Caibidil 2
Timcheall air a’ Mhàirt, thàinig atharrachadh eile air beatha Sheumais. Rinn e suas inntinn gu feumadh e obair air choireigin fhaighinn gu beagan cuideachaidh a thoirt dha athair agus dha bhràthair a b’aosda ann a bhith cumail beòshlainte ris an teaghlach. ’S ann air an iasgach a chuir e aghaidh ach cha robh àite dha sa bhàta san robh athair. Thug athair comhairle air a dhol a bhruidhinn ri Iain Mòr, oir bha facal a’ dol gu robh an cuibhlear a bh’ ann am bàt’ Iain a’ fiachainn ri obair fhaighinn air tìr ann an Steòrnabhagh.
Chaidh Seumas far an robh Iain, agus nuair a chual’ esan gu robh Seumas a’ sireadh obrach, thuirt e ris nach robh gille sa bhaile dhan tugadh esan obair roimhesan.
“Ach, a Sheumais, cuimhnich gur e obair glè chruaidh a th’ann a bhith cuibhleadh an ròpa thruim, a tha leis na lìn.”
“Bidh e cruaidh dhomhsa an toiseach, ach cha bhi mi fada a’ faighinn eòlais air, agus an uair sin cha bhi mi ga fhaireachadh cho trom. Tha mi cinnteach gun dèan mi a’ chùis.”
“Bidh sinn deiseil gu dhol gu muir aig toiseach a’ Ghiblein,” thuirt Iain. “Tha am bàta, ‘Reul na Maidne,’ ri peantadh, na siùil agus na lìn rin cartadh”.
“Bheir mi-fhìn beagan cuideachaidh dhuibh le sin,” fhreagair Seumas. “Chan eil mòran agam ri dhèanamh an dràsda aig an taigh ach beagan tionndaidh a dhèanamh air an talamh”.
Bha am bàta, ‘Reul na Maidne’, mu chòig troighean deug air fichead a dh’fhad le dà chrann calma agus siùil làidir throm. Gu h-ìosal san deireadh bha seòmar beag far am biodh an ròp a bhiodh leis na lìn air a thasgadh na chuibhle sgiobalta. Bha seòmar eile, beagan na bu mhotha, còmhla ri sin, far an robh uidheaman a bhiodh feumail airson an iasgaich agus airson am bàta a sheòladh. Air thoiseach air a seo bha toll nan lìon – àite farsaing sam biodh na lìn air an stòradh agus anns am biodh an sgadan a’ tuiteam nuair a bhiodh an sgiobadh a’ crathadh nan lìon fhad’s a bhiodh iad gan tarraing. Shuas san toiseach bha an seòmar cadail. Air gach taobh bha ceithir tuill anns an lìnigeadh, agus am broinn gach fir dhiubh bha bòrd far am faigheadh fear air seide a sgaoileadh gu leabaidh a dhèanamh dha fhèin. Air beulaibh nan leapannan bha being a bha
Am bàt’ iasgaich Mary, S.Y. 150 (Màiri Chaol). (An dealbh bho Mhòrag NicMhathain, ogha do Dhòmhnall MacAsgaill, sgiobair Mary ann an rèis 1902)
dùinte sìos chun an làir. Mu choinneamh gach leabaidh bha bòrd air uachdar na beinge a ghabhadh togail, far am faigheadh duine air a ghnothaichean pearsanta fhèin a ghleidheadh. Faisg air bonn an àraidh bha àite teine beag agus bucas ri thaobh airson an connadh – mòine no gual – a stòradh ann. Shuas san fhìor thoiseach bha bòrd air banntaichean agus ghabhadh seo a thoirt a-mach aig àm bidh, agus a phasgadh air falbh aig amannan eile.
Mar a gheall Seumas, thug e cuideachadh dhan sgiobadh ag uidheamachadh a’ bhàta airson an iasgaich. Bha e eòlach gu leòr air peantadh, oir is iomadh uair a thug e cuideachadh dha athair a’ peantadh aig an taigh. Rinn e mòran peantaidh san t-seòmar-fuirich agus bha a’ bheing agus na leapannan a’ coimhead gu math eireachdail mun tàinig àm seòlaidh. Chaidh ‘Reul na Maidne’ gu muir sa Ghiblean, mar a thuirt Iain. Mun do sheòl iad, thug Iain Seumas a-steach dhan t-seòmar bheag far an robh an ròp air a phasgadh, agus gu dearbha bha e beag. Cha robh de fharsainneachd ann na gheibheadh e a-steach ann ach air èiginn. Dè mar a bha e a’ dol a
chuibhleadh ròp ann an àite cho beag? Sheòl iad mu dhà uair feasgar, agus b’ e a’ chiad dleasdanas a bh’ aig Seumas cuideachadh le cur an àirde an t-siùil. Nuair a bha seo seachad, rinn e am biadh, oir bha seo an urra ris cuideachd. Ged a theireadh cuid cuibhlear ris ’s e còcair’ a theireadh cuid eile.
