Caibidil 7
Nuair a thàinig an t-Earrach bha an teaghlach air an corra-biod gus an cluinneadh iad dè bha an dùil Sheumais. Aon là thàinig e a-steach, agus ghairm e iad gu lèir a dh’aon àite. Dh’innis e dhaibh gu robh e an dùil pòsadh a-rithist, oir gu robh e air a bhith na aonrachdan fada gu leòr.
“Tha sibh ceart, athair,” thuirt Ruairidh; “tha fhios agamsa gun iarradh mo mhàthair gum pòsadh sibh a-nis. ’S fhada bho bu chòir dhuibh a bhith air a seo a dhèanamh. Tha mi an dòchas gun còrd i rium fhìn agus ris an còrr dhen teaghlach, agus gun còrd sinne rithe-se. Cò i?”
“Tha thu eòlach gu leòr oirre, a Ruairidh – Màiri Aonghais. Dh’iarr mi air Màiri a thighinn a-steach an athoidhch’ gus an coinnich sibh gu lèir rithe. Mar a thuirt Ruairidh, tha mis’ an dòchas gun còrd Màiri ribh gu lèir, agus gun còrd sibhse rithese. Tha mise dol cuairt a-mach as an taigh, gus am faigh sibh cothrom air bruidhinn mun seo gun mise dragh a chur oirbh.”
Nuair a chaidh Seumas a-mach dh’fhoighnich Ruairidh do chàch an robh caìl aca an aghaidh Màiri. Cha robh facal aig duine ri ràdh na h-aghaidh, agus thuirt a seanmhair gu robh i fhèin dhen bheachd gu robh làn thìd’ aig Seumas pòsadh as ùr a dhèanamh, agus gum biodh e duilich dha dèanamh na b’fheàrr na Màiri. Cha do chuir duine an aghaidh seo.
Chaidh Seumas a shealltainn air Màiri, a dh’innseadh dhi gu robh dùil rithe, agus gu robh coltas math ann gum biodh an teaghlach gu lèir toileach air gabhail rithe.
“Thèid thu fhèin a choinneachadh riutha an athoidhch’ .”
“O! Tha mi a’ faireachadh glè chritheanach a’ dol a choinneachadh an teaghlaich, agus gu h-àraid Màiread is Iseabail. Tha na gillean aig obair a bheir a-mach as an taigh iad, ach tha a’ chlann-nighean a-staigh agus cha bhi aca mu dheighinn boireannach eile a thighinn a-steach còmhla riutha.”
“Bidh mi fhìn còmhla riut an athoidhch’. Tha mi cinnteach gun còrd sibh ri chèile. Na biodh iomagain ort.”
Nuair a thàinig Màiri a-steach, chuir Ruairidh fàilte chridheil oirre agus thàinig Màiread cuideachd a chur fàilt’ oirre. Rinn iad gu lèir
oidhirp air Màiri a thoirt gu bhith faireachadh aig an taigh. Bha iad uile a’ còrdadh a rèir coltais, ach cha tàinig guth bho Choinneach.
Làrna-mhàireach chaidh Coinneach suas gu taigh a sheanar gus an innseadh e dha sheanmhair dè a bha a’ cur dragh’ air.
“Chan eil cuimhn’ agamsa gu robh màthair a-riamh agam, ach nam biodh i beò cha bhithinn-sa air chùram bhoireannach eile cho tric. Bha Mòr, Màiread, sibh fhèin, agus, a-nis, an tè seo nach aithnich mi.”
“O! Gheibh thu eòlas oirre, agus bidh i glè mhath dhut.”
“Dè cho fad ’s a bhios ise againn?”
“Tha d’athair a’ dol ga pòsadh, agus bidh i mar mhàthair dhut gus am pòs thu fhèin.”
“Sin rud nach tachair gu bràth.”
