Caibidil 3
Cha robh e fada gus an do chruinnich an teaghlach a-rithist an Tàbost airson adhbhair nach robh cho sòlasach, oir bhàsaich a’ chailleach goirid an dèidh na bliadhn’ ùire. Thàinig Coinneach dhachaidh gu tiodhlaiceadh a sheanmhar, mar a thàinig càch. Bha e fhathast ag obair an gàrradh Mhic ’llle Dhuinn an Glaschu. Ged a bha seòrsa de dh’eagal air gun cailleadh e obair nuair a dheigheadh am bàta mòr, an “Queen Mary” a chrìochnachadh bha e ann fhathast, agus bha e a-nis a’ cluinntinn tuairisgeil gu robh iad an dùil tè mhòr eile a thogail. Bha dòchas aige gun cumadh seo obair ris airson beagan bhliadhnachan.
Bha Ruairidh a’ faicinn mar a bha cùisean a’ dol san Roinn-Eòrpa. Bha a’ Ghearmailt agus an Eadailt air fàs buaireanta agus bha a-nis ceannairc ag èirigh san Spàinnt. Bha Ruairidh a’ cuimhneachadh air mar a chaidh athair a tharraing a-steach a Chogadh a’ Chèiseir agus e air a bhith greis san ospadal an Gosport. Cha robh Ruairidh a’ faicinn gu robh cogadh a’ dol a dhèanamh feum’ air bith do dhuine beò, agus bha e airson a h-uile dìcheall a dhèanamh gus nach biodh e fhèin no duine dhen teaghlach air an tarraing a-steach a bhuaireadh sam bith a bheireadh Hitler, Mussolini, no Franco mun cuairt. Bha e a’ meòmhrachadh leis fhèin: “Saoilidh mi gum bi mi fhìn, Dòmhnall agus Torcall ceart gu leòr – bidh an rìoghachd ag iarraidh èisg. Ach Coinneach – bidh iad ag iarraidh barrachd bhàtaichean na bha iad a-riamh ma chaillear feadhainn tro chogadh; ’s dòcha gum bi Coinneach a-mach as cuideachd. Na boireannaich – bidh iad a’ togail bhoireannach ma thig buaireadh, ach cha bhi màthraichean mar Anna, Màiread agus Seònaid. Ach dè mu dheidhinn Iseabail – agus Seonag, ged nach eil i ach dusan bliadhna? Feumaidh mi bruidhinn riutha mu dheidhinn seo.”
Bhruidhinn e riutha gu lèir aig àm suipeireach aon oidhche mu na smuaintean a bh’aige, a’ toirt rabhaidh dhaibh mu dheidhinn a’ bhuairidh a bha e a-nis cinnteach a bha gus a thighinn orra. Dh’innis e dhaibh na beachdan a bh’aige fhèin, ’s aig athair roimhe, mu chogadh. Thuirt e ri Iseabail gum b’ise an t-aon aca aig nach robh dòchas sam bith gum faigheadh i air fuireach a-mach as a’ bhuaireadh nam fuireadh i san obair san robh i, agus thug e comhairl’ oirre,
oidhirp a dhèanamh air obair eile a lorg – obair sam fàgar i nan tigeadh cogadh.
Thionndaidh e an sin ri Seonag. “A Sheonag, ged nach eil thusa ach dà bhliadhna dheug, tha an t-àm dhut a bhith a’ smaoineachadh air na nithean seo. ’S iongantach mur a bi thu aosd’ gu leòr airson do thogail dhan arm mus tig crìoch air na buairidhean a tha a’ cur na Roinn Eòrp’ troimh chèile.”
“Bidh sia bliadhn’ eile mus bi mise cho aosd ’s gun cuir iad dragh ormsa, agus ’s cinnteach gum bi an aimhreit seachad ro 1942.”
“Cha robh mise ach dusan bliadhna nuair a bhruidhinn m’athair rium mar a tha mise bruidhinn riutsa. Cha do rug Cogadh a’ Chèiseir ormsa ach cha deach e fada bho ghreim fhaighinn orm. Cha tèid seo seachad cho luath ri Cogadh a’ Chèiseir.”