Thàinig, mu dheireadh, àm cur nan lìon. Chaidh Seumas a-steach dhan toll bheag agus chaidh an ròp a-mach gu rèidh. Mar bu mhotha a bha dol a-mach dhen ròp, ’s ann a b’fhasa a bha an obair a’ dol. Cha deach càil ceàrr, ach bha beagan eagail air Seumas nach deigheadh cùisean cho math nuair a thigeadh àm tarraing. Chaidh e dhan leabaidh, ach cha tàinig mòran cadail an taobh a bha e gus an deach èigheachd air an sgiobadh a bhith ’n àirde gus na lìn a tharraing.
Chaidh Seumas a-rithist a-steach dhan toll bheag, agus chaidh ceann an ròp’ a shìneadh sìos thuige nuair a thòisich na lìn a’ tighinn air bòrd. Bha e glè fhurasda an toiseach, ach mar bu mhotha a bha tighinn a-steach dhen ròp, ’s ann bu dorra bha Seumas a’ faighinn na h-obrach, oir bha an rùm-tionndaidh aige a’ dol na bu lugha agus na bu lugha mar a bha an ròp a’ tighinn a-steach. Bha na làmhan aige glè ghoirt, oir cha robh iad eòlach air a bhith a’ greimeachadh air ròp cho garbh ris an fhear seo. Co-dhiù, rinn e a’ chùis agus thug e gealladh dha fhèin gun deigheadh e na b’fheàrr air an obair mar a bha e a’ fàs eòlach.
Cha d’fhuair ‘Reul na Maidne’ ach glè bheag de sgadan air a’ cheud oidhche aig Seumas innte. Cha robh Seumas duilich mun seo oir bha e airson na luchdan mòra fhàgail gu faigheadh e tuilleadh eòlais. ’S ann an dèidh làimh a thuig e gur ann a dhèanadh mòran sgadain an obair aigesan na b’fhasa, oir bheireadh iad na b’fhaide a’ tarraing nan lìon, mar sin a’ toirt dha barrachd tìde gus an ròp a chuibhleadh. Fhuair iad mu thrì cruinn, agus bha aig Seumas an uair sin ris a’ bhracaist a dhèanamh. Ghlan e beagan sgadain, agus bhruich e iad airson bracaist dhan sgiobadh. Bha Seumas a-riamh dèidheil air sgadan ùr bruich, ach bha an sgadan seo, air ùr thighinn as a’ mhuir, na bu bhlaiste na sgadan air an do bhlais e riamh.
Fhad’s a bha Seumas ag ullachadh na bracaist, chaidh na siùil a chur an àird agus chaidh cùrs’ a sheatadh air Steòrnabhagh. Fhuair iad a-steach dhan chala tràth air a’ mhadainn agus mar sin bha dùil aca ri prìs mhath fhaighinn air a’ bheagan sgadain a fhuair iad. Chaidh Dòmhnall Iain Mhòir, mac an sgiobair, suas chun a’ mharcaid le bascaid san robh beagan dhen sgadan mar shamhla air na bha iad air a ghlacadh. Thuirt Iain ri Seumas gum b’fheàrr dha a dhol suas còmhla ri Dòmhnall, gus am faiceadh e mar a bha an sgadan ga reic, oir dh’ fheumadh e fhèin a dhol chun a’ mharcaid uaireigin.
B’ e seo obair a’ chiad là aig Seumas, agus chuir e seachad an samhradh a’ dèanamh obrach dhen t-seòrsa sin. Bhiodh iad a’ tighinn a-steach a Steòrnabhagh a h-uile madainn agus a’ dol a-mach a chur nan lìon a h-uile feasgar. Air Disathairn bhiodh iad a’ dol dhachaidh a Ghrabhair, an dèidh dhaibh an sgadan a reic an Steòrnabhagh. Mur a biodh iad ach air beagan sgadain fhaighinn dheigheadh iad a Ghrabhair leis, agus shailleadh iad e airson bìdh tron gheamhradh. Nuair a dheigheadh iad astar fada à Steòrnabhagh, agus nuair a gheibheadh iad luchd mòr sgadain, bhiodh e cho fada dhen là mus cuireadh iad an sgadan gu tìr ’s nach b’urrainn dhaibh a dhol gu muir an oidhche sin. Bhiodh an uair sin oidhche dheth aig an sgiobadh ann an Steòrnabhagh. Chòrdadh seo riutha glè mhath an dràsda ’s a-rithist, ach nan tachradh e ro thric cha bhiodh iad ro thoilichte a bhith call cus oidhcheanan iasgaich.
