Caibidil 2
Nuair a chaidh Dòmhnall suas gu taigh Thorcaill a dh’innseadh do Mhàiread mun tubaist bha naidheachd aicese dhàsan cuideachd, nuair a fhuair i seachad air na dh’ innis e dhi.
“An cuala tu gu bheil Seònaid Alasdair air a thighinn dhachaigh gun dùil rithe. Tha i aig an taigh o chionn dà là ach chan fhaca duine a-mach à taigh i. An robh fhios agadsa gu robh i a’ tighinn?”
“Cha chuala mi guth uaipe o chionn mìos’ agus cha robh dùil rithe dhachaigh airson greise fhathast. Thèid mi suas a shealltainn oirre a-nochd.”
Nuair a chaidh Dòmhnall a thaigh Alasdair an oidhche sin bha Alasdair agus a bhean a-staigh ach cha robh sealladh air Seònaid.
“Chuala mi,” thuirt Dòmhnall, “gu bheil Seònaid air a thighinn dhachaidh. Cha robh dùil rithe airson seachdain no dhà eile, an robh? An e càil a tha ceàrr oirr?”
“Tha i a’ cumail san rùm ud shuas o thàinig i dhachaigh, agus chan eil i ag iarraidh duine fhaicinn,” fhreagair a màthair. “Tha mi glè dhuilich, a Dhòmhnaill, gun tuirt i nach robh i ag iarraidh duine fhaicinn, agus gu h-àraid nach robh i ag iarraidh thu fhèin fhaicinn.”
“Innsibh dhi gu bheil mi staigh, agus cuimhnichibh dhi gun tug sinn gealladh-pòsaidh dha chèile. Feumaidh sinn bruidhinn mun seo co dhiù.”
Chaidh màthair Seònaid suas far an robh i. An ceann greise thàinig i air ais agus shìn i mach a làmh gu Dòmhnall, ag ràdh, “Thug i dhomh an fhàinne gus a toirt air ais dhut. Tha i ag iarraidh an gealladh-pòsaidh a bhristeadh.”
“Cha ghabh mise an fhàinne ach às an làimh aice fhèin. Thig mi a-steach an ceann beagan làithean gus a faic sinn am bi i deònach bruidhinn rium.”
Bha Dòmhnall dhen bheachd gu robh fhios aig Bean Alasdair dè a bha a’ cur dragh’ air Seònaid ged nach robh i airson innseadh dha gus am biodh Seònaid fhèin deiseil agus deònach coinneachadh ris. Chuir e roimhe a bhith foighidneach gus an tachradh sin.
Chaidh Dòmhnall gu muir airson seachdain eile. Cho luath ’s a thàinig e dhachaigh Disathairn chaidh e a-rithist gu taigh Alasdair. Bha Seònaid mu dheireadh deònach bruidhinn ris, ach bha e furasda
gu leòr do Dhòmhnall faicinn gu dè a bha a’ cur dragh’ oirre. Bha i trom.
Chaidh Alasdair agus a bhean suas a cheann eile an taigh agus dh’fhàg iad Dòmhnall agus Seònaid gus a’ chùis a chur air dòigh leò fhèin.
“Tha mi a’ faicinn,” thuirt Dòmhnall, “carson a tha thu ag iarraidh an gealladh-pòsaidh a bhristeadh. Cò a dh’fhàg an t-uallach a tha seo agad?”
“Tha mi duilich, a Dhòmhnaill. Chan urrainn mi a ràdh ach sin, ged tha fhios agam nach eil sin gu leòr. Cha leigeadh mo nàire leam a thighinn gad fhaicinn an oidhche’ eile bha thu an seo, ach nàire ann no às, dh’fheumainn a thighinn a-nochd.