Lean Ruairidh air adhart ri Coinneach:
“Fiach thusa, a Choinnich, gu fuirich thu far a bheil thu. ’S iongantach gun cuir iad dragh air duine a tha ag obair aig togail bhàtaichean, mar a tha mi an dòchas nach cuir iad dragh air iasgairean.”
Cha robh Coinneach idir a’ dol le na bha Ruairidh ag ràdh.
“Ge tà, a Ruairidh, ma thig naimhdean a-steach a Bhreatainn, feumaidh daoine seasamh romhpa, air neo bith sinn fo na casan aca.”
“Chan eil an sin ach mealladh a tha an luchd riaghlaidh, de gach pàrtaidh poiliticeach, a’ cur dha na cinn againn. Chan eil e a’ dèanamh eadar-dhealachaidh sam bith dhuinne cò a tha gar riaghladh. Na faigheadh Hitler làmh an uachdair oirnn, bhiodh cùisean duilich dhuinn airson bliadhna no dhà, ach cha bhiodh ar beath’ ann an cunnart, agus cha bhiodh duine ag iarraidh ormsa a dhol a mharbhadh Ghearmailteach – seadh Gearmailtich nach do rinn cron a-riamh dhomh. An ceann bliadhna no dhà bhiodh sìth air an Roìnn-Eòrpa, agus bhiodh gach duine saor gu dhol air adhart le a ghnothaichean fhèin, gun dragh a bhith aige do chogadh no do phoilitics.” Dh’fhuirich Coinneach na thàmh gus am faiceadh e an robh duin’ eile a’ dol le Ruairidh, no a’ dol a bhruidhinn an aghaidh na bha e ag ràdh. Cha robh. An sin thuirt e,
“Tha mi a’ faicinn nach eil duin’ agaibh a’ dol a chur an aghaidh na tha Ruairidh ag ràdh. A bheil sibh gu lèir dhen aon bheachd?”
“Tha mise, co dhiù, a’ dol le Ruairidh,” fhreagair Dòmhnall.
“Cha tug mise mòran smaoin dhan cheist,” thuirt Torcall, “ach saoilidh mi gu bheil ciall sna tha Ruairidh ag ràdh.”
“Ma tha sibh gu lèir dhen bheachd sin,” fhreagair Coinneach, “feumaidh mi fhìn cliù an teaghlaich a chumail suas. Ma thig cogadh air an tìr, feumaidh mise gabhail dhan arm.”
Ann an cala Steòrnabhaigh
“Ma tha thu dhen bheachd sin,” thuirt Ruairidh, “chan eil mise a’ dol a dhèanamh an còrr oidhirp air do thoirt às do bheachd. Ma thèid thu ann tha mi an dòchas gun tèid gu math dhut agus gun tig thu às gu sàbhailt, agus bu mhath leam sin a ràdh ri fear no tè sam bith a thèid a thogail, a dheòin no a dh’aindeoin, dhan chogadh a tha cinnteach a thighinn oirnn.”
Rugadh Alasdair Dhòmhnaill toiseach a’ Mhairt, 1936. Alasdair Dhòmhnaill Sheumais chanadh daoine ris. Fhuair e còir laghail air an ainm sin ged nach robh còir moralta aig’ air. Ghabh Dòmhnall ris mar mhac, agus chan aithnicheadh duine, anns na bliadhnachan a bha e ag èirigh suas, nach b’ e Dòmhnall athair anns a h-uile seadh.
Thàinig an t-Earrach agus bha ‘Màiread Og’ air a dèanamh deiseil gu dhol gu iasgach a-rithist. Bha Dòmhnall agus Torcall deiseil gu dhol innte.
Ged a bha Cailean toilichte gu leòr àite a thoirt air ais do Thorcall, cha robh Ruairidh idir airson Niall a chall as an sgiobadh, agus nuair a chual’ Niall gu robh fear de na gillean òga an dùil a dhol a Ghlaschu a choimhead airson obrach, dh’fhuirich e còmhla riutha.
Nuair a thòisich iasgach an t-samhraidh, agus a thòisich iad a’ dol a Steòrnabhagh thug iad an aire gu robh Iseabail a’ tighinn a-nuas a shealltainn orra na bu trice na b’àbhaist dhi. Thug iad greis mun do thuig iad dè a bha ga tarraing chun a’ bhàta cho tric, ach mu dheireadh rinn iad a-mach gur e Niall a bha ga tarraing.
