[69]

Caibidil 4

Goirid an dèidh na bliadhnùire thuirt Ruairidh ri Iseabail gu robh athìdaice innseadh dhan chaillich gum biodh i afàgail a h-àite aig deireadh aGhearrain. Bha a-nis fios aig na h-uile carson a bha i afàgail a h-àite cho tràth ged nach robh i apòsadh gu Foghar. Thuirt Seonag rithe gun tugadh i fhèin dhi cuideachadh ag altrumas pàisde Ruairidh nuair a dheigheadh i dhachaigh aig làithean saora na Càisge, agus a-rithist as t-Samhradh.

Rugadh Catrìona Ruairidh mu mheadhon aMhàirt. Bha Anna agus an leanabh glè mhath. Burrainn do Anna tìde gu leòr a ghabhail airson faighinn seachad air a saothair seach gu robh Iseabail ga cuideachadh, agus dhfhuirich i san leabaidh airson beagan làithean. Nuair a fhuair an sgoil làithean saora na Càisge, thàinig Seonag dhachaigh. Cha do rinn i càil ach a màilead a thilgeadh a-steach air an doras, nuair a bha i mach a-rithist ach am faiceadh i Catrìona agus ciamar a bha Iseabail adèanamh achùis acumail taighe an Grabhair an dèidh a bhith cho fada an Steòrnabhagh.

mar a tha e còrdadh riut a bhith an seo?” dhfhoighnich Seonag.

Tha mi adèanamh na bbheàrr na bha dùil agam. Ach tha mi toilichte an cothrom seo fhaighinn air cumail taighe do Ruairidhs do Anna mun tèid mi a-steach a Chromòr a chumail taighe do Niall.”

Tha fadachd orm fhìn gu faigh mi air a dhol a shealltainn ort nad thaigh fhèin nuair a thig mi a-nall aig àm na Nollaige. Ach bidh tu air eòlas fhaighinn air Cromòr ron àm sin.

Rinn am bàta iasgach math air an t-samhradh ud, agus bha iad deiseil gu banais mhòr a dhèanamh do Iseabails Niall. Ged a bha Iseabail a-nis bhliadhna dheug air fichead bha i na bean-òig eireachdail agus cha shaoileadh tu ri coimhead oirre gun robh i abheag a bharrachd air fichead. Rinn Seonag a dìcheall gu coimhead rudeigin na baosda na bha i, gus nach biodh uiread a dheadar-dhealachadh eadar na h-aoisean aca, agus aig abhanais chanadh strainnsear nach robh ach mu chòig bliadhna eadar an dithis aca.

An dèidh aphòsaidh an Eaglais na Lice Bàine, chruinnich sluagh mòr aig taigh Ruairidh far an robh cuirm shòghail air ullachadh. Be Màiri agus Màiread a dhullaich achuirm le cuideachadh bho


[70]

Sheonag agus bho ghrunnan de bhoireannaich eile abhaile. Bha Niall agus Iseabail an ceann abhùird; bha Seonag ri taobh Iseabail, agus Murchadh, bràthair Nèill, air an taobh eile do Niall.

Aig gach banais eile a bhanns an taigh, chaidh an sabhal mòr a ghlanadh a-mach airson an dannsaidh, ach, an turas seo, rinn iad beagan na bfheàrr na sin, oir fhuair iad cothrom an danns a dhèanamh san sgoil, on a bha i cho faisg. Lean achuirm agus an danns ùine mhòr dhen oidhche. Bha gu leòr de bhiadh ann, oir bha na boireannaich air a thoirt aspìonadh agus abruicheadh chearc, agus bha Ruairidh, Dòmhnall, agus Niall fhèin, air mult am fear a mharbhadh airson na cuirme. Bha ceòl gu leòr ann airson an dannsaidh. Bha Pàdraig Mòr agus Calum Beag le pìob mhòir am fear, agus bha bocsa ciùil beag aig duine no dhithis dhe na gillean òga bha làthair.

Mun àm san robh gu bristeadh bha Iseabail agus Niall air fàs sgìth. Fhuair iad air falbh bhon chuideachd agus chaidh iad dhan leabaidh an taigh Màiri. Bha Màiri air a ràdh riutha nach biodh i fhèin no Seonag acur feumair an taigh gum biodh greis mhath dhen air a dhol seachad.

Làrna mhàireach chaidh Iseabails Niall, agus na dlùth chàirdean air gach taobh, a-steach a Chromòr, far an robh cuirm eile air ullachadh. Cha robh achuirm seo, abhanais taighe, cho mòr ris an a bhann an taigh Ruairidh, ach bha mòran dhe na càirdean ann, agus na daoine ann an Cromòr nach dfhuair air a dhol a Ghrabhair.

