Caibidil 6
Bha Ruairidh agus an sgiobadh aige a-nis air fàs cleachdte ris na dòighean ùra a dh’fheumadh iad a leantainn ri linn a’ chogaidh. Ron chogadh, nuair a chuireadh iad na lìn, dh’ fheumadh iad fear dhen sgiobadh fhàgail air deac fad na h-oidhche gu dèanamh cinnteach nach tigeadh cunnart sam bith nan còir. Ach, a-nis, cha dèanadh aon fhear a’ chùis airson seo. Dh’fheumadh iad dithis co-dhiù, agus nuair a bhiodh an oidhche dorch bhiodh triùir a’ cumail faire tron oidhche, oir cha robh de sholas aig gach bàta ga shealltainn na chitheadh iad gus am biodh i glè fhaisg orra.
Bha cuideachd mòran a bharrachd de bhàtaichean dhe gach seòrsa a’ dol sìos agus suas an Cuan Sgìth. Bha soithichean a bha an dùil a dhol tarsainn a’ Chuain Siar a’ cruinneachadh an Loch Iù agus a’ fuireach an sin gus am biodh gu leòr aca ann airson bàtaichean bhon Chabhlach a chur còmhla riutha gus an dìon bho gach cunnart a chuireadh an nàmhaid romhpa air an turas a-null. Bha seo a’ ciallachadh gu feumadh na h-iasgairean fuireach air falbh bho na ròidean mara a bha a’ dol gu Steòrnabhagh, gu Loch Iù, agus suas gu Rudha Robhanais. Bha cuideachd an ‘Ocean Vim’ ann. B’ e seo bàt’ iasgaich a bha a’ Chabhlach air a dhleasadh gu bhith a’ slaodadh thargaidean dha na bàtaichean a bha a’ toirt eolais dhan sgiobadh ac’ a bhith losgadh nan gunnachan. Gun teagamh ’s ann ris an là a bhiodh an ‘Ocean Vim’ aig muir mar bu trice, ach dh’fheumadh na h-iasgairean a bhith cinnteach gu fuireadh iad fada bhuaipe nuair a chitheadh iad i.
Duilich agus deuchainneach ’s mar a bha seo, bha aon rud co-dhiù nam fàbhar: bha prìs an sgadain fada na b’fheàrr na bha e roimhe. Bha na puirt-iasgaich air taobh-an-ear na rìoghachd ro fhaisg air an nàmhaid, agus cha robh mòran iasgaich gha dhèanamh as na puirt sin; cuideachd bha mòran dhe na h-iasgairean nam buill dhen R.N. R., agus bha iad air an togail dhan Nèbhi nuair a thòisich an cogadh. Mar sin cha robh na h-iasgairean cho pailt ’s a b’àbhaist; agus, on bha biadh eile air fàs gann air sgàth a’ chogaidh, bha barrachd dhaoine a’ tionndadh gu iasg.
Ach bha cunnartan an cois a’ ghnothaich cuideachd. Aon oidhche ’s iad air na lìn a chur faisg air Na h-Eileanan Mòra, ach faisg,
cuideachd, air an t-slighe a bh’air a thoirmisg dhaibh, dh’fhairich iad seòrsa de chrathadh a’ tighinn air a’ bhàta. Cha robh an luchd-faire air deac a’ faicinn càil ceàrr, ach bha iad a’ faireachadh a’ chrathaidh a bha seo. Chan e mhàin an luchd-faire a dh’fhairich e, dh’fhairich an fheadhainn a bha nan cadal e cuideachd, agus dhùisg e iad. Thug iad greis a’ beachdachadh air dè a dh’adhbharaich an crathadh ach, cho-dhuin iad mu dheireadh gur e bàt’ a choireigin, ’s dòcha bàt-aiginn, a chuir dragh air ceann an lìn. Chunnaic iad aig àm tarraing gu robh iad ceart sa bheachd seo oir bha an lìon a bh’air ceann amuigh an t-sreath’ air a riabadh às a chèile air dhòigh ’s nach gabhadh e càradh.