Aon oidhche ’s iad air tìr an Steòrnabhagh seach gu robh càradh a dhìth air èinsean a’ bhàta, chaidh Dòmhnall agus Torcall dhan Taigh-Dhealbh a bha air ùr fhosgladh air Sràid a’ Mhuil-a- Deas. Nuair a bha a’ chiad dealbh seachad agus a chaidh na solais air, thug Torcall an aire gu robh Iseabail agus Niall nan suidhe beagan sìos air am beulaibh. Choinnich iad a chèile nuair a chrìochnaich an dealbh, agus dh’innis Iseabail dhaibh gu robh Niall air fàinne a thoirt dhi agus gu robh dùil aca pòsadh a dh’aithghearr.
Dh’fhàg Seonag an taigh aig aois glè òg. Cha robh i ach dusan bliadhna nuair a chaidh i dhan àrd-sgoil an Steòrnabhagh, agus b’fheudar dhi a dhol a dh’fhuireach ann a ‘Hostel’ airson clann nighean sgoile. Bhiodh i a’ tighinn glè thric chun a’ bhàta nuair a bhiodh an cianalas a’ cur dragh’ oirre. Dh’fhàg seo Màiri na h-aonar san taigh mhòr, agus thug i tairgs’ a-rithist do Ruairidh, ag ràdh gum biodh esan na b’fheàrr ann an taigh na bu mhotha, agus, cuideachd, gum biodh an taigh beag san robh Ruairidh na b’fheàrr dhìse. Dh’aontaich Ruairidh rithe an turas seo agus thuirt e gun dèanadh iad imrich nuair a thigeadh e fhèin dhachaidh an dèidh iasgach an t-samhraidh.
“Cùm seo agad fhèin airson seachdain no dhà,” thuirt e rithe. “Tha dùil aig Anna ri pàisde eile, agus nuair a thig e bidh feum againn air taigh nas motha na an t-àite beag a tha seo.” Cha robh e airson an naidheachd innseadh dhan mhòr shluagh gus am biodh e aithnichte do dhuine a bheireadh sùil air Anna, ach an uair a chaidh e a Steòrnabhagh a-rithist, thachair e ri Iseabail, agus dh’innis e dhìse mar a bha.
“Ma tha dùil agadsa Niall a phòsadh a dh’aithghearr, b’fheàrr dhut d’obair fhàgail an Steòrnabhagh, agus a thighinn dhachaidh gus cuideachadh a thoirt do Anna, nuair a bhios a h-àm gu bhith faisg. Bhiodh tu nad chuideachadh mòr do Anna, agus chitheadh tu air do shon fhèin na bhios an urra riut mar bhean Nèill.”
“Tha mi smaoineachadh gun dèan mi sin. Innsidh tu fhèin dhomh cuin bu chòir dhomh sguir an seo, ach cuimhnich gu feum mi fios a leigeadh dhan chaillich mìos mus fhàg mi, gus a faigh i air tèile a ghabhail nam àite.”
“Glè mhath, ma tà. Bheir mi fios dhut an deagh thìde.”
Bha Iseabail a-nis na boireannach eireachdail, grinn agus socair na dòigh. Cha robh mòran aice ri ràdh aig àm sam bith, ach, na chanadh i, bha, mar bu trice, brìgh agus susbaint ann. Bha e mar chleachdadh aice, aon fheasgar san t-seachdain, a bhith coinneachadh ri Seonag on bha i a-nis a’ fuireach an Steòrnabhagh. Bhiodh iad mar bu trice a’ dol a-steach a bhùth Capaldi, a ghabhail cupa cofaidh, agus
bhiodh iad a’ bruidhinn air gach nì a bha tachairt dhaibh, agus air gach naidheachd a thigeadh thuca à Grabhair. Bha beagan atharrachaidh air a thighinn air Seonag o thàinig i a Steòrnabhagh. Fhad’s a bha i aig an taigh, bha a màthair buailteach air a bhith ro bhàigheil ris an aon leanabh a bh’aice, agus mar sin bha Seonag a’ faighinn tuilleadh ’s a’ chòrr dhe a toil fhèin. Am measg teaghlach Sheumais on chiad bhean, bha i na h-isean-deireadh-linn, le bràithrean agus peathraichean a bha aosda gu leòr a bhith nam pàrantan dhi, agus bha iadsan cuideachd buailteach a bhith cho math dhi ’s nach robh càil a bha i ag iarraidh nach fhaigheadh i nam biodh iad comasach air a thoirt dhi.