Phòs Seumas agus Màiri deireadh a’ Ghearrain, 1921. An dèidh a’ phòsaidh chaidh iad sìos a Ghlaschu airson seachdain, agus an sin thàinig iad dhachaidh oir bha obair ri dhèanamh mun deigheadh iad gu muir – a’ chroit àiteach, a’ mhòine a bhuain, agus iomadh obair eile mun taigh agus mun fhearann. Bha beagan iomagain air Màiri ciamar a gheibheadh i air adhart còmhla ri Màiread agus Iseabail, ach rinn a’ chlann-nighean le chèile an dìcheall gus a h-uile cuideachadh a thoirt dhi. Ach cha robh Coinneach air a dhòigh. Cha robh càil aige an aghaidh Màiri, ach cha robh e a’ tuigse buileach dè bha ga fàgail san taigh. Dh’fhiach e ri bhith modhail ri Màiri, ach cha deigheadh aige air gabhail rithe. Rinn Màiri a dìcheall gu bhith cho math do Choinneach ’s a bha na comas ach chan fhaigheadh i gu bonn na bha a’ dèanamh dragh’ dha. Bhiodh Coinneach a’ cur seachad mòrain dhe thìde an taigh a sheanar far an robh boireannach air an robh e eòlach. Bha Màiri an dòchas nach seasadh an dragh seo ro fhada ach cha deach gnothaichean càil na b’fheàrr eadar i fhèin agus Coinneach airson grunnan bhliadhnachan. Ach bha an còrr dhen teaghlach a’ faicinn an dìchill a bha i a’ dèanamh, agus cha robh iad a’ cur coire oirre. Bha Màiri agus a màthair-chèile glè mhòr le chèile, agus bha Iseabail Mhòr a’ dèanamh a dìchill toirt air Coinneach fuireach aig an taigh an àite bhith cho tric an taigh a sheanar.
Bhon bha Màiri a-nis a’ coimhead as dèidh an taighe, bha barrachd tìd’ aig Màiread gnothaichean eile a dhèanamh. Bha ùidh aice riamh as na caoraich agus bhiodh i a’ toirt cuideachaidh do Dhòmhnall leò. Ach a-nis, ’s ann a bha a’ chùis an taobh eile. Bha ise an urra ris na caoraich, agus bheireadh Dòmhnall dhi cuideachadh nuair a bhiodh e aig an taigh. Bha i seachd bliadhna deug agus bha i air tòiseachadh air sùil a chur as na gillean. Nuair a bhiodh am bàta a-staigh, bhiodh i gu tric ann an cuideachd Thorcaill, a bha fhathast na chuibhlear ann
am ‘Màiread Og’. Bha deagh chuimhn’ aig Seumas gur e Màiread a thug Torcall gu aire an toiseach, ach cha tuirt e guth mun sin.
’S e Iseabail a bhiodh a’ toirt cuideachaidh do Mhàiri am broinn an taighe. Bha iad ag obrachadh glè mhath le chèile. Bha i nis sia deug, agus bha i, am beachd Sheumais, air fàs glè choltach ri mar a bha a màthair nuair a chunnaic e an toiseach i, am bliadhna Creach na Pàirce.
Bha Ruairidh agus Dòmhnall air fàs nan iasgairean eòlach agus nam maraichean seòlta. Bha eòlas aig Dòmhnall air gach comharradh air am faigheadh e na h-àitichean math’ iasgaich, agus bha eòlas aige air cleachdadh nan eun agus gach dòigh eile air an lorgadh e an sgadan. Cha robh Ruairidh fad air dheireadh air ann an seo, agus bha e cho math air an èinsean a chumail an òrdagh ’s gu robh fèill air an Grabhair nuair a bhiodh bàtaichean eile a’ faighinn trioblaid len èinseanan.
Ged a bha Seumas a-nis dà fhichead bliadhna ’s a dha dheug, bha Màri dusan bliadhna na b’ oige na e. Ged a bha teaghlach aig Seumas mar tha, bha dòchas aicese gu faigheadh i fhèin pàisde mus fhàsadh i ro aosd’. Bhruidhinn i ri Seumas mun seo, ach bha beagan teagaimh aigesan.
“Tha cuimhn’ agad, a Mhàiri, gur ann mar sin a chaill mi mo chiad bhean. Cuideachd an dùil nach eil thu beagan ro aosda gu tòiseachadh a’ faighinn chloinne?”
“Cuimhnich fhèin, a Sheumais, gur ann air a’ chòigeamh leanabh a bhàsaich Seonag. Chan eil a’ bheag a dhùil agamsa gu ruig mi an ìre sin. ’S iomadh boireannach as aithne dhòmhsa a fhuair a’ chiad leanabh aig còrr math ’s dà fhichead bliadhna agus chan eil mise sin fhathast.”
