[22]

Caibidil 3

Bha an t-iasgach adol gu math leò, agus bha iad adèanamh cosnaidh mhaith. Fhuair Seumas air beagan airgid a chur ma-seach, agus, on bha e fhèin agus Seonag glè thoilichte le chèile rinn iad suas an inntinn gum pòsadh iad nuair a bhiodh e comasach dhaibh àite còmhnaidh fhaighinn.

Chan eil math dhuinn smaoineachadh air pòsadh,” thuirt Seumas, “gus am bi àitagainn dhuinn fhìn.”

àite beag achùis dhuinn an toiseach, agus faodaidh sinn a bhith acoimhead airson àite nas motha nuair a thig feum air,” fhreagair ise.

Nuair a chaidh Seumas dhachaidh a Ghrabhair Disathairn, thug e athair gu aon taobh agus dhinnis e dha an dùil a bhaige fhèin agus aig Seonag.

Thàinig seo, dìreach às an àm cheart,” thuirt Ruairidh. “Tha mi acluinntinn gu bheil Fionnlagh Mhurchaidh ag iarraidh achroit aige a reic. Chan eil an taigh aig Fionnlagh ro mhath, agus le sin, ’s iongantach gum bi dùil aige ri prìs ro mhòr fhaighinn. Ach tha brod na croit ann. ”.

Feumaidh mi a dhol as a dèidh gun dàil. Thèid mi far a bheil Fionnlagh an dràsda fhèin, ach tha mi asmaoineachadh gum feum mi fear-lagha fhaicinn mun gabh an gnothach a thoirt gu ceann.”

Dhfhalbh Seumas an dèidh bha blasd bìdh a ghabhail. Bha Fionnlagh glè thoilichte fhaicinn, oir cha robh duine air foighneachd mun chroit, an dèidh dhi a bhith mhìos air amharcaid, ged nach do dhinnis e sin do Sheumas. Bha e ag iarraidh leth-cheud not air an taighs achroit. Ged nach robh san taigh ach bothan beag, bha Seumas deònach seo a thoirt air, on a bha achroit cho math, agus thàinig iad gu aonta gun abheag a chòmhradh. Nuair a thill e dhachaidh, dhinnis e dha athair gu robh e fhèin agus Fionnlagh air a thighinn gu còrdadh agus gum biodh an taigh agus achroit leis mu mheadhon aMhàirt an ath bhliadhna, 1896.

As t-Earrach fhuair Seumas sealbh air achroit. Rinn e beagan àitich, achs e deisealachadh airson an taigh a thogail an obair a bha atoirt leis a thìde. Chladhaich e an làrach, agus chruinnich e clachan. Ged a bha beagan eagail air nach dèanadh e an obair ceart, thòisich


[23]

Cromòr

e air achlachaireachd a dhèanamh. Bha e an dùil, nan dèanadh e droch mhearachd, gu faodadh e am balla a leagadh, agus nach cailleadh e càil ach an tìde a chosg e ga thogail, agus nan deigheadh gu math leis, gu sàbhaileadh e an t-airgead a phàigheadh e do chlachair.

Rinn iad suas gum pòsadh iad san t-Samhain, nuair a thilleadh Seumas bho a chuairt a Phortsmouth. Fhuair e air achlachaireachd a dhèanamh glè mhath, ach bha deagh fhios aige nach biodh an taigh faisg a mhìle air a bhith deiseil ron t-Samhain.

Nuair a thàinig Seumas dhachaidh bhon chuairt leis aChabhlach, chuir iad rèiteach air adhart ann an taigh Dhòmhnaill Tharmoid. Chruinnich càirdean à Tàbost, à Ceairseadair, à Grabhair, agus às na bailtean eile bha timcheall, agus bha oidhche chridheil aca gu lèir. Ceithir deug an dèidh an rèitich, chruinnich sluagh a-rithist ann an Grabhair aig Eaglais na Lice Bàine agus phòsadh Seonag agus Seumas. An dèidh aphòsaidh thàinig achuideachd cruinn ann an taigh Ruairidh, agus bha banais aighearach adol ann an sin gu madainn. Thàinig Iain Choinnich leis aphìob mhòir, agus chuireadh danns air adhart ann an sabhal Ruairidh, a bha air a ghlanadh a-mach gus am biodh e freagarrach airson dannsa.

Chaidh Seumas agus Seonag a dhfhuireach dhan bhothan bheag


[24]

a bha Fionnlagh Mhurchaidh air fhàgail. Dhiarr Seumas air Iain Mòr leigeadh leis fear eile chur na àite sa bhàtairson iasgach agheamhraidh gus am faigheadh e air adhartas a dhèanamh air an taigh ùr, agus gus an cumadh e cuideachd ri Seonag fhads a bha i air a h-aineol ann an Grabhair. Mun tàinig abliadhnùr a-steach, bha e air achlachaireachd a chrìochnachadh agus cha robh mearachd sam bith aige air a dhèanamh ann. Bfheudar dha saor fhaighinn, oir cha robh e afaireachadh gun dèanadh e saorsainneachd cho maths a rinn e achlachaireachd.