Bha Seumas a’ coinneachadh ri iomadh caileig ghrinn ann an Steòrnabhagh nuair a bhiodh oidhche air tìr aca, ach cha do dhiochuimhnich e Seonag Dhòmhnaill Tharmoid, agus cha robh aithreachas air airson a’ gheallaidh a thug e dhi. Bha iad a’ sgrìobhadh gu chèile, ach on a bha esan ag obair a-mach à Steòrnabhagh cha b’urrainn dha dhol a shealltainn oirre.
Sheas iasgach an sgadain a-mach à Steòrnabhagh gu toiseach an Dàmhair, agus, mun tàinig deireadh an t-seusain, bha Seumas air mòran ionnsachadh mu sheòladh a’ bhàta agus mu iasgach an sgadain. Uair no dha tron t-samhradh dh’fhairich e cur na mara nuair a dh’èirich stoirm air a’ Chuan Sgìth. Bha e a’ faireachadh glè thruagh aig na h-amannan sin ach, ged a bha, fhuair e air a obair a dhèanamh a h-uile h-oidhche. Mu thoiseach an Dàmhair, cha robh stoirm sam bith a bheireadh cur na mara air Seumas.
Nuair a sguir iasgach an t-samhraidh, sheòl ‘Reul na Maidne’ (no ‘An Reul’ mar a dh’aithnichear i am measg nan iasgairean) gu Grabhair, agus fhuair an sgiobadh seachdain no dhà aig an taigh. Cha b’e làithean saora a bha seo idir, oir bha iomadh rud an urra riutha nuair nach robh iad aig muir. Bha am bàrr ri thogail, na caoraich rim bogadh, an reithe a chur chun nan caorach, agus iomadh obair eile cuideachd. Bha Seumas toilichte tìde fhaighinn air tìr, agus thug e cuairt a-steach a Thàbost cho tric ’s a b’urrainn dha.
Cha do dh’fhairich e an tìde fada gus an do thòisich iasgach a’ gheamhraidh. ’S ann sna lochan eadar Loch Eireasort agus Loch Sìophairt a bha an sgadan ri fhaighinn air a’ gheamhradh ud, agus ’s ann gu deas a bha e na bu phailte. Mu dheireadh na Samhna chaidh iad deas gu Loch Claidh, on bha iad air cluinntinn gu robh an sgadan pailt san loch sin. Chuir iad na lìn oidhche Luain agus rinn iad
iasgach math. Ach nuair a rinn iad airson fiachainn gu tuath bha stoirm air èirigh on ear-dheas agus cha b’urrainn dhaibh faighinn a-mach à Loch Claidh. B’fheudar dhaibh acrachadh san loch gus an deigheadh an stoirm seachad, ach cha tàinig faothachadh bhon ghailleann gu feasgar na Sàbaid. Bha iad glè mhath a thaobh bìdh oir bha iad air sgadan fhaighinn oidhche Luain. Thàinig orra pàirt dheth a chur a-mach air ais dhan mhuir, ach rinn iad feum de chuid eile.
Bha Iain air dorgh a thoirt leis agus nuair a chuir iad an dorgh a-mach fhuair iad beagan adag agus chudaigean. Bha Dòmhnall air gunna a thoirt leis dhan bhàta nuair a chual’ e far an robh iad a’ dol, agus, mar sin, bha sitheann aca nuair a dh’fhàsadh iad sgìth dhen iasg.
Feasgar na Sàbaid, chaidh a’ ghaoth sìos gus nach robh deò idir oirre agus dh’fhàg seo iad a cheart cho glaiste oir cha robh de ghaoith ann na lìonadh na siùil agus cha robh dòigh ann air gluasad. B’fheudar dhaibh fuireach far an robh iad gu Diciadain, nuair a thàinig usbagan a lìonadh sheòl agus fhuair iad air faighinn dhachaidh. Dh’fhuirich iad aig an taigh oidhche Chiadain. Diardaoin chuir iad na lìn ann an Loch Odhairn agus fhuair iad ceithir cruinn air fhichead. ’S iongantach gum biodh iad air càil na b’fheàrr na sin
a dhèanamh ged a b’ ann an Loch Claidh a bha iad air a bhith.
