Caibidil 5
Bha a-nis naidheachdan a’ tighinn as an Roinn Eòrpa nach robh glè ghealltanach. Bha a’ Ghearmailt agus Impireachd Austria a’ bagairt cogadh a thoirt air an tìr. Thàinig Murchadh gu Seumas aon là a’ cuimhneachadh dha gu robh esan fhathast san R.N. R. agus, nan tigeadh cogadh, gu feumadh e am bàt’ fhàgail nuair a dheigheadh a ghairm dhan Nèbhi.
“Nach eil cuimhne agad idir,” thuirt Seumas, “nuair a dh’fhàg mise an R.N. R. gun rinn mi cùmhnant gun deighinn air ais nan tigeadh èiginn agus nam biodh feum aig a’ Nèibhi orm! Thèid mise ghairm aig an aon àm riut fhèin.”
“Dè a nì thu mun bhàt?”
“Tha mi a’ beachdachadh mun sin, ach cha d’fhuair mi freagairt dhan cheist fhathast. Cha bhi daoine gu leòr air am fàgail an Grabhair gus na bàtaichean iasgaich gu lèir a chumail a’ dol, agus nuair a dh’fhalbhas mis’ agus tus’ bidh e iongantach mur a sguir ‘Reul na Maidne’ a dh’iasgach. Tha deagh fhios againn nach eil iasgair sam bith a’ dol a cheannach bàt’ aig àm mar seo, nuair a tha cogadh a’ bagairt a thighinn oirnn.”
Chuir Seumas a’ cheist ri athair, agus b’ e comhairle Ruairidh, nuair a dheigheadh a ghairm dhan Nèibhi, e oidhirp a dhèanamh air am bàt’ a reic ris an riaghaltas airson bat’ -aiseig ann am port a choireigin.
Cha tàinig an cogadh cho luath ’s a bha dùil agus fhuair iad air mòran sgadain a ghlacadh le ‘Reul na Maidne’ ro 1914, nuair a thòisich cùisean a-rithist a’ fàs glè mhì-ghealltanach. Sgrìobh Seumas chun an ‘Admiraltaidh’ mun bhàta, gun a’ bheag dhùil aige gum faigheadh e freagairt fàbharach, ach thàinig oifigearan a shealltainn oirre. Fhuair e gealladh gun ceannaicheadh iad i nan tòisicheadh cogadh.
Cha robh e fada an dèidh seo nuair a thòisich an cogadh. Reic Seumas ‘Reul na Maidne’. Fhuair e òrdagh a dhol gu Portsmouth agus an tuilleadh eòlais fhaighinn airson seirbheis san Nèibhi.
Chaidh a’ chlann fhàgail aig an taigh air chùram Mòir. Bha Ruairidh a-nis ceithir bliadhna deug, agus b’ e an dòchas a bh’aig Seumas dha thaobh gum biodh am buaireadh seachad mus biodh
Cromòr a-rithist
Ruairidh aosd gu leòr airson a bhith air a thogail dhan Nèibhi no dhan Arm.
Chuir Seumas seachad mìos am Portsmouth, ag ionnsachadh as ùr na bha an R.N. R. air ionnsachadh dha o chionn faisg air fichead bliadhna. An sin chuireadh e gu bàta cogaidh, an ‘destroyer’ H.M. S. Viper. Chuir e seachad greis sa Chaolas Shasannach agus sa Chuan-a- Tuath a’ tighinn bho àm gu àm air bàtaichean cabhlach na Gearmailt. Chaidh iad uair no dhà tarsainn a’ Chuain-Shiair gus dìon a thoirt do shoithichean bathair. Thàinig iad air bàt-aigeinn deas air Eireann, ach fhuair i air falbh bhuapa.
Mu mheadhon a’ Chèitein 1916, chunnacas gu robh mòran gluasaid am measg cabhlach na Gearmailt agus fhuair ‘Viper’ òrdagh a dhol dhan Chuan-a- Tuath, agus suas gu cladaichean Dheanmhairc còmhla ri earrann mhòir de Chabhlach Bhreatainn, oir bha fhios gu robh na Gearmailtich air a dhol gu muir. Air an t-slighe choinnich iad ri ‘destroyer’ Gearmailteach, agus an dèidh beag-chath chuir iad fodha i. Fhuair cuid de na seòldairean Gearmailteach air a dhol dha na h-eathraichean agus bha iad a’ fiachainn ri dhol air tìr san Fhraing nuair a chunnaic Seumas an sealladh mu dheireadh orra.