“Aon oidhche Shathairn ann an Inbhir-Uige thàinig ceathrar ghillean Leòdhasach a-steach dhan t-seòmar san robh sinn a’ fuireach. Bha iad air a bhith ag òl, agus beagan uisge-beatha aca. Thairg iad drama dhan chloinn-nighean. Ghabh sinn uile drama bhuapa. Bha fear as an Rudha nam measg, agus bha e a’ tairgse drama an dèidh drama dhòmhsa, agus feumaidh mi aideachadh gun ghabh mi tè no dhà. Lean rud an dèidh rud a-mach à sin agus tha thu a’ faicinn mar a thàinig crìoch air an oidhche. Tha mi duilich mar a leig mi sìos thusa an dèidh cho duineil ’s a bha thu a-riamh, agus tha mo nàire gus mo chur as mo rian.”
“Dè a tha an Rudhach a’ dol a dhèanamh riut?”
“Tha mi coma ged nach fhaicinn gu bràth e, ach gun teagamh
Clann-nighean an Sgadain
feumaidh e cuideachadh a thoirt dhomh. Chan urrainn mise leanabh a thogail leam fhìn, agus cha toir gille sam bith sùil orm an dèidh seo.”
“A bheil e a’ dol gad phòsadh?”
“Chan eil guth aig’ air a sin, agus ged a bhiodh cha phòsainn-sa e.”
“Bha làn dhùil agamsa gum pòsainn fhìn thu nuair a bhiodh an t-iasgach seachad, ach feumaidh sinn an dùil sin a leigeadh às an dràsda co-dhiù. Ach chan eil fhios dè a thachras an ceann ùine. Glèidh an fhàinne an dràsda, ach na cuir air do mheur i gum faic sinn dè a tha a’ dol a thachairt.”
“Tha thusa uasal às an nì tha seo mar a tha thu às gach nì eile. Chan eil mis’ airidh air thu bhith cho math ri sin dhomh.”
Chaidh Dòmhnall a-steach a Thàbost a dh’innseadh dha sheanair mar a bha cùisean. Bha a sheanair agus a sheanmhair a-nis còrr math ’s ceithir fichead bliadhna a dh’aois, agus bha an dithis ac’ air fàs cho fàilligeach ’s nach dèanadh iad a’ chùis tron gheamhradh leò fhèin. On bha pòsadh Dhòmhnaill air a chur dheth, dh’fheumadh e fhèin fuireach còmhla riutha, air neo boireannach fhaighinn a choimheadadh as an dèidh fhad’s a bhiodh e fhèin aig muir.
An dèidh beachdachdadh air a seo airson beagan làithean rinn e suas inntinn gum b’fheàrr dha fuireach air tìr air a’ gheamhradh gus a faigheadh e air gnothaichean a chur air dòigh ro àm dol gu muir as t-Earrach. Ach, bha aige ri bruidhinn ri Ruairidh a dh’innseadh dha gu feumadh e fear eile chur na àite sa bhàta.
“Fiach a faigh thu duine aig a bheil beagan eòlais air iasgach,” thuirt Ruairidh. “Tha Cailean Dhòmhnaill Iain Mhòir a’ dol a-mach an àite Thorcaill ach ged a bha Cailean ùine fhada air muir domhain, cha robh e riamh ri iasgach. Chan urrainn dhomh fear eile a thoirt leam a tha aineolach air iasgach.”
Rinn Dòmhnall dìcheall gu dèanamh mar a dh’iarr Ruairidh. Bha duine no dhithis an Tàbost a bha deònach gu leòr ach cha robh eòlas aca. Na h-iasgairean aig an robh eòlas, bha àit ac’ ann am bàtaichean mar tha. Ach, mu dheireadh, chual’ e gu robh fear an Cromòr a bha coimhead airson obrach agus chaidh e as a dhèidh gun dàil. Bha Ruairidh glè thoilichte nuair a chual’ e cò a bha a’ dol còmhla ris, oir bha fhios aige gu robh Niall Dubh eòlach gu leòr air bàtaichean agus air iasgach.