Chaidh beagan cosgais orra, a’ faighinn lìn eile an àite an fhir a riabadh, ach bha iad gam faicinn fhèin fortanach nach b’ann air meadhon nan lìon a bhuail am bàta. Nam biodh sin air tachairt, bhiodh iad air a’ chuid bu mhotha dhe na lìn a chall, agus ’s dòcha gum biodh ’s am bàta fhèin; agus bhiodh am beatha air a chur ann an cunnart, ’s math dh’fhaoidte, cuideachd.
Oidhche eile bha Dòmhnall a’ faire air deac, a’ cumail a shùla a-steach taobh cala Steòrnabhaigh, agus chunnaic e, dìreach a’ dèanamh orra, bàta mòr. Bha dòrn-leus aige na phòcaid, dìreach airson càis dhen t-seòrsa seo, agus, nuair a las e i, bha am bàta cho faisg air ’s gun do dh’aithnich e an ‘Lochness’, a bh’air a slighe dhan a’ Chaol.
Aon Dhisathairn, ’s iad air a thighinn dhachaigh, thàinig Màiri gu Ruairidh a dh’innseadh dha gu robh i air fios fhaighinn bho Sheonag gu robh dùil aice a thighinn dhachaidh air fòrlagh an oidhche sin fhèin. Cha robh an ‘Lochness’ aig an àm ud glè mhath air cumail ris na h-uairean àbhaisteach agus mar sin cha robh fhios dè na dheigheadh seachad dhen oidhche mun tigeadh i. Co-dhiù dh’fhuirich a’ mhòr chuid dhen teaghlach an àirde còmhla ri Màiri gus an do nochd Seonag mu thrì uairean madainn na Sàbaid. Bha i cho sgìth ’s gun deach i dhan leabaidh gun mhòran a ràdh ri duin’ aca.
Nuair a dh’èirich i sa mhadainn ge tà, bha gu leòr aice ri ràdh, ag innseadh dhaibh cho math ’s a bha an obair a’ còrdadh rithe, agus gu robh i a’ smaoineachadh aig amannan gum fuireadh i sna W.R. N.S. nuair a bhiodh an cogadh seachad.
“Chan eil thu, a rèisde, a’ toirt gèill dha na bha mise ag ràdh ribh gu lèir mun chogadh,” thuirt Ruairidh rithe. “Bha Coinneach dhen aon bheachd riut mun tàinig air duine a mharbhadh, ach chan eil e dhen bheachd sin a-nis.”
“Ged a dh’fhuirinn-sa san t-seirbhis gus am bithinn ro aosda air a shon, chan iarrar orm duine mharbhadh.”
“ ’S dòcha gu bheil thu ceart an sin, ach, san là a th’ann, cha bhithinn ro chinnteach mun sin. Ach, mar a tha thu, tha thu a’ cuideachadh dhaoine gus an cogadh neo-fheumail seo a chumail a’ dol.”
“Na bi ro throm oirre, a Ruairidh,” thuirt Anna. “Chan eil i ach òg, agus ’s dòcha, mus bi seo seachad gun atharraich i a beachd.”
“Uill, glè mhath,” fhreagair Ruairidh, “ach, nuair a thòisicheas mise air a’ chuspair a tha seo tha e duilich dhomh sguir dheth. Innis dhuinn, a Sheonag, de a tha thu a’ dèanamh an Glaschu, ma tha e ceadaichte dhut sin innseadh.”
Rinn Seonag mar a dh’iarr Ruairidh oirre, agus thug i iomradh air a’ bheatha a bh’aice sna WRNS. Bha i ag obair na rùn-chlèireach aig Caiptean, ann an oifig a bh’aig an Nèbhi an Taigh Osda St. Enoch ann an Glaschu. Cha robh dùil gum biodh i fada an Glaschu, oir fhuair an Caiptean òrdagh a dhol gu oifig an Admiraltaidh an Lunnainn, agus bha dùil aige Seonag a thoirt leis a Lunnainn. Bha an obair a bh’aice taitneach ach bho àm gu àm chluinneadh i rudan dìomhair; cha bhiodh e ceadaichte dhi bruidhinn air na rudan sin. Bha a beatha an Glaschu a’ còrdadh gu math rithe cuideachd, ged a bha i aig amannan a’ fàs sgìth dhen dorchadas le dìth solais air na sràidean tron oidhche. Bha i fhèin agus tè de na companaich aice aon oidhche a’ gabhail cuairt, agus air tighinn timcheall oisean sràide dhaibh, bhuail iad, san dorchadas, ann an dithis a bha a’ tighinn an taobh eile. Cha do ghortaicheadh dona duine dhen cheathrar, ach dh’fheumadh iad a bhith faiceallach anns na sràidean dorcha.
