[73]

Caibidil 5

Chaidh an samhradh ann an 1939 seachad, ’s cùisean acoimhead na bu mhì-ghealltanaiche na bha iad a roimhe. Toiseach an t-samhraidh chaidh na balaich a bhanns an R.N. R. a thogail. Chaidh iad uile a-null a Steòrnabhagh ach an dèidh dhaibh am baile a ruighinn, dhinnseadh dhaibh nach robh iad adol a dhfhalbh buileach fhathast, agus chaidh iarraidh orra tilleadh dhachaigh. Cha robh dòigh ann air tilleadh dhachaigh gu feasgar agus chuir mòran dhe na gillean seachad an sna taighean-òsda an Steòrnabhagh. Chualas an dèidh seo feadhainn dhe na gillean abruidhinn air an seo marAn a thug iad na balaich a-null a dhòl.”

Ach, mar tha fhios aig na h-uile, air an treas dhen t-Sultain bha Breatann ann an cogadh ris aGhearmailt. Chaidh balaich an R.N. R., agus feadhainn eile a bhanns naTerritorialsa thogail dhan t-seirbhis air ball, agus bha feadhainn eile, a bha aig aois fhreagarraich airson an airm, dhen bheachd nach deigheadh am fàgail glè fhada far an robh iad. Bha dithis dhe na gillean òga an sgiobadh abhàta air gabhail anns an R.N. R. agus mar sin bfheudar coimhead airson feadhainn a ghabhadh an àite. Bha eagal air Ruairidh gun tigeadh air dithis nach robh eòlach air iasgach ionnsachadh, ach bha e cho fortanachs gun dfhuair e aon fhear a bhair a bhith ag iasgach ann am bàteile, còmhla ri òganach aig nach robh eòlas air muir no air iasgach, ach a bha glè ghealltanach.

Bha òrdagh teann air a thoirt seachad mu sholais aig muir, agus bha duilgheadas aig sgiobadh abhàta faighinn suas ri bhith siubhal chuan gun sholais chearta, ach cha robh iad idir fada afaighinn a-steach dhan chleachdadh a bhith acumail barrachd luchd faire air deac tron oidhche. A-bhàrr air seo, cha robh an cogadh acur mòran draghair an dòigh beatha a bhaig na h-iasgairean. Cha robh e fada gus an robh am fear òg san sgiobadh air ionnsachadh a bhith na iasgair math fo stiùireadh Ruairidh.

Mar a thuirt Coinneach rinn e; ghabh e dhan arm an an dèidh dhan chogadh tòiseachadh. Thug e greis ag ionnsachadh am Fort George, faisg air Inbhirnis, ach tràth air abhliadhna 1940 chaidh a chur a-mach dhan Ear Mheadhonach gu bhith deiseil airson crìochan na h-Eiphit a dhìon nuair a thigeadh an Eadailt a-steach dhan


[74]

chogadh air taobh na Gearmailt.

Cha robh càil atachairt a thaobh achogaidh airson beagan mhìosan ach san Og-mhìos thàinig an Eadailt a-steach dhan chogadh mar a bha dùil agus thug iad ionnsaigh air crìochan na h-Eiphit bho Libya. Bha an cogadh adol air ais agus air adhart eadar Mersa Matruh agus Benghazi agus nuair a bhruthadh air ais an t-arm Breatannach as t-Earrach 1941, bha Coinneach am measg na chaidh fhàgail glaiste a-staigh an Tobruk. Cha robh mòran fois aig na saighdearan an Tobruk fhads a bha an nàmhaid acuairteachadh an àite. Cha robh dòigh air am faighte biadh, no leasachadh eile a bhiodh a dhìth, gu Tobruk ach le bhith acur destroyers no bàtaichean luatheile bhon Chabhlach Rìoghail a-steach dhan chala aig meadhon oidhche. Dhfheumadh an uair sin gach duine a bha san àitesaighdear no seòladaira bhith ag obair cho luaths a ghabhadh e dèanamh gus am faigheadh iad air am bàta fhalamhachadh gu tìde a thoirt dhi a dhol a-mach as achala agus greis air a slighe gu Alexandria mus fhàsadh e cho soilleirs gu faigheadh soithichean-adhair Gearmailteach ionnsaigh a thoirt oirre. Chan e nach fhiachadh an nàmhaid oirre tron oidhche, ach cha robh e cho furasda bàta lorg san dorchadas. Bho àm gu àm dheigheadh dhe na bàtaichean a bha air an t-slighe thuca a chur fodha, agus nuair a thachradh sin bhiodh iad afaireachadh gainne de iomadh .