Ach bha Steòrnabhagh air dearbhadh oirre nach b’urrainn do chùisean leantainn mar sin. Bha i a-nis a’ fuireach còmhla ri suas ri dà fhichead nighean a bha, mar a bha i fhèin, air tighinn a-steach dhan bhaile, cuid ac’ air am milleadh le pàrantan agus bràithrean ’s peathraichean aosda, mar a bha i fhèin, agus thuig i glè luath nach biodh dùil aice a toil fhèin fhaighinn am measg na cuideachd sin. Bha i air fàs na nighinn ghasda, thlachdmhoir, agus bha i fhèin agus Iseabail nan companaich da chèile, ged a bha naoi bliadhna deug eadar na h-aoisean aca.
Aon fheasgar Diciadain, choinnich iad mar a b’àbhaist am bùth Chapaldi, agus dh’aithnich Seonag gu robh naidheachd air leth cudthromach aig Iseabail dhi.
“Tha rud agam ri innseadh dhut,” thubhairt Iseabail.
“Dh’aithnich mi nuair a thàinig tu steach gun robh rudeigin a-mach as an àbhaist agad, ach na cùm nas fhaide e. A-mach leis.”
“Tha mi a’ dol a phòsadh.”
“Cò? agus cuine?”
“Tha mi a’ dol a phòsadh Nèill Dhuibh. Aithnichidh tu e, Niall a tha sa ‘Mhàiread Og”. Cha do rinn sinn an àirde fhathast cuin, ach tha mi a’ smaoineachadh gur ann nuair a sguireas an t-iasgach aig deireadh an ath shamhraidh.”
“Fiachaibh nach pòs sibh fhad ’s a bhios mise trang le deuchainnean na sgoile. Chan fhaod thu pòsadh gun mise bhith aig a’ bhanais.”
“Chan fhaod gun teagamh sam bith. Feumaidh mi maighdean-phòsaidh a bhith agam, agus chan aithne dhomh tè a b’fheàrr a dhèanadh sin na thu fhèin.”
“Chan eil fhios agamsa dè a bhiodh agam ri dhèanamh. Feumaidh tu fhèin innseadh dhomh.”
“Innsidh mi fhìn dhut a h-uile càil mu dheidhinn. Tha mi a’ smaoineachadh gum bi banais no dhà eile ann gus am faigh thu cuireadh mum pòs sinne, agus faodaidh tu a bhith coimhead dè a
bhios a’ mhaighdean-phòsaidh a’ dèanamh. Tha tìde gu leòr agad gu ionnsachadh.”
“Tapadh leat, Iseabail, airson iarraidh orm. Bidh mi ro-thoilichte seo a dhèanamh dhut, agus tha mi an dòchas gun dèan mi gach nì mar as còir dhomh. Tha mi an dòchas, cuideachd, gum bi thu fhèin agus Niall glè shona còmhla ri chèile airson iomadh bliadhna.”
“Bha rud eile a bha dùil agam innseadh dhut, ach chaidh e as mo chuimhne gu seo. Tha dùil agam sguir a dh’obair an Steòrnabhagh toiseach an Earraich agus a dhol a Ghrabhair còmhla ri Ruairidh agus Anna gus am bi àm dhomh dèanamh deiseil airson a’ phòsaidh.”
“Tha sin math dha rìribh, oir bidh mi fhìn an Grabhair bho dheireadh an Og-mhìos gu meadhon an Lùnasdail, agus faodaidh sinn gnothaichean a chur air dòigh còmhla ri chèile”.
title | II. Mairead Og – Caibeidil 3 |
internal date | 1990.0 |
display date | 1990 |
publication date | 1990 |
level | |
reference template | MacMhaoilein A’ Sireadh an Sgadain %p |
parent text | A’ Sireadh an Sgadain |