Cha duirt Seumas an còrr. Beagan is bliadhna an dèidh seo, rugadh nighean eireachdail dhaibh, air an treas là dhen Og-mhìos, 1924.
“ ’S e seo a’ chiad leanabh agadsa,” thuirt Seumas; “bha còignear agamsa ro seo. Mar sin saoilidh mi gum bu chòir dhomh an t-ainm bu toil leatsa a thoirt oirre fhàgail agad fhèin.”
“Nì mise sin, gun teagamh, ach saoilidh mi gun còrd an t-ainm riut fhèin cuideachd. Bha a’ chiad bhean agad glè chàirdeil riumsa. Nach fhaod sinn Seonag a thoirt air an nighinn?” Rinn iad sin gu toileach.
Ann an 1925 bha Ruairidh air ruighinn còig bliadhna fichead. Bha athair air innseadh dha, ro seo, gu robh e fhèin sia bliadhna fichead nuair a phòs e, agus a cheannaich e fearann Fhionnlaigh Mhurchaidh. Bha Ruairidh, e fhèin, a-nis a’ coimhead airson àite dha fhèin, oir bha e a’ falbh le Anna Mhurchaidh Aonghais o chionn dà bhliadhna, agus bha e nis deiseil gu pòsadh nam biodh àite dha fhèin. Thuirt
Cromòr le Dùn Loch Chromòr air a chùl
athair ris nach biodh càil aigesan an aghaidh Ruairidh taigh a thogail air a’ chroit.
“ ’S ann leat fhèin a bhios seo co-dhiù nuair nach bi mis’ ann, ach bhiodh tu na b’fheàrr an dràsda le àite dhut fhèin. Cha ruig thu leas taigh ro mhòr a thogail.”
“O! cha chreid mi gu bheil dùil agaibh falbh cho luath a sin. Tha mi an dòchas gum bi sibh an seo ùine mhòr fhathast, agus, co-dhiù, bidh Màiri, agus Dòmhnall, Coinneach agus a’ chlann-nighean a’ feumachadh fàrdaich. Togaidh mise àite beag dhomh fhìn – taigh a ghabhas dèanamh nas motha ma bhios feum againn air.”
Seo mar a thachair, agus phòs Ruairidh agus Anna toiseach an Earraich 1926.
A h-uile geamhradh, bha e mar chleachdadh aig Dòmhnall Tharmoid, a-staigh an Tàbost, a bhith cur breac-lìon gus am faigheadh e beagan sgadain. Mar bu trice gheibheadh e beag no mòr air choreigin, ach a’ bhliadhna bha seo, ’s ann a fhuair e còrr air crann sgadain san lìon bheag. Chuir e fios a-mach gu Seumas agus na gillean mun seo, agus chual’ iad mun aon àm gu robh eathraichean beaga a bha a’ cur lìon ann an Cromòr agus an Gearraidh Bhàird a’ faighinn luchd math de sgadan. Rinn Seumas suas inntinn gun tugadh e ‘Màiread Og’ a-steach a Loch Eireasort.
Chuir iad na lìn a’ chiad oidhch’ aig Peacam, a-mach à tòb Chromòir. Fhuair iad luchd math èisg, ach bha tuairisgeulan a’ tighinn thuca gun d’fhuaireadh mòran a bharrachd a-staigh an Loch, eadhon cho fada staigh ri Bhaltos. Mar sin ’s ann air taobh a-staigh Eilean Chaluim Chille a chuir iad an athoidhch’, agus on a chaidh gu math dhaibh an sin, ’s ann a-staigh a bha iad a’ cur airson sheachdainean an dèidh sin.
Rinn iad cosnadh math air a’ gheamhradh ud. Bha seo glè mhath dhaibh uile, ach gu h-àraid do Ruairidh. Rinn e deagh phàigheadh – airgead air a robh làn fheum aige airson an taighe a bha e a’ togail. Ach, air an làimh eile, bha e cho trang aig an iasgach ’s nach robh tìd’ aige a’ bheag a dh’obair a dhèanamh airson an taigh a thogail.