Chì mi sibh aig àm na Nollaige,” thuirt Seonag ri Iseabail aig àm dealachaidh, “agus bidh tu an uair sin nad dheagh bhean-taighe.”

Feumaidh tu achuid as motha ded làithean saora a chur seachad an Cromòr,” thuirt Niall rithe.

O, feumaidh mi làithean a chur seachad còmhla ri mo mhàthair, ach tha mi airson an còrr dhen tìde a chur seachad an seo.”

Nuair a thàinig Seonag a Chromòr aig àm na Nollaig thuirt Iseabail rithe, “Cha robh dùil agamsa gum pòsainn a chaoidh, oir bha dùil agam nach còrdadh e idir rium a bhith acumail taighe ann am fear de bhailtean Sgìre na Pàirce, ach tha mi afaighinn air adhart math dha-rìribh ann an seo; tha na boireannaich a tha mun cuairt orm an seo glè ghasda, agus furasda eòlas a chur orra. ’S e baile taitneach a thann an Cromòr.”

Bha Coinneach aig an taigh airson banais Iseabail. Nuair a bha e fhèin agus Ruairidh leò fhèin aon dhfhoighnich Ruairidh dha an robh e fhathast dhen aon bheachd mun chogadh. “O gu dearbha tha,” fhreagair Coinneach, “agus chan eil mi atachairt ri mòran a tha dhen bheachd agadsa. Tha a h-uile duine a tha ag obair còmhla


[71]

Acutadh ann an Steòrnabhagh


[72]

riumsa dhen aon bheachdgum feum iad gach dìcheall a dhèanamh gus an rìoghachd a chuideachadh ma thig cogadh, ged a tha cuid dhen bheachd nach eil cuideachadh ann as fheàrr na fuireach far a bheil iad gus tuilleadh bhàtaichean a thogail. Tha mi atuigse mar a tha iad sin asmaoineachadh, ach air mo shon fhìn tha mi afaicinn gur ann san arm as fheàrr a mise seirbhis dhan rìoghachd.”

Tha mi atuigse na tha thu ag ràdh, a Choinnich, ach cha do dhatharraich mo bheachd-sa. Tha min dòchas gun tèid gu math dhutsa san arm, ach mise mo dhìcheall gus an còrr dhen teaghlach a chumail a-mach às, agus fiachaidh mi fhìn ri fuireach aig mobair làthail cho fads a thèid mfhàgail ann. Chan eil mi afaicinn ciall sam bith ann an cogadh. Cha bhi Breatann no rìoghachd sam bith eile càil nas fheàrr dheth as dèidh cogaidh, agus bidh iad uile nas miosa dheth san t-seagh gun caill iad mòran dhe òigridh na rìoghachd. Fuiridh mise a-mach às ma ghabhas e dèanamh.”

Fuirich thusa nad bheachd fhèin, a Ruairidh, agus fuiridh mise nam bheachd fhìn, ach cha tèid sinn far a chèile mu dheidhinn.”

O, gu dearbha cha tèid.”

Thàinig 1939 a-steach gun chùisean san Roinn-Eòrpa air a dhol càil na bfheàrr.. .. Bha Austria agus colb mòr dhe Czechoslovakia aig aGhearmailt air an slugadh suas, agus bha Hitler a-nis amaoidheadh air achòrr dhe Czechoslovakia agus air Pòland. Nuair a thill Chamberlain à Munich lePeace in our time’, cha robh mòran san rìoghachd acreidsinn gun robh sìth gu bhith ann -rìribh.

Ann an Grabhair bha beatha an t-sluaigh adol air adhart mar a bàbhaist. ’S e an t-aon rud a-mach as an àbhaist a thachair gun robh còignear eile air an cur ri sliochd Sheumais Ruairidh. Bha leanabh aig Màiread, aig Anna, agus aig Seònaid air abhliadhna 1939; rinn Iseabail na bfheàrr na iad, oir bha càraid aicese.

Rugadh Mòr Thorcaill toiseach na bliadhna, san Fhaoilleach, agus, an ath mhìos, Murchadh Ruairidh. Anns aChèitean, chuir Alasdair Dhòmhnaill fàilte air a phiuthar, Màiri, ’s anns an Og-mhìos, an Cromòr, a rugadh Seumas Nèill Dhuibh, agus a phiuthar Ciorstaidh. Bha iad uile an deagh shlàinte ged a bha iomnaidh orra gu lèir mu Iseabail, le càraid aig ceithir bliadhna deug air fhichead, agus gun leanabh air a bhith aice ro seo.

titleII. Mairead Og – Caibeidil 4
internal date1990.0
display date1990
publication date1990
level
reference template

MacMhaoilein A’ Sireadh an Sgadain %p

parent textA’ Sireadh an Sgadain
<< please select a word
<< please select a page