Choinnich an dà chabhlach aig Jutland agus bha còmhrag fhuilteach ann. Chaill gach taobh mòran bhàtaichean agus nam measg bha
‘Viper’. Nuair a dhealaich ‘Viper’ ris a’ chòrr dhen chabhlach airson cuideachadh a thoirt do bhàt’ eile, thàinig tè de bhàtaichean mòra na Gearmailt oirre, agus cha robh dol as aice.
Anns a’ chòmhraig seo chaidh Seumas a leòn san t-sliasaid, ach fhuair e air bòrd tè dhe na h-eathraichean. Gu fàbharach, bha na Gearmailtich a-nis deiseil gu teich, agus chaidh an t-eathar san robh Seumas a lorg le H.M. S. Vixen, agus thugadh na leòntaich air bòrd. Nuair a chuireadh Seumas air tìr ann a Harwich, chaidh a chur gu Gosport, a dh’ospadal an Nèibhi sa bhaile sin. Cha robh a shliasaid a’ slànachadh ro mhath agus bha e san ospadal a’ chuid mhòr dhen t-Samhradh. Bha tìde aige mòran meòrachaidh a dhèanamh fhad’s a bha e na shìneadh san leabaidh.
“Chan eil ciall aig an obair tha seo – bha mi air a’ Viper a’ dèanamh mo dhìchill gus daoine a mharbhadh – daoine nach aithnichinn – agus nach do rinn cron dhomh a-riamh – ach gu robh iadsan a’ dèanamh an dìchill gu mise mharbhadh – carson a bha sinn ag iarraidh a chèile a mharbhadh? – dh’iarr an riaghaltas aig gach fear am fear eile a mharbhadh – ’n dùil an e an riaghaltas bu chòir dhuinn a mharbhadh? – chuir sinn fodha ‘destroyer’ Gearmailteach ann an Caolas Dhòbhair – ’s dòcha gu robh iasgair Gearmailteach oirre – a chaill a bhean agus a dh’fhàgadh le còignear chloinne – ma bha, tha mi ’n dòchas gun d’fhuair e dhith beò – agus slàn.”
Ann an Grabhair, bha Ruairidh a-nis sia bliadhna deug – an aois a bha Seumas nuair a choinnich e ri Seonag, am bliadhna Creach na Pàirce. Bha Mòr còmhla riutha fhathast, ach bha i a-nis a’ fàs aosda agus dh’fheumadh Màiread agus Iseabail cuideachadh a thoirt dhi.. .. Chanadh i ri Màiread, a bha dà bhliadhna dheug, gun dèanadh i fhèin a’ chùis air an taigh a chumail nuair a thigeadh a h-athair dhachaidh. Bha Ruairidh agus Dòmhnall a’ dèanamh obair na croit, a’ dèanamh beagan iasgaich ann an Loch Odhairn, a’ marbhadh choineanach agus eun leis a’ ghunna a dh’fhàg Seumas a-staigh nuair a dh’fhalbh e. Bha iad a’ cumail gach nì a’ dol gus an tilleadh an athair on chogadh.
Chuir Seumas seachad sia mìosan san ospadal an Gosport. Bha an t-sliasaid aige duilich a shlànachadh. Nuair a shaoileadh e gu robh i gu bhith slàn bhristeadh i a-mach a-rithist agus dh’fheumadh na dotairean tòiseachadh as ùr a’ fiachainn ri leighis fhaighinn dhi. Chaidh leò air a’ cheann thall. Mu mheadhon an Dàmhair bha e slàn, fallain a-rithist, agus, aig deireadh na mìosa, chaidh a leigeadh a-mach. Fhuair e fòrlagh an dèidh a thighinn as an ospadal, agus rinn e air Grabhair.
Air a shlighe dhachaidh à Gosport, thàinig Seumas gu Caol Loch
Aills’ greis mus robh am bàta gu seòladh a Steòrnabhagh, agus chuir e seachad beagan ùine a’ coimhead bàtaichean an Nèibhi a bh’ air acair sa chaolas. Chunnaic e bàta beag a’ siubhal eadar na bàtaichean mòra san laimrig agus bha rudeigin mun bhàta seo a’ tarraing aire.
“Chunnaic mi am bàta seo roimhe,” thuirt e ris fhèin,” agus ’s e mo bheachd gu robh mi eòlach oirre.”