Mu dheireadh fhuair iad faochadh, nuair a rinn arm Bhreatainn ionnsaigh eile, agus a fhuaireadh air slighfhosgladh, chan ann a-mhàin gu Tobruk, ach suas gu Benghazi agus beagan seachad air a sin. Fhuair Coinneach an sin beagan fòrlaigh air an robh e glè fheumach. Cha burrainn dha a dhol dhachaidh, ach chuir e seachad sheachdain an Cairo agus air bàtair abhainn Nile. Chòrd e ris gu mòr a bhith air falbh bho fhuaim ghunnachan agus thòisich e a-rithist asmaoineachadh air na bha a bhràthair, Ruairidh, ag radh ris mu chogadh. “Nach truagh a-nis nach do dhèisd mi ris na bha Ruairidh ag ràdh. Bha e ceart. Cha dèan an cogadh a tha seo feum do dhuine sam bith. Tha mi seachd sgìth dheth, aguss tric a bhios mi asmaoineachadh air aGhearmailteach a mharbh mi ann an Tobruk. ’S e coltas gille snog a bhair, ach dhfheumainn a mharbhadh air neo bha esan air mise a mharbhadh. ’S e mallaichte a thann an cogadh. Ma chì mise Ruairidh tuilleadh feumaidh mi aideachadh gu robh e ceart.”

Nuair a bha am fòrlagh aig Coinneach seachad thug e greis an Cairo mun deach a chur a-rithist suas dhan Fhàsach an Iar. Bha 1942 air tighinn a-steach, agus bha gach coltas gu robh Rommel adèanamh airson ionnsaigh eile a thoirt orra. Chaidh fìor ruaig a chur


[75]

air an arm Bhreatannach an turas seo, agus cha do stad an ruaig gus an robh iad aig El Alamein, glè fhaisg air bailtean mòra na h-EiphitCairo agus Alexandria; agus rud a bu mhiosa, cha robh iad ro fhada bho Chanala Suez. Ach rinn MacGumaraid seasamh an sin agus cha deach Rommel na bfhaide.

Nuair a thàinig Coinneach a Chairo an turas seo, fhuair e òrdagh a dhol gu Haifa oir bha a-nise soithichean na Cabhlaich adèanamh an dachaidh ann a Haifa, on bha Alexandria ro fhaisg air El Alamein. Bha e gu ìre bhig socair ann a Haifa, gun mhòran acur draghair ach ionnsaigh bho fheachd-adhair na Gearmailt bho àm gu àm. Bha Coinneach ann a Haifa gu toiseach 1943. Chaidh Blàr Mòr El Alamein san Damhar, 1942, seachad air, agus cha robh e duilich mun sin idir.

Mu mheadhon na bliadhna chaidh Coinneach a chur air ais a Bhreatann agus fhuair e mu dheireadh air fòrlagh a chur seachad an Grabhair.

Nuair a ràinig e Grabhair, mhothaich e gu robh beagan atharrachaidh air tighinn air abhaile bho dhfhalbh e. Bha achlann a bha nan leanabain an uair sin a-nis air fàs suas. Bha Seumas Beag a-nis trì bliadhna deug, agus dùil aige, an ùinnach biodh ro fhada, an sgoil fhàgail agus àite a ghabhail na chuibhlear sa bhàta còmhla ri athair. Bha Seonag, nach robh ach còig bliadhna deug nuair a dhfhalbh e, a-nis air falbh bhon taigh agus air a togail gu seirbhis achrùin. Bha i sanWomens Royal Naval Service’, no W.R. N.S. , mar bu trica chanadh daoine riutha. Thàinig an smuain na cheann nach robh gnothach aig Seonag a bhith ceangailte ri seirbhis cogaidh, oir nach robh innte ach an leanabh: “A feum iad leanabain mar Sheonag airson an cogaidhean a shabaid dhaibh?”

S ann an taigh Ruairidh a bha Coinneach afuireach, ach chuir e roimhe gun deigheadh e a shealltainn air Màiri, gu sìth a dhèanamh rithe mu dheireadh thall. Bha Màiri a-nis trì fichead bliadhnas a seachd agus rinn i toileachas afaicinn Choinnich atighinn thuice: “Tha thu air faighinn dhachaidh slàn, fallain, agus tha mise toilichte dfhaicinn.”

Tha mise toilichte sibhse fhaicinn cuideachd. Cha robh mise glè ghasda ribh nuair a phòs sibh mathair, ach bu mhath leam gum biodh sibh deònach maitheanas a thoirt dhomh airson sin.”

Cha robh annad ach am balachan òg aig an àm sin, agus cha robh agad mu dheidhinn boireannach eile àite do mhàthar a ghabhail, ged nach robh tòrr cuimhnagad air màthair a bhith agad. Ged a tha thu nis trì bliadhna fichead, bidh feum agad air comhairle màthar fhathast agus tha mi an dòchas gun leig thu leamsa màthair a dhèanamh dhut san dòigh sin.”


