Caibidil 6
Bha gach nì ann an òrdagh aig an taigh. Bha Ruairidh agus Dòmhnall air dà chrann sgadain a ghlacadh aig cùl a’ Chinn Mhòir ro àm na Nollaige, agus thuirt Dòmhnall gu robh dùil aige ri dà fhichead uan as t-earrach. Bha Màiread, aig aois ceithir bliadhna deug, air an taigh a chumail gu sgiobalta, grinn, agus bha moladh aig a bràithrean air cho math ’s a bha i air biadh a chumail riutha.
Bha iad a-nis deiseil gus na planaichean a’ bha iad a’ dèanamh nuair a bha Seumas aig an taigh air fòrlagh a thoirt gu buil. Thòisich iad a’ faighinn pàipeir anns am biodh naidheachdan mun iasgach – Am ‘Fishing News’, – agus bhiodh iad ga sgrùdadh gu mionaideach gu lorgadh iad sanasan-reic airson bhàtaichean a bhiodh freagarrach dhaibh.
Chunnaic iad mu dheireadh bàta a bha mun aon mheudachd ri ‘Reul na Maidne’, – còig troighean deug air fhichead a dh’fhad – le dà èinsean Kelvin oirre agus aig prìs a bha reusanta.
“Dè as aithne dhut mu na h-èinseanan a tha seo, a Ruairidh?” dh’fhoighnich Seumas aon là.
“Chan eil mòran fios agam idir mun deighinn. Bha mi a’ bruidhinn, tà, an dè fhèin ri Dòmhnall Mhurchaidh Aonghais, agus tha mi a’ dol a-mach còmhla riuthasan airson seachdain gus an ionnsaich mi. Mar a tha fhios agaibh, fhuair Murchadh bàt’ an uiridh, nuair a chuireadh dhachaidh e as an arm le leòn, ach tha e sunndach gu leòr a-nis.”
Thug iad dhachaidh am bàta. Bha Ruairidh air eòlas gu leòr fhaighinn air èinsean Kelvin ann am bàta Mhurchaidh Aonghais agus thàinig iad dhachaidh leatha gu sàbhailt. B’ e ‘Elsie Main’ an t-ainm a bh’oirre, ach cha robh seo a’ còrdadh riutha idir. Dh’fheumadh iad ainm freagarrach a lorg. Bha Màiread cho math dhaibh sa h-uile dòigh ’s nach robh ainm bu fhreagarraiche leotha dhan bhàta na ‘Màiread Og’, agus ’s e sin an t-ainm a fhuair i.
Bha a-nis am bàt’ aca, agus b’ e an ath cheist sgiobadh fhaighinn a dheigheadh gu muir leatha. Cha b’urrainn dhan triùir aca dhol a-mach, oir bha Màiread, aig còig deug, ro òg airson a fàgail na h-aonar an urra ris an taigh, agus b’fheudar do Dhòmhnall, ged nach robh e fhèin ach ochd bliadhna deug, fuireach còmhla rithe. B’ e Seumas an sgiobair, agus bha Ruairidh an urra ris an èinsean. Bho nach robh
Dòmhnall a’ dol a-mach còmhla riutha, b’fheudar dhaibh coimhead airson cheathrar eile a dheigheadh innte. Fhuair iad triùir gun a’ bheag de thrioblaid, ach cha robh e idir furasda an ceathramh fear a lorg.
Thàinig Iseabail, màthair Sheumais, a bha a-nis trì fichead ’s a deich, a shealltainn orra, là, agus fhuair ise deagh fhreagairt dhan cheist a bha cur dragh’ air na fir.
“Dùinidh sinn an taigh againn fhìn, agus thig mi fhìn agus d’athair a-nuas còmhla ri Màiread. Nì i fhèin agus Iseabail Bheag an obair gu lèir, ach cumaidh sinn fhìn sùil orra. Mar sin faodaidh Dòmhnall a dhol dhan bhàta.
Bha a-nis an sgiobadh gu lèir aca, ach balach òg a dhèanadh cuibhlear.
“A Mhàiread,” thuirt Seumas, “Is tusa as eòlaich’ air na balaich mu d’aois fhèin sa bhaile. Cò a gheibh sinn airson cuibhleir?”
“Saoilidh mi,” fhreagair Màiread, “gum biodh Torcall Dhòmhnaill Iain Mhòir cho math ri fear sam bith.”
“Ma tha e coltach ri sheanair, chan eil nas fheàrr ri fhaighinn. Thèid mi a shealltainn air Banntrach Dhòmhnaill mus bruidhinn mi ri Torcall.”