Cha robh feachd-adhair na Gearmailt a’ tighinn a leagail bhomaichean air Glaschu a-nis cho tric ’s bha iad nuair a chaidh i ann an toiseach, ach bha iad a’ tighinn an dràsda ’s a-rithist.
Nuair a chaidh Seonag air ais a Ghlaschu an dèidh a fòrlaigh, bha, mar a bha dùil, òrdagh roimhpe a dhol a Lunnainn. Chaith i là no dhà an Glaschu a’ glanadh a-mach na h-oifis san robh i ag obair, agus an sin ghabh i an trèana a Lunnainn. Bha an obair a bh’aice cho coltach ris na bha i a’ dèanamh an Glaschu, ’s nach aithnicheadh i, cha mhòr, nach robh i san aon àite fhathast. Ged a bha Lunnainn na bhaile fada na bu mhotha na Glaschu cha robh na bha sin a dh’eadar-dhealachadh eadar beatha an dà àite. Bha bombaichean na Gearmailt a’ tighinn air Lunnainn na bu trice, ged nach robh iad a’ tighinn cho pailt ’s a bha iad sna bliadnachan roimhe seo. Bha cuideachd beagan a bharrachd de chur-seachad an Lunnainn.
Bha mòran obrach aig Seonag ri dhèanamh timcheall air deisealachd son an là mhòir a bha ri thighinn san Og-mhios, 1944, agus an dèidh dhan arm a dhol air tìr an Normandaidh, bha a’ cheart uiread ri
dhèanamh fhad’s a bha a’ chabhlach a’ strì ri taic a chumail ris an arm air tìr. B’ e àm trang a bha seo dha na h-uile, ach mu mheadhon an Og-Mhìos thòisich cùisean a’ fàs na bu shocair’ agus bha barrachd tìde aig Seonag dhi fhèin.
Air an treas là fichead bha Seonag agus caraid dhi ann an taigh-cluiche am meadhon a’ bhaile. Chual’ iad fuaim nach robh iad a’ tuigse. Bha e coltach ri fuaim bombair, ach an dèidh sin bha rudeigin eadar-dhealaichte mu a thimcheall. Gu grad sguir am fuaim neònach a bha iad air a bhith cluinntinn, agus beagan an dèidh sin chualas spreadhadh. Cha robh fhios dè a bh’ann, ach bha cinnt gur e rud cunnartach a choireigin a bh’ann.
Nuair a fhuair iad air ais dhan àite-fuirich aca bha a h-uile duine a’ bruidhinn air an rud neo-àbhaisteach seo a bha iad air a chluinntinn, ach cha robh fhios aig duine dè a bh’ann, ged a bha a h-uile duine dhen bheachd gur e inneal-cogaidh ùr a bha na Gearmailtich air a lorg. Chual’ iad sa mhadainn gur e itealan gun sgiobair, air neo ‘bomb itealach’ a bh’ann. Cha robh gu leòr de sgiobairean itealan aig a’ Ghearmailt a-nis, ach fhuair iad air an inneal uamhasach seo, gun sgiobair na sgiobadh, a dhèanamh gu ionnsaigh a thoirt air Lunnainn. Thuit gu leòr dhe na h-innealan seo sna mìosan an dèidh seo, agus cha do sguir iad gus an d’fhuair arm an taoibh againn fhìn làmh an uachdair air na h-àiteachan às an robh na h-innealan a’ tighinn.