Bha e sin gun teagamh, oir nuair a cheannaich an Nèibhi i dh’fhàg iad an t-ainm ‘Reul na Maidne’ oirre. Bha iad air na cruinn mhòra a thoirt aiste agus air einsean a chur innte, ach a thuilleadh air a seo bha i dìreach mar a bha i an là a dh’fhàg i Grabhair.
Nuair a ràinig e dhachaidh, bha e toilichte nuair a chunnaic e cho math ’s a bha an teaghlach a’ cumail gach nì – cho math ’s ged a bhiodh e fhèin air an ceann. An oidhche a ràinig e, bha e cho sgìth ’s gun deach e dhan leabaidh gun a’ bheag ach fàilte chur air gach duine, ach bha e na dhùisg glè thràth an ath mhadainn.
Tràth ’s mar a bha e, bha Ruairidh air a chois roimhe.
“ ’S fheàrr dhuibh fuireach san leabaidh greis mhath dhen là,” thuirt Ruairidh ris. “Bidh sibh sgìth an dèidh na slighe à Gosport, agus an ùin’ a thug sibh san Ospadal.”
“Tha mi glè mhath agus tha mi airson faicinn dè mar a tha a h-uile càil on dh’fhalbh mi. Tha earbs’ agam asadsa, ach an dèidh sin bu toil leam faicinn air mo shon fhìn.”
“O! chì sibh feasgar e. Leigibh ur n-anail an dràsda.”
Cha do rinn Seumas tuilleadh argumaid. Dh’ fhuirich e san leabaidh gus an robh an dìnneir deiseil aig Màiread dha. Bha Mòr air a ràdh nach tigeadh i air a’ chiad là aig Seumas aig an taigh, gus am faigheadh an teaghlach cothrom ceart air còmhradh rin athair.
Nuair a bha am biadh seachad chaidh Seumas cuairt a-mach agus bha gach nì an deagh òrdagh. Chaidh e suas gu taigh athar agus an dèidh sin gu taigh Iain Mhòir, agus bha na h-uile toilichte fhaicinn aig an taigh. Bha moladh aig na h-uile air mar a bha Ruairidh, agus a’chlann eile, a’ cumail taigh’ is fearainn.
“Tha mi an dòchas,” thuirt Seumas ri Ruairidh, nuair a thill e dhachaidh, “gum bi an cogadh a tha seo seachad mus bi thusa aosd gu leòr airson do thogail dhan Nèibhi no dhan Arm.”
“Ma thèid ma thogail, nì mi a h-uile dìcheall gu faighinn dhan Nèibhi. Tha am muir san fhuil agam, agus saoilidh mi gur e beatha bhochd a th’aig na saighdearan sna trainnsean san Fhraing.”
“Tha thu ceart a sin. Ach ’s e beatha bhochd a th’ againne aig muir cuideachd. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e nas fheàrr againne na tha e san Fhraing. ’S e gnothach mallaichte a th’ann a bhith strì gu daoine a mharbhadh.”
“Tha mi fhìn an dòchas nach tig orm a dhol a dh’aon seach aon,” thuirt Ruairidh.
Làrna-mhàireach, thàinig Mòr, agus an dèidh dhi fàilte chur air, thog i a’ cheist a bha i air a thogail mar tha ri Ruairidh is ri Màiread. Thuirt i gu robh i fhèin a-nis air fàs ro aosd airson uallach taigh dhuin’ eile a bhith oirre, agus gu robh Ruairidh agus Màiread, agus an dithis eile cothromach gu leòr a’ chùis a dhèanamh as a h-aonais. Dh’fhoighnich Seumas do Ruairidh agus do Mhàiread dè am beachd a bh’acasan air seo, agus bha iad le chèile cinnteach gun dèanadh iad a’ chùis glè mhath leò fhèin. Bha sin math gu leòr le Seumas, agus thug e taing airson na rinn i airson an teaghlaich.
Aon oidhche, agus iad nan suidhe mun teine, dh’fhoighnich Ruairidh dha athair dè bha na dhùil a dhèanamh an dèidh a’ chogaidh.
“Chan eil mise faicinn deireadh a’ tighinn air a seo airson ùine mhòir. ’S dòcha gum bi thu fhèin agus Dòmhnall ann mus sguir e. Cha tug mi mòran smaoin mu dè a dhèanainn nuair a sguireadh e, ach ’s dòcha gun ceannaich mi bàt’ eile. Ma bhios mi fhìn ro aosd airson sgiobaireachd, ’s dòcha gum bi thu fhèin ’s Dòmhnall ag iarraidh gu iasgach, agus chan eil fhios nach seas seo cho fada ’s gum bi Coinneach, ged nach eil e ach a sia, aosd gu leòr airson a dhol gu muir.