Mun tàinig an t-àm airson a dhol gu iasgach a-rithist bha an taigh cho faisg air a bhith crìochnaichtes gu faodadh e leabaidh a dhèanamh an àird agus an teine a lasadh. Mu dheireadh bha e na thaigh ùr fhèin.

Bha e a-nis agabhail fìor aithreachais airson gabhail san R.N. R., agus nuair a chaidh e mach a Phortsmouth aig deireadh iasgach an t-samhraidh, chuir e gnothaichean air dòigh gus e fhèin fhaighinn às. Cha robh sin ro fhurasd, ach fhuair e mu dheireadh air faighinn às air cùmhnantan gun deigheadh e air ais nan deigheadh a ghairm, nam biodh trioblaid ann a dhadhbhraicheadh dhan Chabhlach feum a chur air. Bha seo glè mhath aig an àm, oirs e call mòr tìde a bhann a bhith caitheamh trì seachdainean gach bliadhna ann am bàta cogaidh.

Bha mòran ri dhèanamh san taigh ùr, agus fad agheamhraidh bha e ag obair acur nithean air dòigh am broinn an taighe. Rinn e a-rithist mar a rinn e abhliadhna roimhe. Dhiarr e air fear eile a dhol na àite aReul na Maidneairson iasgach agheamhraidh. Thòisich e air an taigh a sgeadachadh le peant agus pàipear, agus fhuair e togail da-rìribh nuair a chunnaic e cho maths a bha Seonag air peantadh. Rinn i achuid bu mhotha dhan pheantadh a-staigh agus dhfhàg sin barrachd tìde aig Seumas airson nan nithean eile bha ri dhèanamh ris an taigh.

Rinn sinn math da-rìribh, a Sheonag, agus ma sinn cho math air an ath gheamhradh, bidh fàrdach air leth againn.”

Tha eagal orm nach dèan mise mòran cuideachaidh dhut aig an àm sin. ’S dòcha nach bi mi afaireachadh coltach ri obair a dhèanamh.”

O! Carson? An ann adol a dhfhàs leisg a tha thu?”

O, chan ann, ach tha mi asmaoineachadh gum bi obair eile an urra rium an uair sin.”

an obair?”

Tha mi acreidsinn gum bi thu uaireigin acoimhead ri bàta fhaighinn dhut fhèin. Nuair a dhfhàsas tu aosda, bidh tu acoimhead


[25]

airson duine a bhuineas dhut fhèin gu dàitea ghabhail innte. Tha misafiachainn ri sin a chur air dòigh dhut.”

O, tha mi tuigse,” arsa Seumas, ’s e atoirt dhi pòg. “Cuin a bhios dùil ris?”

Bidh dùil ris, no rithe, mu dheireadh an Dàmhair, dìreach nuair a bhios dùil agam dhachaidh riut bho iasgach an t-samhraidh.”

Chaidh Seumas chun an iasgaich le sunnd na bu mhotha na bàbhaist. Rinn iad iasgach math, agus thill e dhachaidh trì seachdainean mun do rugadh a mhac, Ruairidh, air an t-seachdamh dhen t-Samhain, 1899. Bha Seonag glè sgìth an dèidh a saothrach, agus thàinig Màiri, a màthair, a-mach à Tàbost gus a cuideachadh leis an leanabh agus le cumail an taighe air dòigh.

Chrìochnaich Seumas gach a bha ri dhèanamh san taigh, agus fhuair e air aire thionndadh chun na croit a bha e, gu ìre bhig, air a dhiochuimhneachadh fhads a bha aire air an taigh.

