh as aonais abhata.

Thàinig am Faoilleach a-steach gu socair, tioram, reòdhte, ach, mun robh amhìos ach seachdain a dhaois, thàinig sneachda trom a chuir còmhdach domhain geal air abhaile gu lèir. Bha toiseach aMhàirt an mus dfhuair Seumas, mu dheireadh thall, air an gealladh a thug e do Sheonag Dhòmhnaill Tharmoid a choilionadh. Bha iad air a bhith asgrìobhadh gu chèile fad agheamhraidh, ach bha gach àite cho glaiste le sneachds nach burrainn dhaibh a chèile fhaicinn gus a sin.

titleI. Seumas Ruairidh – Caibeidil 1
internal date1990.0
display date1990
publication date1990
level
reference template

MacMhaoilein A’ Sireadh an Sgadain %p

parent textA’ Sireadh an Sgadain
<< please select a word
<< please select a page