Caibidil 7
Lean am bàta ‘Màiread Og’ ag iasgach fad a’ chogaidh. Dh’fhuirich Ruairidh, Dòmhnall, Torcall, agus Niall innte fad na h-ùine ach bha na gillean òga a thàinig còmhla riutha bho àm gu àm a’ fàs dèidheil air faighinn a-mach dè mar a chòrdadh an Nèibhi riutha. On bha iad ris an iasgach cha robh iad cho buailteach a bhith air an togail dhan Nèibhi dhan aindheoin, ach bha iad ag iarraidh a bhith na b’fhaisg’ air a’ chogadh na bha iad. Bha Ruairidh ag innseadh dhaibh mu na beachdan aige fhèin, agus mar a dh’atharraich Coinneach a bheachdan fhèin nuair a chunnaic e co-ris a bha an cogadh coltach, ach cha tàinig duine aca às a bheachd.
Ged a bha Dòmhnall a’ leantainn an iasgaich, bha e cuideachd a’ dèanamh mòran obrach air a’ chroit ann an Tàbost. Chaochail a sheanair toiseach a’ chogaidh, ach bha e fhèin, le cuideachadh bho Sheònaid, air stoc mòr chaorach a dhèanamh, agus bha crodh aca cuideachd. Nuair a rugadh Seumas ann an 1943, b’fheudar dhaibh boireannach fhaighinn air tuarasdal gu coimhead as dèidh an taigh agus an sprèidh. Cha robh, mar sin, mòran iongnaidh air Ruairidh nuair a dh’innis Dòmhnall dha aon là gu robh dùil aige sguir dhen iasgach nuair a sguireadh an cogadh, agus a thìde gu lèir a chaitheamh a’ croitearachd.
“Ged a tha deagh chroit agad,” fhreagair Ruairidh, “cha shaoil mi gun dèan thu aiste na chumas tu fhèin agus do theaghlach gun thighinn a-steach sam bith eile a bhith agad.”
“Ged a thuirt mi gum bithinn a’ croitearachd fad na h-ùine, cha robh mi a’ ciallachadh sin buileach gu lèir. Feumaidh mi fiachainn ri cosnadh fhaighinn a leigeas leam a bhith ag obair air a’ chroit nuair a bhios feum orm. Mur a faigh mi obair aig an rathad, feumaidh mi beairt-fhighe fhaighinn, agus fighe ionnsachadh.”
“Bhiodh e na b’fheàrr dhut rannsachadh a dhèanamh mu dheidhinn obrach eile mus sguir an cogadh, oir nuair a thig na tha sna seirbhisean dhachaidh, bidh mòran dhaoine a’ coimhead airson nan obraichean a bhios ann. Saoilidh mi nach bi na h-obraichean cho pailt ri sin agus uibhir às an dèidh.”
“Chan eil mi ag ràdh nach eil thu ceart”, thuirt Dòmhnall. “Cumaidh mi mo shùil a-mach.”
Aon là ’s iad ris an laimrig an Steòrnabhagh, bha bàta as an Rudha rin taobh. Bha iad eòlach gu leòr air an sgiobadh Rudhach, ach an là seo bha fear innte nach robh iad air fhaicinn gu seo. An ceann greis’ thàinig am fear seo a bhruidhinn riutha agus thachair gur e Dòmhnall a bha air deac aig an àm.
“Nach ann à Grabhair a tha thu?” dh’fhoighnich an Rudhach.
“ ’S ann” fhreagair Dòmhnall, “ach tha mise a-nis a’ fuireach an Tàbost.”
“An aithnich thu tè ris an can iad Seònaid Alasdair?”
“Tha mi glè eòlach oirre, ach cuin no càite an d’fhuair thusa eòlas air Seònaid?”
“Thachair mi oirre aig an iasgach an Inbhir-Uige greis ron chogadh. Na phòs i a-riamh?”
Thuig Dòmhnall cò a bh’aige, ach chuir e roimhe nach dèanadh an Rudhach a-mach cò b’esan.
“Tha i pòsda, agus tha triùir chloinne aice.”
“Bha oidhche mhòr agamsa còmhla rithe an Inbhir Uige san t-samhradh ud, 1935. Cha chuireadh e iongnadh orm ged a bhiodh leanabh air a bhith aice mu thoiseach 1936.”
A’ càradh nan lìon
“Nach eil thu rudeigin fadalach a’ foighneachd mun sin? Bheil thu fhèin pòsd’ ?”
“Cha do phòs mise riamh. Chan eil mi a’ faicinn carson a phòsainn, nuair a gheibh mi caileag cho gasda rium ri Seònaid an dràsda ’s a-rithist. Ach feumaidh mi dhol a shealltainn air Seònaid ach am faic mi a bheil an leanabh as sine aice coltach riumsa.”
“An leanabh a th’aig a’ bhean agamsa,” thuirt Dòmhnall, “chan eil cuid no gnothach agadsa ris. Fuirich air falbh bhuaipe, air neo thig rud ort nach eil thu an dùil.”