Sa bhliadhna 1902, nuair a bha Ruairidh Beag bhliadhna gu leth, chualas gu robh an rìgh Eideard VII, agus aBhànrigh adol a thoirt cuairt tro na h-Eileanan an Iar, agus gu robh dùil gun tadhaileadh iad ann an Steòrnabhagh. Bha comhairle aBhaile, na ceannaichean, agus iomadh buidheann eile airson rudeigin a dhèanamh gus an turas seo a chomharrachadh, agus shaoil na h-iasgairean gum biodh e iomchaidh iadsan, cuideachd, rudeigin a dhèanamh. Chaidh coinneamh de na h-iasgairean a ghairm, agus comhairle riaghlaidh a chur air chois, fo stiùireadh Màidsear Mac aMhathainn; bha Iain Mòr na bhall dhith.. .. ’S e an codhunadh gun tàinig iad gum bu chòir rèis mara a chur air chois, atòiseachadh aig cala Steòrnabhaigh, adol timcheall Eilean Thabhaidh, agus à sin gu Creig na Circe, agus air ais gu Steòrnabhaghastar mu chòig mìle fichead. Ged a bha an cùrsan t-astar seo, dhfheumadh na bàtaichean a dhol astar mòr a bharrachd air seo nuair a bhiodh iad abeatadh an aghaidh na gaoithe eadar Tabhaidh agus Creag na Circe. Bha an t-sreath tòiseachaidh agus crìochnachaidh gu bhith eadar ceann na laimrige agus bàta bha air acair air taobh thall achalaidh. Bha na bàtaichean gu bhith nan trì buidhnean a rèir am meudachd agus bha an rèis gu bhith air a ruith mu mheadhon an t-Sultain, nuair a bhiodh na bàtaichean a bha ag iasgach air an taobh an Ear air tilleadh dhachaigh.

Thàinig Iain Mòr air bòrdReul na Maidneagus bhruidhinn e ris an sgiobadh mun rèis. Dhfhoighnich e dhaibh an robh iad deònach pàirt a ghabhail innte. Cha be ruith ach leum le gach duinaca, ag aontachadh gum biodh iad ro-thoilichte a bhith san rèis.

Anns na seachdainean an dèidh seo, gach uair a bhiodh iad faisg


[26]

air Tabhaidh no air Creig na Circe, chuireadh iad car orra, agus bha iad afaicinn bhàtaichean eile adèanamh an t-aon rud. Dhfheumadh iad eòlas fhaighinn air an dòigh a bfheàrr air achleasachd chuglaidh seo a dhèanamh cho cabhagachs a ghabhadh e dèanamh, ach gu sàbhailte.

Thàinig mòr na rèis agus dhfhalbh iad gu Tabhaidh gach seòl an àird. BhaReul na Maidneadèanamh gu math ach bha bàtaichean ann a bha dèanamh na bfheàrr. ChaidhDeagh DhòchasagusSliabh nan Rosseachad orra, agus bha iad afaicinn tèile de bhàtaichean Ghrabhair, ‘Mairi Chaol’, bàta a bha na bu lugha naAn Reul’, atighinn glè fhaisg orra. Bha aghaoth atighinn orra on àird an ear-thuath, gaoth a bha fàbharach air an t-slighe a-mach gu Tabhaidh, agus air an t-slighe a-steach bho Chreig na Circe, ach nach biodh ro fhàbharach idir eadar Tabhaidh agus AChearc. Bha iad air iomadh car a chur air Tabhaidh le gaoith an ear-thuath agus bha iad air dòigh ionnsachadh gu dhèanamh glè sgiobalta.

Bha an seòl an àird air taobh deas abhàta, agus gach na àite fhads a bha iad aseòladh gu deas, ach bha seòl eile air a phasgadh air an taobh chlì, gach ròp ceangailte agus gach na àite dìreach mar gum biodh e ris achrann. Nuair a bha iad acuairteachadh an eilein, fhads a bha an stiùir ga cur chun na làimh chlì, nuas gun tàinig an seòl deas, agus aig an aon àm suas gun deach an seòl clì; bha iad deiseil gu beatadh gu fearann an Rudha gun tìde a chall aceangal ròp, agus gun shlatan a bhith adol tarsainn os cionn an sgiobaidh, gan cumail o obair eile fhads a bhiodh iad afiachainn ris na slatan a sheachnadh. BhaDeagh Dhòchasromhpa agus bhàteile nach robh iad ag aithneachadh. Bha feadhainn eile nach robh fada as an dèidh, nam measgMairi Chaol’. Air an t-slighe steach a Steòrnabhagh, thug iad a-steach air feadhainn dhe na bha romhpa agus chaidh iad seachad airA Chailleach Oidhche’.

De na bàtaichean san dara buidhinn cha robh romhpa achDeagh Dhòchas’. Mar sin bu leò an dara duais sa bhuidhinn sin. RinnMairi Chaolglè mhath, agleidheadh an dara duais san treas buidhinn.

Fhads a bha seo adol air adhart sa Chuan Sgìth, bha rudan eile tachairt an Grabhair. Rugadh Dòmhnall, an dara mac aig Seumas, aig deireadh 1901, agus thàinig achlann-nighean beagan an dèidh seoMairead an 1904 agus Iseabail an ath bhliadhna an dèidh a peathar.

titleI. Seumas Ruairidh – Caibeidil 3
internal date1990.0
display date1990
publication date1990
level
reference template

MacMhaoilein A’ Sireadh an Sgadain %p

parent textA’ Sireadh an Sgadain
<< please select a word
<< please select a page