Caibidil 4
Aig toiseach a’ Ghiblein, nuair a bha ‘An Reul’ a’ dèanamh airson a dhol gu muir thàinig Iain Mòr a chòmhradh ri Seumas.
“A Sheumais, tha mise a’ fàs aosd a-nis, ro aosd airson leantainn air an obair seo. Feumaidh mi sguir, agus on a chaidh Dòmhnall gu muir domhain o chionn fhada, cha till e ri iasgach tuilleadh. Mar sin, feumaidh mi am bàt’ a reic, agus feumaidh tu fhèin agus càch a bhith coimhead airson bàt’ eile, air neo airson obrach air tìr mur faigh sibh àit’ ann am bàta.”
“Ma tha ‘Reul na Maidne’ gu bhith air a reic,” fhreagair Seumas, “ ’s dòcha gun tèid agam fhìn air a ceannach. Tha beagan airgid agam air a shàbhaladh agus ’s dòcha gun toir am banca dhomh iasad mur a bi gu leòr agam fhìn. Dè bhios sibh ag iarraidh oirre?”
“Fàgaidh sinn a’ phrìs gu nas fhaisg’ air deireadh an iasgaich. Cha bhi i ro dhaor, oir tha i mar a tha mi fhìn, air fàs aosd, ach tha bliadhna no dhà de iasgach innte fhathast. Nuair a bhios mi deiseil gu prìs ainmeachadh, innsidh mi dhut mus innis mi do dhuin’ eil’ e. Mur a bi airgead gu leòr agad nach fhiach thu am faigh thu fear-pàirt a thèid còmhla riut.”
“Nì mi sin ma dh’fheumas mi, ach ’s e bàt’ fhaighinn dhomh fhìn, agus a bhith air mo cheann fhìn a dh’iarrainn agus nì mi mo dhìcheall gus an t-airgead a lorg.”
San t-Sultain dh’innis Iain dha gu faigheadh e am bàta air ceud not. Bha e fhèin deiseil gu leth-cheud a chur innte, agus bha am banca deònach iasad a thoirt dha dhen leth-cheud eile, am bàta fhèin a’ dèanamh barrantais dhaibh airson an iasaid. Aig deireadh an t-seusain, chaidh Iain Mòr air tìr bhon turas mu dheireadh na sgiobair, agus bha sgiobair ùr air ‘Reul na Maidne’. Dh’fhuirich a h-uile duine dhen sgiobadh còmhla ri Seumas, agus cha robh aige nis ach duine fhaighinn a ghabhadh àite’ Iain Mhòir. B’ann a-nis aig Seumas fhèin a bha am facal mu dheireadh mu obair a’ bhàta, agus mun iasgach. Bha e deònach gu leòr èisdeachd ri comhairle bhon sgiobadh, gu h-àraidh bho Mhurchadh Aonghais – ach nuair a dh’èisdeadh e, ’s e e fhèin a bheireadh a’ bhinn a-mach air a’ chomhairle a fhuair e.
Gus a seo, bha freasdal gu math do Sheumas, ach an dèidh dha am bàta a cheannach, bha e rudeigin anfhoiseil na inntinn, mar gum
Ann an cala Steòrnabhaigh
biodh dùil aige ri droch thubaist a thighinn na chrannchar. Rud a b’ iongantaiche dhen chùis, cha robh e a’ smaoineachadh gur ann taobh a’ bhàta a bha an tubaist a’ dol a thighinn. Cha robh seo coltach ri faireachadh a bh’aige a riamh na bheatha, ach bha e cinnteach gu robh creach air choireigin gus a thighinn air. Cha tuirt e guth dhen seo ri Seonag.
Lean gach nì a’ dol gu math dha airson grunn bhliadhnachan. Bha e toilichte nach tuirt e guth ri Seonag mu na bha a’ cur dragh’ air, nuair a dh’innis i dha as t-Earrach gu robh an ath dhuine cloinne gu bhith aice an ceann shia mìosan. Bha Seonag a’ faireachadh gu math fad na h-ùine agus bha a h-uile coltas gun deigheadh dhi a’ cheart cho math ’s a chaidh leis a’ cheathrar eile. Rugadh balach tapaidh, air an tug iad Coinneach, air an là mu dheireadh dhen t-Sultain, 1910.
Bha Seonag cho sunndach ’s bu chòir dhi airson trì là an dèidh a h-aiseid. Ach an là an dèidh sin, nuair a dhùisg Seumas sa mhadainn bha Seonag a’ gearain ceann goirt agus laige. Chuir e fios a’ bhean-ghlùin a thighinn a shealltainn oire. Nuair a thàinig ise, chomhairlich i gu feumadh iad oidhirp a dhèanamh air dotair fhaighinn thuice cho luath ’s a ghabhadh. Chaidh Seumas far an robh Murchadh Aonghais, agus chodhuin iad gum b’fheàrr do Mhurchadh a dhol a Steòrnabhagh leis a’ bhàta agus dotair a thoirt air ais. B’ e seo a’ chiad turas aig
Murchadh a’ sgiobaireachd ‘An Reul’, ach chan fhàgadh Seumas a bhean sa chàs anns an robh i. Cha tugadh iad fad’ air an turas le gaoith fhàbharaich, ach bha iomagain air Seumas mun turas air eagal gun cuireadh e dàil air an dotair.