[76]

Nam bithinn-sa air gabhail ribh mar mhàthair nuair a thàinig sibh dhan taigh, ’s dòcha gu robh mo bheatha air a bhith na bfheàrr na bha i, aguss dòcha gum bithinn an diugh sa bhàta còmhla ri Ruairidh, an àite bhith sa chogadh gun fheum a tha seo.

Bha e na mhòr iongnadh leam nuair a chuala mi gu robh Seonag sann W.R. N.S. . .. Cha robh i ach na pàisde-sgoile nuair a dhfhalbh mise bhon taigh, agus tha i nise acogadh ris aGhearmailt.”

Bidh dùil aig Seonag ri fòrlagh uair sam bith tuilleadh. Tha min dòchas gun tig i dhachaidh mus fhalbh thu.”

Bhithinn uamhasach toilichte Seonag fhaicinn. Bha i na nighinn ghasda, agus saoilidh mi gun do dhfhàs i suas na boireannach gasda cuideachd. Ma chluinneas sibh cuin a tha i tighinn innsibh dhomh cho luaths as urrainn dhuibh.”

An uair a dhfhag e Màiri chaidh e air ais a thaigh Ruairidh, agus fhuair e a bhràthair a-staigh na aonar. Bha e airson còmhradh a dhèanamh ri Ruairidh gun duine bhith làthair ach an dithis aca, agus chaidh e gun dàil a-steach dhan chuspair a bhair inntinn:

Nam bithinn-sa air a bhith glic, bhithinn air èisdeachd ri na bhagad ri ràdh mun chogadh nuair a bha mi aig an taigh aig banais Iseabail. Cha robh mi afaicinn gu robh ciall no gliocas às na bha thu ag ràdh aig an àm sin ach tha mi a-nis acreidsinn gu robh thu ceart às na thuirt thu.”

Cuin a thàinig thu gu bhith smaoineachadh mar seo?” dhfhoighnich Ruairidh.

Nuair a chaidh mi an sàs as achogadh aig crìochan Libya, agus a chunnaic mi gillean a bha fada na bòige na mi fhìn gam marbhadh agus gan droch leòn, thug sin orm smaoineachadh an robh ciall san rud a bha sinn adèanamh. Thuig mu gur e a bhann an cogadh ach gnothach oillteil, ach bha mi a-nis ann, agus cha robh dòigh air faighinn às. Thàinig an smuain thugam gu feumainn, de na làithean, duine a mharbhadh, air neo gu marbhadh esan mise, agus cha robh mi cinnteach an leigeadh mo chogais leam sin a dhèanamh. Aon oidhche, ’s mi afaire ann an trainnsaig crìochan Thobruk, chunna mi buidheann beag de Ghearmailtich afiachainn ri faighinn a-steach dhan bhaile gun fhios dhan luchd dìon. Bha deagh fhios agam gur e mi fhìn, am fear-faire, achiad duine a dhfhiachadh iad ri mharbhadh. Dhùisg mi fear a bha na chadal faisg orm agus dhiarr mi air an naidheachd a thoirt far am buineadh i, agus an uair sin cha robh air ach losgadh air an nàmhaid. Bha iad a-nis cho faisgs gu faicinn na peilearan abualadh. Chunnaic mi fear air a leòn sa ghàirdean. Bhuail mi an dara fear sa bhroilleach agus thuit e gu grad mar gum biodh e marbh. Bha an luchd dìon a-nis air faighinn air an


[77]

casan, agus cha bfhada gus an do chuireadh an teich air abhuidhinn Ghearmailtich.

Sa mhadainn chaidh buidheann a-mach a shealltainn an robh càil ri fhaicinn agus fhuaireadh corp an fhir a bha misair a mharbhadh tron oidhche. Chuir seo uamhas mòr orm agus thòisich mi asmaoineachadh air aghille. Be duine eireachdail, tapaidh a bhann, agus duine, tha mi cinnteach, a bha an dùil feum gu leòr a dhèanamh dhe bheatha gus an tug mise bhuaithi ann am fàsach an Afraca, nach buineadh dhonh fhìn no dhàsan. Thòisich mi an sin asmaoineachadh air na daoine a dhfhàg e as a dhèidh. Bha mi afaireachadh mar gum bithinn air muirt a dhèanamh, agus chaidh mi chun an dotair. Cha robh càil ann a burrainn dhàsan a dhèanamh dhomh ach dìreach cuimhneachadh dhomh gu robh an Gearmailteach an dùil misa mharbhadh mur a bithinn-sa air esan a bhualadh an toiseach.