Biodh Seonag bho àm gu àm a’ dol turas gu Taigh na Pàrlamaid no gu Ministrealach Dìon le teachdaireachd bhon chaiptean dha robh i ag obair. Nuair a thachradh seo dheigheadh gu tric companach còmhla rithe. Là bha siud chaidh i fhèin agus Raonailt, nighean mun aon aois rithe fhèin, le litir gu Ministrealachd an Dìon. Thug iad seachad an litir, agus rinn iad airson a dhol air ais dhan oifis aca fhèin. Chual’ iad am fuaim air an robh iad a-nis air fas eòlach agus chaidh iad a-steach a bhùth gus a’ chuid a bu mhotha dhen ‘bhlast’ a chumail bhuapa, nam b’e ’s gun tuiteadh e faisg orra. Cha robh iad ach dìreach a-staigh sa bhùth nuair a chual’ iad am fuaim a’ sguir. Bha fhios aca a-nis gu robh seo a’ ciallachadh gu robh am bomb a’ dol a thuiteam.
’S ann san ospadal a dhùisg Seonag an dèidh sin. Nuair a thàinig i thuice fhèin, bha nursaichean mun cuairt oirre. ’S e a’ chiad cheist a bh’aice dhaibh dè a dh’èirich do Raonailt, ach cha robh fhios acasan air càil mu dheidhinn a caraid. Bha i a’ faireachadh pian eagallach na gàirdean. Chuir i a làmh sìos far an robh am pian. Bha h-uile càil cho neònach ach cha b’fhada gus an do thuig i gu robh i air gàirdean a chall. Dh’fhoighnich i dè a thachair dhi. Dh’innis iad dhi gu robh i ùine mhath gun fhaireachadh sam bith aice fhad’s a bha i glaiste aig
fiodh agus clachan a bh’air tuiteam air a muin nuair a bhuail am bomb air an t-sràid air beulaibh na bùth san robh i a’ gabhail fasgaidh. Chaidh triùir a mharbhadh, ach cò iad cha robh fhios anns an ospadal. Bha a gàirdean fhèin air a phronnadh cho dona ’s nach robh dòchas sam bith aig na dotairean gun gabhadh e sàbhalach, agus chaidh a ghearradh dhith os cionn na h-uilne.
Làrna-mhàireach, thàinig clann nighean a bha ag obair còmhla rithe a shealltainn oirre. Dh’innis iadsan dhi gun deach Raonailt a mharbhadh.
An àite bhith gearain air mar a dh’èirich dhi bha Seonag ga faicinn fhèin fortanach gun robh i beò. Bha i a’ faicinn nach biodh i tuilleadh comasach air an obair rùn-clèirich a bh’aice, a dhèanamh; dh’fheumadh i dà làimh airson na h-obrach sin. Ach bha i a’ smaoineachadh gum faigheadh i air obair a choireigin a dhèanamh, ged, ’s math dh’fhaoidte, nach deigheadh aice air fuireach sna WRNS.
Dh’fhoighnich i dhen dotair aon là dè bu choireach gu robh i a’ faireachadh pian anns a’ ghàirdean nach robh ann. Thuirt esan rithe gu robh seo a’ dol a leantainn rithe airson greise gus am faigheadh an corp aice suas ri bhith as aonais gàirdein. Ann am beagan làithean sguireadh i a dh’fhaireachadh a’ phèin seo cho tric, agus ann an ùine gun a bhith ro fhada sguireadh e uile gu lèir.
Chumadh Seonag san ospadal dà sheachdain, agus an uair sin fhuair i dhachaidh air fòrlagh. Bha truas mòr aig a h-uile duine, ach gu h-àraidh aig a’ chloinn, ri nighinn cho òg ri Seonag air leth làimh, ach sheall ise dhaibh nach robh i ag iarraidh truais, gu robh ise tòrr na b’fheàrr na Raonailt, agus iomadh tè eile a chaill am beatha gun luaidh air gàirdean. Cha robh i airson gu saoileadh duine sam bith nach robh innte ach cripleach, oir bha i cinnteach gun dèanadh i a’ chùis air a beatha fhèin a ruith dòigheil gu leòr ged a bha i air leth làimh.