“An e balach no nighean a th’ann?”
“Chan e do ghnothach e, agus na can an còrr air neo cha chùm mi mo làmhan dhiot. Ma bheir mise làmh ort, bidh cuimhn’ agad air gu là do bhàis.” Dh’fhalbh Dòmhnall sìos dhan cheabain, agus chaidh an Rudhach sìos dhan bhàt’ aca fhèin. Nuair a choinnich iad a-rithist cha do bhruidhinn fear seach fear, agus bha sin a cheart cho math.
Dh’innis Dòmhnall do Ruairidh mar a thachair, agus thug e greis a’ beachdachadh an innseadh e do Sheònaid mu dheidhinn. Smaoinich e mu dheireadh gur e gòraich a bhitheadh ann dha facal a ràdh ri Seònaid, nach dèanadh e ach call is cron dhi. Cha chuala i a-riamh mu dheidhinn.
Bha e a-nis furasda fhaicinn nach robh an cogadh a’ dol a sheasamh fada tuilleadh. Cha robh soithichean a’ tighinn a Loch Iù a dh’fhuireach ri bàtaichean a’ Nèibhi, agus bha na h-àiteachan a bh’air an toirmisg dhaibh roimhe a-nis air an toirt air ais dhaibh. Mu dheireadh, nuair a bha iad ag ullachadh airson iasgach samhraidh 1945, dh’iarr a’ Ghearmailt sìth a dhèanamh, agus chaidh sin èigheachd.
Là no dhà an dèidh dhan chogadh sguir, chunnaic iad a-rithist mòran bhàtaichean mu bheul Loch Iù. Thug iad sùil na bu gheòire agus chunnaic iad gur e bàtaichean-aiginn a bh’annta. B’iad seo buidheann de bhàtaichean-aiginn na Gearmailt a thug iad fhèin suas do bhàta Breatannach, tuath air a’ Bhutt Leòdhasach. Thug am bàta seo gu Loch Iù iad, gus an deigheadh dèileigeadh riutha ann an sin.
Mu mheadhon an t-samhraidh, bha Ruairidh, Torcall, agus Niall a’ bruidhinn a-null ’s a-nall an ceabain a’ bhàta air cuspair a bha Ruairidh air a thogail. Ged nach robh Dòmhnall an dùil leantainn ris an iasgach, bha e a-staigh còmhla riutha, oir bu leis cairteal dhen bhàta, a rèir tiomnadh athar, agus dh’fheumadh e a bheachd a thoirt seachad mu dè a bha dol a thachairt dhi.
“Tha am bàta seo air a bhith againn a-nis o chionn seachd bliadhna fichead,” thuirt Ruairidh. Tha i a’ fàs rudeigin aosd’ airson na h-obrach, agus cuideachd chan eil i cho math air an iasgach ris na bàtaichean ùra a thathar a’ ceannachd an diugh. Tha thìde againn
smaoineachadh air bàt’ ùr fhaighinn. Bha mi a’ leughadh mu dheidhinn nam bàtaichean ùra ris an canar ‘Ring netters’ anns am ‘Fishing News’, agus am pàipearan eile, agus tha mi dhen bheachd gur e tè dhen t-seòrsa sin bu chòir dhuinn fhaighinn.”
“Tha iad sin glè dhaor,” thuirt Torcall, “agus ged nach eil duine againn gun airgead, chan eil againn na thig faisg air tè dhe na bàtaichean sin a cheannachd.”
“A bheil thu a’ ciallachadh,” dh’fhoighnich Niall, “gum bu chòir dhuinn gu lèir airgead a chur dhan bhàta ùr?”
“ ’S e sin a tha mise ag iarraidh, ach fear sam bith nach eil airson earrann a ghabhail, nach fhaod e fuireach a-mach às a’ chùis. Ma dh’fhuireas tu a-mach às, a Nèill, bidh àite dhut mar làimh innte, ach cha bhi dùil agad ri uiread fhaighinn aiste, ma thèid gu math leinn.”
“O, tha mise deònach gu leòr. ’S ann a bha mi foighneachd an robh thu gam iarraidh sa chùis.”
“Cha bhi mise a’ gabhail earrainn,” thuirt Dòmhnall, “o nach eil dùil agam a bhith san sgiobadh. Dh’fhaodainn gun teagamh, ach bhiodh e na bu dorra cunntas a dhèanamh nam biodh earrann aig fear nach biodh ris an iasgach. Ach dè mar a tha na bàtaichean ùra nas fheàrr air iasgach na ‘Màiread Og’? Nach e an sgiobadh a nì an t-iasgach? Cha dèan am bàta ach mar a dh’iarras tu fhèin oirre.”
“Tha inneal air bòrd nam bàtaichean a tha seo ris an can iad ‘Echo Sounder’ ,” fhreagair Ruairidh. “Tha clàr air beulaibh an fhir a th’air a’ chuibhle a tha a’ sealltainn dha deilbh de ghrunnd na mara air a bheil e a’ seòladh, ann an dòigh nach eil mise a’ tuigse. Nuair a thig rud sam bith eadar thu ’s grunnd, tha seo air a shealltainn cuideachd, agus nuair a gheibh thu beagan eòlais air an inneal aithnichidh tu an e iasg a th’ann.”