Thàinig Torcall còmhla riutha gu toileach agus le sin bha an sgiobadh gu lèir aca, agus bha iad deiseil gu ‘Màiread Og’ a thoirt gu muir a’ chiad uair airson iasgaich. Ged nach robh an dà bhàta coltach ri chèile bhon taobh a-muigh, agus ann an dòigh-siubhail, bha iad glè fhaisg air an aon chumadh shìos fo rùm. Far an robh stòr airson uidheaman ann an ‘Reul na Maidne’, bha dà èinsean Kelvin ann am ‘Màiread Og’, ach bha toll nan ròp, toll nan lìon, agus an ceabain, glè fhaisg air a bhith dìreach mar a bha iad anns ‘An Reul’.
Chuir iad a-mach gu muir feasgar Diluain mu cheithir uairean, agus chuir iad na lìn eadar A’ Chàbag agus na h-Eileanan. Bha cur nan lìon gu mòr na b’fhasa na bha e leis an t-seòl, ach nuair a thàinig àm tarraing cha robh an t-èinsean gu mòran feuma: Rinn iad iasgach glè mhath a’ chiad oidhch’, agus nuair a chaidh Seumas agus Dòmhnall suas chun a’ mharcaid, fhuair iad deagh phrìs air an dà fhichead crann a bha Seumas a’ smaoineachadh a bh’aca. Nuair a chaidh a chur dhan chairt, bha dà fhichead crann ’s a trì aca.
Chunnaic Seumas eadar-dhealachadh mòr eadar an obair air bòrd ‘Màiread Og’ agus an obair a bhiodh e a’ dèanamh air ‘An Reul’. Bha e fada na b’fhasa gluasad ann an cala Steòrnabhaigh na bha e leis an t-seòl. Bha beairt-shnìomhain aca tòrr na b’fheàrr nan Duin’ Iarainn a bheir an ‘Reul’. ’S ceapsan, no ‘capstan’ a theireadh iad ris, agus chan e mhàin tarraing an ròpa leis an robh e a’ cuideachadh, ach,
cuideachd, le cur-a- mach nam bascaidean sgadain dha na cairtean aig cala Steòrnabhaigh.
Cha robh na gillean òga a’ faighinn oidhche dheth cho tric, oir ’s ann fìor ainneamh a bhiodh ‘Màiread Og’ a’ tighinn gu cala cho anmoch ’s nach deigheadh ac’ air a dhol gu muir an oidhche sin. Cha robh seo a’ dèanamh dragh’ dhaibh, oir cha robh fhios acasan cho tric ’s a bhiodh Seumas a’ faighinn oidhche dheth nuair a bha e fhèin òg aig an iasgach.
Nuair a dheigheadh iad dhachaidh Disathairn, gheibheadh Seumas agus Ruairidh obair gu leòr mun chroit, fhad’s a bhiodh Dòmhnall agus Màiread a’ toirt an aire dhan sprèidh, a bha nis air fàs lìonmhor. Aig àm rùsgaidh, agus àm bogadh nan caorach, dh’fheumadh Seumas agus Ruairidh obair an fhearainn fhàgail, agus cuideachadh leis na caoraich.
Thàinig am foghar, agus thàinig iad gu tìr airson seachdain no dhà. Chuir Iseabail, màthair Sheumais, a-rithist nan cuimhne gu robh i air fàs aosd’, agus gu feumadh i fhèin agus Ruairidh a dhol air ais dhan taigh fhèin.
“Feumaidh tu, a Sheumais, dòigh a choireigin fhaighinn airson taic a thoirt do Mhàiread fhad’s a bhios tu fhèin agus na balaich air falbh.”
“A bheil sibh an dùil, a mhàthair, am b’urrainn dhuibh fuireach an seo tron gheamhradh seo a tha tighinn ? Tha freagradh eile agam dhan cheist nach urrainn mi a chur an gnìomh no innseadh gus an tig an t-àm.”
“O! Nì mi a’ chùis airson nam beagan mhìosan sin. Ach gu cinnteach, chan urrainn mi a bhith an seo nas fhaide na ’n t-Earrach a tha tighinn”.
“Glè mhath, ma tà. Bidh sibh againn gu Earrach, agus chì sibh dè bha mi a’ ciallachadh”.
title | I. Seumas Ruairidh – Caibeidil 6 |
internal date | 1990.0 |
display date | 1990 |
publication date | 1990 |
level | |
reference template | MacMhaoilein A’ Sireadh an Sgadain %p |
parent text | A’ Sireadh an Sgadain |