Chòrd geamhradh aig an taigh glè mhath ri Dòmhnall. Bha a sheanair, ged a bha e aosda, comasach air cuideachadh a thoirt dha mun taigh, ach cha robh a’ chailleach air cothrom mòran a dhèanamh. Dh’ionnsaich Dòmhnall gu leòr mu chòcaireachd air a’ gheamhradh ud. Uair san t-seachdain bheireadh e cuairt a-mach a Ghrabhair, a
chur seachad beagan ùine còmhla ri Torcall, a bha nis air tòiseachadh air faighinn seachad air a chois bhriste. An dràsda ’s a-rithist dheigheadh e steach a shealltainn air Seònaid. Bha e a’ faicinn gu robh fìor aithreachas oirre airson na gòraich’ a leig i oirre fhèin an Inbhir-Uige. Bha i fhèin agus esan a-nis a’ fulang airson na gòraich’ a bha sin.
Aon oidhche, agus e staigh còmhla ri Seònaid thuirt Dòmhnall rithe gu robh thìde aice maitheanas iarraidh air airson a gòraiche.
“Chan eil mi airidh air maitheanas, agus cha bhiodh e ceart dhomh iarraidh.”
“Mur a h-iarr thusa e, feumaidh mise a-rèisde a thoirt dhut gun thu iarraidh idir. A bheil an fhàinne air lorg agad?”
“Tha i agam air sreang mum amhaich.”
“Thoir dhomh i.”
“Fiach, a Dhòmhnaill, nach dèan thu càil airson an gabh thu aithreachas. Chan eil annamsa ach droch bhoireannach, agus cha bu chòir dhut gnothach a ghabhail ri mo leithid-sa.”
“Chan fhaod thu bhith bruidhinn mar sin mun bhoireannach a tha mise a’ dol a phòsadh. Rinn thu ceàrr gun teagamh, agus dh’ fhulaing sinn le chèile airson sin, ach chan eil math dhuinn a bhith a’ fulang fad ar beatha airson aon fheasgair de dh’amaideas. Thug mise ùin’ a’ beachdachadh mun seo, ach tha mi nise cinnteach gu bheil mi airson do phòsadh.”
Thug i dha an fhàinne, ag radh, “Ma tha thusa deònach air tè cho neo-airidh riumsa a phòsadh, bhithinn-sa glè ghòrach nan diùltainn thu, gu h-àraid seach gur tu mo roghainn de na thachair rium a-riamh.”
Chuir Dòmhnall an fhàinne mu meur.
“Tha an fhàinne a-nis far am bu chòir dhi a bhith. Cuiridh mi tèile mud mheur cuideachd a dh’ùin’ gun a bhith fada.”
Fagaidh sinn an còrr dhen chonaltradh a bh’eatorra gun bhruidhinn air. Mus robh an oidhche a-mach rinn iad suas gum pòsadh iad mu dheireadh na bliadhna.
Nuair a chaidh Dòmhnall air ais a Thàbost, bha a sheanmhair a’ faireachadh tinn, agus bha e follaiseach nach biodh i fada beò. Ach cha robh i air a tuigse a chall, oir, nuair a chaidh Dòmhnall a-steach thuirt i ris gum bu chòir dha maitheanas a thoirt do Sheònaid, agus am pòsadh a dhol air adhart. Rinn i mòr ghàirdeachas nuair a dh’innis Dòmhnall dhi gu robh e fhèin agus Seònaid air là a’ phòsaidh a shuidheachadh air a’ chuairt ud a Ghrabhair.
Phòs Dòmhnall agus Seònaid seachdain ro là na Nollaige sa bhliadhna 1935. Cha do rinn iad cuirm mhòr airson na bainnse, ach
chruinnich beagan dhe na càirdean ann an taigh Alasdair agus a-rithist ann an Tàbost.
title | II. Mairead Og – Caibeidil 2 |
internal date | 1990.0 |
display date | 1990 |
publication date | 1990 |
level | |
reference template | MacMhaoilein A’ Sireadh an Sgadain %p |
parent text | A’ Sireadh an Sgadain |