Fhuair mi seachad air amhì-mhisneachd a bha seo an ceann beagan tìde, ach tha mi an dòchas nach fhaigh mi mi fhìn a chaoidh tuilleadh ann an càs sam feum mi marbhadh a dhèanamh. Ma thig a leithid orm a-rithist, chan eil mi cinnteach gun urrainn dhomh a dhèanamh ged a chaillinn mo bheatha fhìn air a sgàth.”

Cha chuala mi thu riamh adèanamh òraid cho fada siud, a Choinnich,” thuirt Ruairidh ris. “Bithidh sinn an dòchas nach tig ort acheist tha sin a fhreagairt gu bràth. A bheil thu an dùil an dèanadh e feum nan iarradh tu às an arms do chogais gad dhìteadh? Tha feadhainn afaighinn às le seo nuair a thèid an togail an toiseach ach chan eil fhios mar a dheigheadh gabhail ri seo bho dhuine a tha anns an t-seirbhis. Cha dèan e cron dhut fhiachainn co dhiù.”

Fiachaidh mi e nuair a thèid mi air ais, agus ma thèid seo nam aghaidh, chan eil ann ach aon rud eile urrainn dhomh a dhèanamh.”

tha sin?” dhfhoighnich Ruairidh.

Nuair a thig mi aghaidh ri aghaidh ris an nàmhaid a-rithist, tha mi adol a leigeadh leò mo ghlacadh, agus prìosanach a dhèanamh dhiom.”

Feumaidh tu bhith faiceallach, mun tèid do mharbhadh, no do dhroch leòn, mun tuig an Gearmailteach tha thu ag iarraidh a dhèanamh.”

O, bidh mi faiceallach gun teagamh. Tha mi air a bhith abeachdachadh mun seo o chionn greisagus afiachainn ri dòigh fhaighinn air mi fhìn a thoirt suas gu sàbhailte gun mo chompanaich aithneachadh a tha mi adèanamh.”

Tha mi an dòchas gun tèid gu math leat.”

Air mo shlighe air ais, tha mi an dùil gum bi stad ghoirid agam an Glaschu, agus bu mhath leam Seonag fhaicinn. A bheil fhios agad


[78]

Seann Taigh-sgoile Ghrabhair

cionnas a lorgas mi i?”

Thug Ruairidh dha seòladh leis an lorgadh e Seonag, agus nuair a leig Coinneach beannachd le chàirdean gu lèir dhfhalbh e air ais dhan arm, gun mòran dùil aige gum faiceadh e iad tuilleadh gus am biodh an cogadh seachad, fada no goirid gham biodh e.

Nuair a ràinig e Glaschu, fhuair e lorg air Seonag, agus cha mhòr gun dhaithnich e i. Bha am pàisde-sgoile a chunnaic e mus deach e dhan arm a-nise na boireannach eireachdail, agus bha e furasda fhaicinn gu robh an obair a bha i adèanamh acòrdadh rithe. Bha dùil aig Coinneach bruidhinn rithe mar a bha e abruidhinn ri Ruairidh, ach chunnaic e nach biodh sin gu feum sam bith.

Chaidh Coinneach gu ceann-a- deas Shasainn, agus chaidh a chur gu baile beag air aChaolas Shasannach, far an robh iad ag ionnsachadh a dhol air tìr àLanding Craftde gach seòrsa, agus a bhith deiseil gu dhol an sàs gun dàil nuair a ruigeadh iad tìr. Bha e furasda a thuigse gur ann adèanamh deiseil gu ionnsaigh a thoirt air cladach na Frainge a bha iad ag ionnsachadh na cleasachd a bha seo.

Thàinig an siathamh dhen Og-Mhìos, ionnsaigh na h-Eòrpa. Chaidh Coinneach air tìr san Fhraing beagan làithean an dèidh sin. Bha e còmhla ri buidhinn dhe chompanaich an taigh tuathanaich faisg aig Caen nuair a chunnaic iad buidheann Ghearmailteach a


[79]

tighinn orra. Loisg càch air na Gearmailtich agus chaidh fear dhiubh a leòn, ach, acuimhneachadh air Tobruk, loisg Coinneach os an cionn. Nuair a nochd tuilleadh Ghearmailtich bfheudar teiche ach fhuair Coinneach air e fhèin fhalach gus an robh na Gearmailtich air tighinn a-steach dhan taigh. Thàinig e am follais le làmhan os a chionn; bha an cogadh seachad dha.

titleII. Mairead Og – Caibeidil 5
internal date1990.0
display date1990
publication date1990
level
reference template

MacMhaoilein A’ Sireadh an Sgadain %p

parent textA’ Sireadh an Sgadain
<< please select a word
<< please select a page