Bha Màiri, màthair Seonaig, gun a dhol dhachaidh, agus bha i fhèin agus Seumas san t-seòmar còmhla ri Seonag fad na h-ùine. Chan e gu robh càil ann a b’urrainn dhaibh a dhèanamh dhi, ach bha iad an dùil gun dèanadh e cuideachadh dhi iad a bhith ann, ged a bha ise a-nis cho lag ’s nach robh i a’ sealltainn gu robh mothachadh sam bith aice gu robh iad ann.
Thàinig Murchadh leis an dotair mu mheadhon oidhche. Bha iad air ùin’ a chall ann an Steòrnabhagh a’ lorg dotair a bha deiseil gu a dhol a Ghrabhair. Nuair a thug an dotair sùil air Seonag bha e dhen bheachd nach robh càil ann a dhèante rithe ach rud a thoirt dhi a chlòthadh am pìan, agus a cumail blàth. Cha robh mòran dòchais aige gu faigheadh i na b’fheàrr.
“ ’S dòcha gun tig i a-mach as an laigse, mun tig a’ chrìoch, ach cha mhair sin fada.”
Chuireadh Murchadh air falbh air turas eile – a-steach a Thàbost a dh’innseadh do Dhòmhnall Tharmoid mar a bha cùisean. Thàinig Dòmhnall a-mach gun dàil gus am faigheadh e aon sealladh eile air Seonag, an aon nighean a bh’aige, fhad’s a bha i an tìr nam beò.
Mar a thuirt an lighiche, thàinig Seonag as an laigse an ceann dà là, ach cha do sheas sin fada, agus chaochail i tràth an ath mhadainn.
Thug bàs Seonaig bròn mòr air cridhe Sheumais, ach cha b’urrainn dha gèilleadh dhan bhròn, on bha uiread ri aghaidh. ’S e bu mhotha a bha dèanamh dragh’ dha dè a dh’èireadh dhan chloinn a-nis agus iad gun mhàthair. Bha còignear chloinne air a chùram, ’s gun Ruairidh, am fear a b’aosda, ach deich bliadhna, agus Coinneach nach robh ach seachdain air an talamh. Bha a pheathraichean glè mhath dha, a’ coimhead as dèidh na cloinne fhad’s a bhiodh esan aig obair eile, ach dh’fheumadh e a dhol gu muir gu beòshlaint’ a chosnadh agus cha b’urrainn dha dùil a bhith aige gum biodh a pheathraichean ann an còmhnaidh.
Thug a mhàthair comhairle air gu feumadh e boireannach fhaighinn a ghabhadh os làimh an taigh agus a’ chlann a chumail dha.
“Ged nach eil thu nad dhuine beairteach, tha gu leòr agad airson seo, agus chan eil d’athair cho gann ’s nach b’urrainn dha cuideachadh a thoirt dhut nam biodh tu a’ cur feum air, ach ’s e mo bheachd-sa nach bi. Nì thu a’ chùis.”
“Nan tugainn-sa boireannach a-steach dham thaigh, bhiodh là mòr aig luchd nam breug. Nach saoil sibh dè bhiodh iad ag ràdh?”
“Ma gheibh thu tè a bhios fada nas aosda na thu fhèin, cha bhi iad cho dualtach a bhith a’ bruidhinn ort. Feumaidh tu cuideachadh co-dhiù. Cha dèan thu a’ chùis nad aonar, agus chan urrainn dhòmhsa a bhith agad fad na h-ùine. Ma gheibh thu tè airson na h-obrach seo, bidh i ag iarraidh tìde dhi fhèin bho àm gu àm, agus faodaidh mi fhìn agus do pheathraichean a thighinn agus sin a thoirt dhi. An lorg mi fhìn te dhùit?”
“ ’S e sin as fheàrr.”
Thàinig a mhàthair làrna-mhàireach le Mòr, boireannach mu dhà fhichead bliadhna ’s a ceithir deug a dh’aois. Dh’ fhàg sin Seumas deiseil gu dhol gu muir air ais an uair a fhuair a’ chlann eòlas oirre.
title | I. Seumas Ruairidh – Caibeidil 4 |
internal date | 1990.0 |
display date | 1990 |
publication date | 1990 |
level | |
reference template | MacMhaoilein A’ Sireadh an Sgadain %p |
parent text | A’ Sireadh an Sgadain |