Airson a’ chiad trì là a bha i aig an taigh cha robh an còrr dhen teaghlach deònach leigeadh le Seonag càil a dhèanamh, ach an ceann na h-ùine sin thòisich i air a ràdh riutha nach robh math dhaibh a bhith mar sin rithe air neo nach dèanadh i car feuma gu bràth. Bha cuid a’ dol leatha, agus cuid eile nach robh. ’S e mu dheireadh Sìne Thorcaill, nach robh ach an dusan bliadhna, a thuirt,
“Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil Seonag ceart às na tha i ag ràdh, ach saoilidh mi, cuideachd, gu bheil i airidh air beagan tìde fhaighinn dìomhain, gun char ri dhèanamh. Fhad ’s a bhios tu aig an taigh air an fhòrlagh seo, a Sheonag, nì sinn gu lèir a h-uile càil dhut, ach nuair a thig thu a-rithist cha bhi sinn buileach cho èasgaidh
dhut.”
“Saoilidh mi fhìn,” thuirt Ruairidh, “gu bheil Sìne a’ bruidhinn nas ciallaiche na duine againn. Nì sinn dìreach mar a tha i ag ràdh.”
An dèidh dà sheachdain de dhìomhanas aig an taigh cha robh Seonag ro dhuilich nuair a thàinig an t-àm dhi a dhol air ais a Lunnainn. ’S e a’ chiad rud a bh’aice ri dhèanamh an sin a dhol a dh’fhaicinn an dotair. Ged a bha i a’ faireachadh glè mhath a-nis, dh’fheumadh i an dotair fhaicinn, gus an dèanadh e a-mach an robh i cho math ’s gum b’urrainn dhi fuireach san t-seirbhis.
Dh’fhoighnich e dhi fhèin dè cho dèidheil ’s a bha i air fuireach anns na W.R. N.S.
“Bha mi air m’inntinn a dhèanamh suas gum fuirinn san t-seirbhis nuair a bhiodh an cogadh seachad, ach, a-nis chan eil mi a’ smaoineachadh gum bithinn gu mòran feum’ anns na WRNS air leth làimh. Tha mi dhen bheachd gur fheàrr dhomh fàgail.”
“Chan fhiach mise ri do thoirt às do bheachd,” thuirt an dotair; “cuiridh mi air ais a dh’obair thu ma gheibh iad obair fhurasda dhut, gus an tig an t-àm dhut a dhol dhachaigh.”
Dh’fhàgadh chùisean mar sin. Chuir Seonag mìos seachad aig a h-obair aotruim a’ cumail air dòigh nan litrichean agus phàipeirean eile san oifis, agus an sin dh’fhàg i na WRNS.
Thàinig i dhachaigh a Ghrabhair, far an do chuir i seachad an còrr dhen gheamhradh agus beagan dhen earrach mus do thòisich i a’ coimhead airson obrach a bhiodh freagarrach dhi. Bha a’ chlann aig Ruairidh agus aig Màiread nan cuideachd dhi, agus nuair a thigeadh Sìne dhachaidh as an sgoil ’s ann air Seonag a dhèanadh i an àite dhol dìreach dhachaigh. Bheireadh Seonag ruaig an dràsda ’s a-rithist a-steach a Chromòr, far an robh Iseabail a-nis le triùir de theaghlach, oir rugadh Seonag Nèill Dhuibh ann an 1942.
Mus robh Seonag air an sgoil fhàgail bha i air grunnan ‘Highers’ fhaighinn agus ’s ann a smaoinich i a-nis gum b’fheàrr dhi feum a dhèanamh dhiùbh. Chuir i a-steach airson àite an Colaisde Chnoc Iòrdain, agus thòisich i ag ionnsachadh a bhith na tidsear san t-Sultain, 1946 – mìos an dèidh dhan chogadh sguir.
title | II. Mairead Og – Caibeidil 6 |
internal date | 1990.0 |
display date | 1990 |
publication date | 1990 |
level | |
reference template | MacMhaoilein A’ Sireadh an Sgadain %p |
parent text | A’ Sireadh an Sgadain |