[49]

Caibidil 8

An ceann beagan bhliadhnachan, thòisich cosnadh iasgach an sgadain an Steòrnabhagh adol air ais. Bha an sgadan an ìre mhath cho pailts a bha e roimhe, ach chaidh aphrìs a bha na h-iasgairean afaighinn cho ìosals nach robh e furasda beòshlaint a dhèanamh às.

Bha Seumas agus an sgiobadh aige adèanamh na bfheàrr na cuid, ach mur a biodh iad air beagan a chur seachad nuair a bha an sgadan afaighinn deagh phrìs, cha bhiodh am beòshlaintach meadhonach. Bha mòran atrèigsinn an iasgaich. Bha Seumas a-nis, aig trì fichead, ro aosd airson coimhead ri obair eile, ach bha e toilichte nach robh guth aig Ruairidh, no aig Dòmhnall, no aig Torcall, a bha nis na bhall dhen teaghlach, air fiachainn air falbh an tòir air obair eile. Cha deach cùisean na bfheàrr airson grunnan bhliadhnachan agus mun do thachair sin bha gnothach eile adèanamh dragh dhaibh gu lèir.

Bha Seumas na dhuine fallain. Cha do chuir e mòran draghair dotairean a-riamh, ach a-mhàin nuair a bha tubaistean aige na òige mar an sguchadh a rinn e air aobrann aig allt Loch Cartaich, agus nuair a leònadh e aigJutland’, a dhfhàg e cho fada san ospadal an Gosport. Aon mhadainn mu thoiseach na bliadhna 1933, ’sMàiread Ogadèanamh air Steòrnabhagh le luchd math sgadain air bòrd, dhfhairich Seumas pian goimheil na bhroilleach. Bfheudar dha dhol na shìneadh fo rùm; bha an sgiobadh, gu h-àraid a mhic, agus Torcall, afàs iomagaineach mu dheidhinn.

Feumaidh sinn dotair fhaighinn cho luaths a bhuaileas i an laimrig,” thuirt Ruairidh. “Thèid thusa, a Dhòmhnaill, suas am baile a lorg dotair, agus a Thorcaill, fàgaidh sinn agadsa an sgadan a reic, agus am bàta chur air dòigh.”

Fhuair Dòmhnall dotair, agus thàinig e gun dàil. Rinn e rannsachadh cho mions a burrainn dha sa bhàta, agus thuirt e ri Ruairidh,

Feumar a thoirt dhan ospadal airson dhà-no-thrì làithean. Cha chùm iad fade, ach feumaidh e sguir dhen iasgach o seo a-mach. Ma ghabhas e air a shocair aig an taigh, ’s dòcha nach till seo ris a-rithist, ach ma e abheag sam bith de dhobair, agus gun till seo a-rithist, cha bhithinn-sa ro dhòchasach gu faigheadh e seachad air.”

a thàinig air?” dhfhoighnich Ruairidh.


[50]

Steòrnabhagh

Tha mi duilich. Bha dùil agam gu robh fios agad. ’S e an cridhe aige a dhfhàillig. Chan fhaod e abheag sam bith a dhobair a dhèanamh tuilleadh.” Thugadh Seumas dhan ospadal, ach cha robh e fadann gus an robh e afaireacheadh glè mhath.

Chan eil adhbhar dhòmhsa a bhith seo. Dhfhaodainn a dhol a-mach air abhàta a-nochd”, thuirt e ris an dotair.

Tha eagal orm,” fhreagair esan, “nach tèid thu a-mach air abhàta a-nochd, no oidhcheile. Feumaidh tu sguir dhen iasgach agus gabhail air do shocair aig an taigh o seo a-mach. A bheil fhios agad gun do dhfhàillig an cridhe agad, agus gu robh thu glè fhaisg air abhàs, nuair a thàinig thu a-steach a seo.”

Ma , tha mi afaireachadh glè mhath an dràsda.”

Bidh tu gu math, cho fads a dhfhuireas tu bho obair sam bith. Rinn thu obair gu leòr nad . Tha athìdagad sguir a-nis, agus danail a leigeadh.”

An ceann beagan làithean thàinig Màiri a-nall air carbad Mhurchaidh Ailig, agus thug i Seumas dhachaidh leatha. Cha leigeadh iad leis a dhol dhachaigh air abhàta air eagal gun tigeadh dochainn air adol innte agus atighinn aiste. Bha e gu math airson trì mìosans Màiri afrithealadh dha; bha Màiread atighinn gu tric a shealltainn air, agus cha leigeadh iad leis mòran a dhèanamh mun taigh. An ceann na h-ùine sin thòisich e afàs an-fhoiseil, agus ag


[51]

iarraidh gu cuideachadh air choireigin a dhèanamh mun taigh no mun fhearann, no mu na caoraich.

Nuair a thàinig Ruairidh dhachaigh Disathairn, agus a dhinnis na boireannaich dha mar a bha an an-fhois air tighinn air Seumas, rinn e fhèin agus Dòmhnall oidhirp toirt air tàmh a ghabhail greis eile, ach cha burrainn do Sheumas fuireach gun bhithg obair. Cha robh e ach trì ficheads dhà, agus bha e afaireachadh fada ro òg airson sguir de gach obair.

Fhads a bha Ruairidh agus Dòmhnall aig an taigh, bha Seumas, gu ìre bhig, na thàmh, ach nuair a dhfhalbh iad Diluain, thòisich e ag àiteach feannaig a bha shuas os cionn an taighe. Cha robh e aig an obair sin ach mu uair a thìde nuair a dhfhairich e cràdh na bhroilleach a-rithist, agus on a thuig e gu robh e ann an cunnart na leanadh e air ag obair, chaidh e dhachaidh, agus thug Màiri air a dhol dhan leabaidh. Thug e mu cheala-deug an uair sin gun char a dhèanamh. Bhiodh e fada gun èirigh sa mhadainn, agus dheigheadh e dhan leabaidh tràth a h-uile feasgar. Ach, an ceann acheala-deug, thòisich e a-rithist acur a làimhe an obair a bhiodh duine aca adèanamh. Na faiceadh duine e cha leigeadh iad sin leis ach bhiodh e aige gun fhaireachadh dhaibh.

Nuair a thàinig àm cur achoirce thuirt e ri Dòmhnall, “Chan eil an seo ach obair a tha ag iarraidh eòlais a bhith aig duine air tha e adèanamh, ach nach eil ag iarraidh neirt no strì. mi achùis glè mhath.” Cha robh Ruairidh no Màiri air seo a leigeadh leis, ach bha e ro fhada na cheann airson Dhòmhnaill, agus thòisich e acur.

Bha e ag obair mu leth uair a thìde nuair a dhfhairich e gath làidir, agus thàinig air sguir. Chaidh Dòmhnall dhachaigh leis, agus air an t-slighe, thàinig gath eile, agus cha robh e ach air faighinn a-steach air an doras nuair a thàinig tèile.

Fhuair iad air a chur dhan leabaidh ach bha e soilleir nach robh dùil gun tigeadh e aiste beò. Thàinig achrìoch mu ochd uairean an oidhche sin fhèin.

Bha an teaghlach gu lèir aig an taigh airson an tiodhlaicidh.

titleI. Seumas Ruairidh – Caibeidil 8
internal date1990.0
display date1990
publication date1990
level
reference template

MacMhaoilein A’ Sireadh an Sgadain %p

parent textA’ Sireadh an Sgadain
<< please select a word
<< please select a page