“Tha mis’ ,” fhreagair Ruairidh, “an dùil a dhol ris an iasgach agus bhiodh e na thoileachas dhomh nam biodh sibhse nur sgiobair orm.”
“Thèid mise le sin, cuideachd,” thuirt Dòmhnall.
“A’ tighinn air ais gu do cheist, a Ruairidh,” thuirt Seumas, “nuair a sguireas an cogadh ceannaichidh mise bàt’ iasgaich. Ma bhios mi fhìn air dòigh as urrainn dhomh sgiobaireachd, nì mi sin. Mur a bi, gheibh mi lorg air duine nas aosda na sibhse a thèid air ur ceann gus am bi thu fhèin, a Ruairidh, deiseil bhith nad sgiobair. ’S e mo bheachd nach bu chòir dhuinn bàta-seòlaidh fhaighinn tuilleadh. Bidh e nas fhas’ an t-iasg a lorg le tè dhe na bàtaichean ùra a tha tighinn a Steòrnabhagh an dràsda.”
Dh’aontaich na gillean gu robh seo reusanta, agus an uair sin thog Dòmhnall ceist eile.
“Tha an stoc chaorach againn a’ fàs beagan nas motha na bha iad nuair a dh’fhalbh sibh. Bha sia uain dheug againn am bliadhna. Dè ur beachd am bu chòir dhomh oidhirp a dhèanamh an stoc a dhèanamh nas motha? Am bi tìd’ againn airson sprèidhe ma bhios an triùir againn aig muir?”
“A bheil cuimhn’ idir agad, a Dhòmhnaill,” dh’fhoighnich Màiread, “air na tha mise dèanamh còmhla riut mu na caoraich, agus Iseabail
Grabhair agus Loch Odhairn bhon drochaid
cuideachd? Le cuideachadh bhon triùir air Disathairn, agus Diluain mun tèid sibh gu muir, bidh an stoc glè mhath air mo chùram-sa.”
Bha iad mar sin a’ dèanamh deilbh air mar a bhiodh cùisean nuair a thigeadh Seumas dhachaidh an dèidh a’ chogaidh; cha robh an ùine fada gus an tàinig air falbh a-rithist.
Chaidh Seumas air ais gu Portsmouth, agus chuireadh e air bòrd soithich-cogaidh ùr a bhatar air a thogail goirid roimhe seo – tè dhe na soithichean bu mhotha bh’aig an Nèibhi – H.M. S. Valiant. Bha cuid ag ràdh gur e a thug air na Gearmailtich teich aig Jutland gum fac’ iad gu robh ‘Valiant’ agus na ceithir eile dhen aon seòrsa air a’ chòmhrag a ruighinn.
Bha mòran dhaoine air bòrd ‘Valiant’, agus cha d’fhuair Seumas eòlas air trian dhiubh. O nach robh soithichean mòra na Gearmailt a’ dèanamh mòrain aig muir an dèidh Jutland, cha robh ‘Valiant’ air a cumail glè thrang. Chaidh iad suas gu ‘Scapa Flow’ ann an Arcaibh. Rinn iad ruaig bho àm gu àm a-mach dhan Chaolas Arcach, agus sgrìob an dràsda ’s a-rithist tarsainn a’ Chuain-a- Tuath, ach cha do chuir an cogadh mòran dragh’ air Seumas fhad’s a bha e innte. Bha e a’ faighinn naidheachdan bhon taigh na bu trice. ’S e Iseabail a bha an urra ri sgrìobhadh thuige.
Air an aonaibh là deug dhen t-Samhain 1918, aig aon uair deug sa
mhadainn, mar a tha fhios aig na h-uile, thàinig Cogadh a’ Chèiseir gu ceann. Fhuair Seumas a shaorsa bhon Nèibhi, agus rinn e air Grabhair. Ràinig e an taigh aig toiseach an Fhaoillich, 1919, nuair a bha Eilean Leòdhais fo bhròn mòr, a’ caoidh call na h-Iolaire aig toiseach na bliadhna air Biastan Thuilm.
title | I. Seumas Ruairidh – Caibeidil 5 |
internal date | 1990.0 |
display date | 1990 |
publication date | 1990 |
level | |
reference template | MacMhaoilein A’ Sireadh an Sgadain %p |
parent text | A’ Sireadh an Sgadain |