Chuir Seumas seachad ceithir bliadhna deug anns ‘An Reul’ còmhla ri Iain Mòr. Cha robh e, gu-tà, ceithir bliadhna deug an urra ris an ròp, oir an ceann bliadhna dh’fhalbh Dòmhnall Iain Mhòir a sheòladh agus ghabh Seumas àit’ aig na lìn. Thàinig balachan òg air an robh Tarmod gu bhith an urra ris an ròp. ’S e a bhith ag obair gu h-àrd a b’fheàrr a bha còrdadh ri Seumas na a bhith ann an toll nan ròp, agus co dhiù, bha e nis air fàs na bu mhotha agus bha e duilich dha a bhith ’g obair ann an àite cho cumhang. A’ chiad oidhch’ a bha Seumas ri obair nan lìon chuir iad a-mach à beul Loch Eireasort. Chaidh an cur glè rèidh, agus fhuair Seumas tìde airson co-fhaireachadh a bhith aige ri Tarmod shìos ann an toll an ròpa. Bha làmhan Sheumais a-nis air fàs cho cleachdte ris an ròp ’s nach do chuir cur nan lìon càil air. Ach, bha an gnothach na bu dorra nuair a thòisich iad a’ tarraing nan lìon. Bha an sgadan an ìre mhath pailt, agus bha na lìn gu math trom rin tarraing. Bha seòrsa de bheairt-shnìomhain aca, ris an canadh iad Duin’ Iarainn, gan cuideachadh a’ tarraing air an ròp, mun deigheadh a shìneadh sìos gu Tarmod, agus bha seo a’ dèanamh beagan cuideachaidh dhaibh. Bha na lìn a’ tighinn a-steach air taobh clì a’ bhàta. Bha iad an sin gan toirt tarsainn air an toll chun an taoibh dheis. Bha na lìn a’ faighinn beagan crathaidh anns a’ chleasachd seo, agus bha an sgadan a’ tuiteam, cuid dheth air an deac, ach a’ chuid bu mhotha dheth sìos dhan toll. Bha mòran dhen sgadan a’ fuireach anns na lìn ach cha robh tìd’ ann airson coimhead ri seo gus an deigheadh na lìn gu lèir a tharraing air bòrd. Bha an sin tionndadh eile ri thoirt orra gus am faighte an sgadan gu lèir asda, agus bha iad rin cur air dòigh airson an cur an ath oidhche. ’S e ‘leathaigeadh’ a chanadh na h-iasgairean ris an obair seo.
“Dè do bheachd air iasgach na h-oidhche?” dh’fhoighnich Iain Mòr do Sheumas. “Co mheud crann a th’ againn?”
“Saoilidh mi gu bheil còrr air fichead crann ann.”
“O! tha barrachd air a shin ann. Nuair a thèid thu chun a’ mharcaid can gu bheil mu dheich cruinn air fhichead againn. Thèid Alasdair suas còmhla riut gus am bi sinn cinnteach nach dèan thu mearachd, on is e seo a’ chiad turas agad. Chì sinn am faigh thu prìs mhath.”
Nuair a chaidh Seumas chun a’ mharcaid bha am fear-rup’ a’ bruidhinn cho cabhagach ’s nach deigheadh aig Seumas air leantainn na bha e ag ràdh. Co dhiù, chuir e a’ bhascaid fa chomhair, agus thòisich an rup air bascaid Sheumais. Fhuair e prìs mhath agus chaidh e air ais air bòrd, gu feitheamh ris a’ chairt a thighinn a dh’iarraidh an sgadain. Nuair a chaidh an sgadan a thomhais ga
chur dhan chairt, bha ochd cruinn air fhichead ann.
Nuair a thàinig deireadh an t-seusain, dh’fhàg fear dhen sgioba airson a dhol gu muir domhain, agus rinn Seumas toileachas nuair a chual’ e cò a bha tighinn na àite. B’e seo Murchadh Aonghais, an companach a bh’ aige na òige, agus a bha còmhla ris aig Creich Mhòir na Pàirce.
Fhad’s a bha seo a’ tachairt do Sheumas, bha Seonag ann an Tàbost, a’ cuideachadh a màthar san taigh, agus a’ dèanamh beagain còmhla ri a h-athair air a’ chroit. Ach bha ise cuideachd a’ coimhead airson obrach a choireigin. Chual’ i gu robh àite no dhà ann an Steòrnabhagh far an robh mnathan ag iarraidh chaileagan a bheireadh dhaibh cuideachadh san taigh. Chaidh i a-null dhan bhaile agus fhuair i barrachd fiosrachaidh mun seo. Thachair i air cuid de na mnathan sin agus fhuair i àite shuas air Rathad Mhic a’ Mhathain.