“Bidh sin feumail gun teagamh,” thuirt Torcall. “Tha e glè mhath a bhith a’ sealltainn ri eòin, agus ag èisdeachd airson sgadain a’ cluich, ach saoilidh mi gu bheil an t-inneal seo nas airidh air earbsa a chur ann na na comharraidhean sin, ged a bha iad math nuair nach robh an còrr ann.”
“Tha iad cho math, a Thorcaill, ’s nach cuir iad a-mach an ‘Ring Net’, no an Lìon Cruinn, a tha seo mur faic iad an t-iasg fòpa, agus tha cuid dhen bheachd, nuair a gheibh duine eòlas làn air an inneal seo, gun aithnich e an sgadan bho iasg eile.”
“Tha mi ag aontachadh gum bu chòir dhuinn oidhirp a dhèanamh air an airgead fhaighinn,” thuirt Torcall. Gheibh sinn iasad bho bhanca no bho àite a choireigin, ach feumaidh sinn tòiseachadh a’ coimhead air a shon gun dàil, oir tha gnothaichean dhen t-seòrsa sin a’ toirt ùine mhòir mar as trice.”
“Tha sibh gu lèir a’ dol le na bha mi ag ràdh, agus, mar a thuirt Torcall, feumaidh sinn tòiseachadh gun dàil. Tha rud eile air a feum sinn beachdachadh – dè a nì sinn ri ‘Màiread Og’? Tha eagal orm nach bi e furasda reic fhaighinn oirre. Chan eil duine ag iarraidh bàta aosd’ mar seo”.
“Chuala mi iomradh,” thuirt Dòmhnall, “gu robh fear ann am Baile Ailein a’ fiachainn ri ‘Mùirneag’ a cheannach airson puist fens. ’S dòcha gur e sin deireadh a thèid air ‘Màiread Og’ cuideachd. Mas e, ’s dòcha gun ceannaich mi fhìn i.”
B’ann aig Ruairidh a bha am facal mu dheireadh mun chùis aig an àm ud:
“Nì sinn foighneachd an siud ’s an seo mu dheidhinn iasaid, ach ’s iongantach mur a tig oirnn iasgach an t-samhraidh a tha tighinn a dhèanamh le ‘Màiread Og’, ach saoilidh mi gur e sin an t-iasgach mu dheireadh a nì i – dhuinne co dhiù.”
Chaidh Coinneach a leigeadh as a’ phrìosan sa Ghearmailt agus thàinig e dhachaidh nuair a leigeadh às an arm e. Chaidh innseadh dha mu gach nì a bha tachairt, agus nuair a chual’ e gun robh Dòmhnall an dùil an t-iasgach fhàgail, ghabh e barrachd ùidh san naidheachd na bha dùil aca a ghabhadh e.
“Cuin a bha dùil agad am bàt’ fhàgail, a Dhòmhnaill?” dh’fhoighnich e.
“Bheir mi an geamhradh seo sa bhàta, agus, ma dh’fheumas mi, an samhradh a tha tighinn.”
“Uill,” arsa Coinneach, “bha mise aig amannan a’ gabhail aithreachais nach do dh’fhuirich mi aig an iasgach, agus ma tha thusa ag iarraidh am bàta fhàgail as t-Earrach, gabhaidh mise d’àite airson seusain, gus am faic mi dè mar a thèid dhomh. Tha beagan airgid agam, a fhuair mi nuair a dh’fhàg mi an t-arm, agus ma bhios mi fhìn agus tu fhèin, a Ruairidh, deònach ’s dòcha gun gabh mi earrainn sa bhàt’ ùr.”
Nuair a thàinig àm iasgach an t-Samhraidh, dh’fhuirich Dòmhnall air tìr agus chaidh Coinneach dhan bhàta na àite. Bha beagan iomagain air Coinneach gun tigeadh cur na mara air a-rithist, mar a thàinig air nuair a bha e na chuibhlear innte. A’ chiad oidhche no dhà bha e a’ faireachadh mar gum biodh a’ mhuir a’ dol a dhèanamh a’ chùis air, ach, an ceann seachdain, cha robh guth aige air tinneas mara. Chòrd an obair ris gu math, ged a bha a làmhan goirt aig obair air nach robh eòlas aige, ach bha e cinnteach gum faigheadh e seachad air seo tro thìde. Mar a thuirt e fhèin aig iomadh àm,
“ ’S e seo as fheàrr na bhith san Fhàsach an Iar.”
title | II. Mairead Og – Caibeidil 7 |
internal date | 1990.0 |
display date | 1990 |
publication date | 1990 |
level | |
reference template | MacMhaoilein A’ Sireadh an Sgadain %p |
parent text | A’ Sireadh an Sgadain |