’S e Dòmhnall a thug mun airigh gum bu chòir dhaibh am bàt’ fhàgail an Tàbost nuair a dheigheadh iad dhachaigh Disathairn. Dh’ fhuireadh e fhèin an taigh a sheanar gu sùil a chumail mun tigeadh dochainn sam bith an taobh a bha am bàta. Chaidh càch le seo. Fhuair Ruairidh baighseagal, agus bha càch an toiseach a’ dèanamh an t-slighe a Ghrabhair dhan cois, ach an dèidh beagan sheachdainean fhuair na gillean òga eile baighseagalan cuideachd.
Là dhe na làithean, bha Dòmhnall Tharmoid ag iarraidh facail air
a chliamhainn na aonar. ’S e brìgh a’ chòmhraidh a bh’ aca gu robh dùil aig Dòmhnall am fearann agus an taigh a bhith aig Seonag as a dhèidh fhèin.
“Bho nach eil Seonag againn a-nis, bhiodh e iomchadh am fearann fhàgail aig na h-oghaichean. Tha mi a’ creidsinn gum fàg thu fhèin an taigh agad fhèin agus am fearann aig Ruairidh. Mar sin, bu mhath leamsa an taigh agus a’ chroit agam fhìn fhàgail aig Dòmhnall.”
“Bhiodh sin iomchaidh, gun teagamh. Ged a tha mis’ a’ fàgail an taigh’ aig an fhear as sine, bidh iomall ann do Dhòmhnall cuideachd.”
“Tha sin math,” fhreagair Dòmhnall Tharmoid; “tha a’ thìde aig Dòmhnall pòsadh, agus tha àite gu leòr an seo dha fhèin, agus dha bhean nuair a gheibh e tè.”
Dh’innis a sheanair do Dhòmhnall mun chòmhradh seo an dèidh do Sheumas falbh dhachaidh. “Cha b’urrainn an naigheachd a thighinn aig àm na b’fheàrr” fhreagair Dòmhnall, “oir tha dùil agam fhìn ’s aig Seònaid Alasdair a bhith a’ pòsadh a dh’aithghearr”. Cha robh duine air guth a chluinntinn aige mu Sheònaid gu seo, ach bha a sheanair Thàboist agus an teaghlach ann an Grabhair toilicht’ a chluinntinn gu robh e an dùil Seònaid a phòsadh.
An dèidh a’ chòmhraidh seo, bha Dòmhnall a’ cur seachad na b’urrainn dha dhe thìde ann an Tàbost, a’ coimhead as dèidh ghnothaichean dha sheanair. Fhuair e fhèin baighseagail gus an t-slighe a dhèanamh na b’fhasa dha.
Bha a-nis Ruairidh agus Dòmhnall a’ dèanamh deagh chosnaidh aig an taigh. Bha Dòmhnall an dùil pòsadh a dh’ aithghearr; bha Màiread toileach gu leòr a’ coimhead as dèidh na sprèidhe a’ fuireach gum biodh i fhèin agus Torcall deiseil gu pòsadh, ach bha Iseabail agus Coinneach a’ fàs an-fhoiseil aig an taigh gun obair ann a chumadh a’ dol iad. Chaidh Iseabail uair no dhà a-null a Steòrnabhagh a choimhead airson obrach. Bha i deònach obair a ghabhail aig cutadh an sgadain, no a’ cuideachadh ann an taigh, no aig obair sam bith a bha ri fhaighinn, ach ’s ann a’ cuideachadh ann an taigh a fhuair i obair, ann an taigh mòr air Sràid Leòdhais an Steòrnabhagh.
Bha Coinneach, cuideachd, a’ fiachainn ri obair fhaighinn ach cha robh sin furasda do ghillean. Dh’fhiach e Steòrnabhagh ach cha robh càil ri fhaighinn. Nuair a thairg athair dha obair cuibhleir ann am ‘Màiread Og’, thuirt e gu fiachadh e air airson aon seusain, ach nach robh mòran dùil aige gun còrdadh e ris.
Mar a thuirt, thachair. Chan e a-mhàin nach robh an obair a’ tighinn ris idir, idir, ach bha e a’ faighinn tòrr trioblaid le cur na mara. Nuair a bha e ochd bliadhna deug, chaidh e sìos cuairt a Ghlaschu,
agus ged a bha cion-obrach a’ dèanamh dragh do dhaoine mu bhruaichean Chluaidh aig an àm, rinn sealbh do Choinneach gun d’fhuair e obair ann an gàrradh-togail-shoithichean Mhic’illeDhuinn ann am Bruaich Chluaidh.