Bha i air a cumail glè thrang le a h-obair ach bha feasgar Diciadain aice dhi fhèin a h-uile seachdain. Am feasgar sin dheigheadh i sìos chun an laimrig a shealltainn an robh ‘An Reul’ am measg nam bàtaichean nach robh air a dhol gu muir. Bhiodh dùil aig Seumas rithe agus bhiodh e a’ cumail sùla a-mach air a son. Nuair a gheibheadh i lorg air dheigheadh iad cuairt tron bhaile, no a-null taobh a’ chaisteil ùir a bhatar a’ togail air taobh eile a’ bhàigh. Ged nach robh seo a’ tachairt ach mu uair sa mhios, bha àm glè thaitneach aca le chèile nuair a thachradh e.
Bha, mar sin, Seumas glè dhòigheil nuair a bhiodh oidhche dheth aige air Diciadain, ach oidhche sam bith eile cha bhiodh dùil aige coinneachadh ri Seonag. Bhiodh e fhèin agus Murchadh Aonghais a’ dol cuairt suas am baile, agus dheigheadh iad a-steach a’ thaigh-òsda, far an òladh iad gloinne no dhà de leann.
Bhiodh iad a’ bruidhinn air iomadh rud fhad’s a bhiodh iad ag òl, ach aon oidhche thuirt Murchadh,
“An cual’ thu gu bheil A’ Chabhlach Rìoghail air tòiseachadh air dòigh ùr air togail sheòldairean. Tha iad air sguir o chionn fhada dhen luchd glacaidh a chur a-mach gu daoine thoirt dhan chabhlach an aghaidh an toile. ’S e ‘Royal Naval Reserve’ no R.N. R. a their iad ris an dòigh ùir. Cha bhi aig na seòldairean ach ri trì seachdainean sa bhliadhna a chur a-steach ann an ionad-teagaisg, no ann am bàta-teagaisg leis a’ Chabhlach. Gheibh iad am pàigheadh anns na trì seachdainean sin, agus gheibh iad suim bheag eile ris an canar ‘retainer’ fhad’s a tha iad nam buill dhen R.N. R.”
“Bhiodh trì seachdainean sa bhliadhna glè mhath”, fhreagair Seumas, “cho fad ’s a gheibheadh sinn air an dèanamh aig àm nach biodh an t-iasgach an urra ruinn, ach nan tigeadh trioblaid sam bith
dh’fheumadh sinn a dhol ann airson barrachd air na trì seachdainean. Cha bu mhath leamsa cus iasgaich a chall. Càite am biodh againn ri dhol air son nan trì seachdainean?”
“Tha mi a’ creidsinn gur ann gu Portsmouth a dheigheadh sinn.”
“Feumaidh mi smaoineachadh mu dheidhinn seo,” thuirt Seumas; “Innsidh mi dhut an ath sheachdain dè an co-dhùnadh gun tig mi.”
Bha Seumas a’ tuigse gu robh Murchadh cion air an R.N. R. Bha e fhèin a’ faicinn gu robh mòran ann na fhàbhar, ach cha robh aige mu dheidhinn e fhèin fhàgail buailteach gu bhith a’ faighinn gairm dhan Chabhlach Rìoghail agus gu feumadh e an t-iasgach fhàgail gus an deigheadh an trioblaid seachad, air cho fada ’s gum biodh i.
Thug e làithean a’ meòmhrachadh air a’ chùis, ach, mu dheireadh, rinn e suas inntinn gun deigheadh e ann còmhla ri Murchadh.. .. Cha do rinn seo mòran atharrachaidh air a bheatha aig an àm. Fhuair iad air gnothaichean a chur air dòigh airson gum faigheadh iad air na trì seachdainean a chur a-steach ann am Portsmouth aig àm anns nach robh mòran ri dhèanamh a thaobh iasgaich – ann am mìos an Dàmhair, eadar iasgach an t-samhraidh agus iasgach a’ gheamhraidh.
title | I. Seumas Ruairidh – Caibeidil 2 |
internal date | 1990.0 |
display date | 1990 |
publication date | 1990 |
level | |
reference template | MacMhaoilein A’ Sireadh an Sgadain %p |
parent text | A’ Sireadh an Sgadain |