Mun àm seo, 1926, thàinig atharrachadh mòr air dòigh beatha an t-sluaigh an Grabhair agus anns a’ chòrr de Sgìre na Pàirce. Chaidh, mu dheireadh, an rathad eadar Tàbost agus Bail’ Ailein fhosgladh, agus bha e, mar sin, comasach do charbaidean a thighinn gu Sgìre na Pàirce le iomadh goireas a thàinig nan cois. Bha carbaid air a thighinn gu Grabhair greis ro seo. Nuair a bhatar a’ togail taigh dhan bhanaltraim an Grabhair, thugadh làraidh bheag dhan bhaile le bhith a’ cur bùird fiodha fòipe anns na pìosan dhen rathad nach robh fhathast air an crìochnachadh. Bha i feumail ann a bhith a’ toirt stuth togalaich bho laimrig Ghrabhair gu làrach an taighe.
Cha robh dotair air taobh deas Loch Eireasoirt ro seo, agus nuair a bhiodh an Dotair Caimbeulach a’ tighinn a Ceòs gu fear a bhailtean na Pàirce, bhiodh e a’ toirt eathair a Ghearraidh Bhàird, far an robh baighseagail aige. ’S e an Caimbeulach a thug a’ chiad chàr a-steach tro Ghrabhair mu mheadhon 1926. Thòisich an sin bhanaichean a’ tighinn le biadh dhe gach seòrsa agus b’fheudar do chuid de na ceannaichean am bùitean a dhùnadh.
Ach ’s e a rinn an t-eadar-dhealachadh bu mhotha gu lèir gun d’fhuair Murchadh Ailig carbad a bheireadh leis seachdnar dhaoine, agus iomadh rud eile còmhla riutha, agus thòisich e air turas a dèanamh a Steòrnabhagh gach là san t-seachdain ach Diciadain agus Là na Sàbaid, a’ fàgail Ghrabhair aig naoi uairean sa mhadainn, agus a’ fàgail Steòrnabhaigh aig còig feasgar. Roi seo cha robh dòigh air faighinn a-mach à Sgìre na Pàirce ach air bàta gu Steòrnabhagh, air neo a dhol a Chromòr gus aiseag fhaighinn gu Crossbost. Bha an rathad ùr agus carbad Mhurchaidh Ailig gu math goireasach do Mhàiri agus dhan teaghlach, agus mun deach mòran bhliadhnachan seachad fhuair Seumas fhèin feum dha, ris nach robh dùil aige.
Goirid mun d’ dh’fhalbh Coinneach a Ghlaschu bha banais eile san teaghlach. Rinn Màiread agus Torcall, mu dheireadh, suas an inntinnean gu robh a’ thìde aca pòsadh. Rinn iad banais thlachdmhor; bha Iseabail na maighdean aig Màiread, agus Cailean Dhòmhnaill na ghille comhailteach. An dèidh a’ phòsaidh san Eaglais, chaidh a’ chuideachd a thaigh Sheumais, far an robh deagh shuipear air a chur fan comhair. Bha iad air mòran iarraidh à Grabhair, à Tabost, agus às gach baile a bha timcheall. Bha Seumas agus Dòmhnall air sabhal mòr Sheumais a ghlanadh a-mach gu dhèanamh freagarrach airson
an danns’ a bha a’ dol gu madainn.
O nach biodh duine aig Banntrach Dhòmhnaill ach i fhèin, nuair a dheigheadh Cailean air ais gu muir domhain, chaidh Màiread agus Torcall dhan taigh còmhla rithe. Seach gu robh Màiread cho math air cìobaireachd, agus nach robh mòran sprèidh’ aig Torcall, thug Seumas dhi fichead uan mar thiodhlac pòsaidh.
title | I. Seumas Ruairidh – Caibeidil 7 |
internal date | 1990.0 |
display date | 1990 |
publication date | 1990 |
level | |
reference template | MacMhaoilein A’ Sireadh an Sgadain %p |
parent text | A’ Sireadh an Sgadain |