[53]

II. MAIREAD OG


[54]

Caibidil 1

Nuair a bhàsaich Seumas Ruairidh, sa bhliadhna 1933, thàinig an teaghlach gu lèir cruinn ann an Grabhair airson an tiodhlaicidh. Bha Ruairidh, a-nis trì bliadhna deug air fhichead, a bhean Anna, agus Seumas Beag nach robh ach trì bliadhna, afuireach san taigh an ath dhorastaigh a bha Ruairidh air a thogail air achroit nuair a phòs e Anna.

Ged a bha Dòmhnall, an dara mac, air gealladh fhaighinn o sheanair gum bu leis achroit ann an Tàbost, bha e fhathast gun Seònaid a phòsadh, agus bha e afuireach còmhla ri mhuime agus a leth phiuthar, Seonag, nach robh ach naoi bliadhna.

Bha Màiread agus Torcall, agus an nighean aca, Sìne, còmhla ri màthair Thorcaill air achroit a bha rin taobh.

Thàinig Iseabail a-nall à Steòrnabhagh, agus Coinneach dhachaigh à Glaschu. Ged a bha Iseabail a-nis ochd bliadhna fichead, cha robh guth aicair pòsadh, ach chanadh i fhèin gur dòcha gu lorgadh i am fear a bha san fhreasdal dhi a dhùinnach biodh ro fhada.

Cha robh Coinneach agus a mhuime air tighinn gu còrdadh càil na bfheàrr na bha iad mun do dhfhalbh e a Ghlaschu, ach bha e fhèin agus Seonag a-nis air fàs glè chàirdeil ri chèile.

Dhfhàg Seumas gach ann an deagh òrdagh san tiomnadh. Bha am fearann gu bhith aig Ruairidh, agus an taigh cuideachd, ged a dhòrdaich e nach deigheadh Màiri no Seonag a chur às an taigh fhads a bhiodh iad deònach air fuireach ann. Bha còir air abhàtaMàiread Oggu bhith air a roinn eadar Ruairidh, Dòmhnall, agus Torcall, Ruairidh afaighinn leth abhàta agus an dithis eile cairteal am fear.

An dèidh an adhlacaidh bha mòran còmhraidh am measg an teaghlaich mu na h-atharraichidhean a bha bàs Sheumas adol a thoirt orra. Bha Dòmhnall dhen bheachd gum bu chòir dha a dhachaigh a dhèanamh an Tàbost, far an robh a sheanair agus a sheanmhair air fàs ro aosd airson a bhith leò fhèin. Dhèanadh e achùis air àita chumail sa bhàta, atighinn a Ghrabhair le baighseagal gach Diluain, agus adol air ais a Thàbost a h-uile Disathairn. Bha Ruairidh toilichte le seo, oir bha e afàs iomagaineach mun dithis aosda a bhan Tàbost.


[55]

Fàgaidh sin misagus Seonag leinn fhìn san taigh mhòr a tha seo,” thuirt Màiri. “Nach biodh e na bfheàrr dhut fhèin, a Ruairidh, a thighinn a dhfhuireach an seo, agus an taigh beag agad fhèin fhàgail againne. ’S ann leat fhèin a tha an thaigh co-dhiù.”

Tha mi adol leat, a Mhàiri, achs fheàrr dhuinn sin fhàgail mar a tha e an dràsda. Chì sinn am bliadhna eile mar a bhios cùisean. Ma gheibh Seumas Beag bràthair no piuthar bhiodh àite na bu mhotha glè fheumail dhuinn.”

Dhfhalbh Iseabail agus Coinneach air ais gu an obair an Steòrnabhaghs an Glaschu, agus bha Dòmhnall acur seachad barrachd dha thìde an Tàbost na bha e an Grabhair. Bha an t-iasgach beagan na bfheàrr air an t-samhradh ud, agus rinn iad cho math leis abhàtas gu robh Dòmhnall an dùil gu faigheadh e air Seònaid a phòsadh nuair a thigeadh iad air tìr san Dàmhair. Chuir Seònaid seachad an samhradh ag obair aig cutadh an sgadain an Inbhir Uige, an dùil gum biodh beagan airgid aice mum pòsadh iad.

Aon oidhche mu thoiseach an t-Sultain, chaidh am bàta tarsainn aChuan Sgìth, oir bha iad air cluinntinn gu robh an sgadan pailt mu bheul Loch Braoin. Chuir iad na lìn mu thrì mìle an iar air Eileanan an t-Samhraidh. Bha an oidhche rudeigin ciùin mu àm cur nan lìon, ach thòisich aghaoth abeothachadh glè ghoirid an dèidh cuir, agus mun tàinig meadhon oidhche, bha gailleann on àird an iardheas adèanamh fìor dhraghdhaibh, agus thòisich iad atarraing nan lìon fada na bu tràithe na bàbhaist dhaibh.

Cha robh iad ach air dàrna leth nan lìon a thoirt air bòrd nuair a thuig iad gu robh achùis air fàs cho cunnartachs gu feumadh iad an còrr dhe na lìn fhàgail, agus dèanamh air fasgadh an Loch Braoin. Cha robh e idir furasda na lìn a bha gun an tarraing a ghearradh air falbh. Fhuair iad an ceangal eadar lìon furasda gu leòr a ghearradh le sgian ghèir, ach bfheudar làmhadh a thoirt suas gus an ròpa garbh a ghearradh. Chùm iad air Loch Braoin, agus ged a bha aghaoth cha mhòr dìreach as an dèidh bha e duilichMairead Oga stiùireadh agus cha robh e furasda dhan sgiobadh an casan a ghleidheadh fhads a bha am bàtair a putadh bho thaobh gu taobh leis aghailleann.

Bha Ruairidh air a bhith aig an stiùir greis mhath. Dhfhiach Torcall faighinn gu taigh na cuibhle gu Ruairidh a leigeadh sìos gu biadh. Shleamhnaich e air an ùrlar agus chunnaic càch gu robh e ann am pian nach bu bheag. Nuair a thug Dòmhnall sùil air, thuig e gu robh Torcall air a chas a bhristeadh, agus nach burrainn dhaibh a ghluasad gus am faigheadh iad dotair thuige. Bha iad a-nis air faighinn a-steach a Loch Braoin, far an robh beagan fasgaidh aca bho


[56]

mhòr neairt na gaillinn, agus fhuaradh air Torcall a dhèanamh comfhurtail air an deac le plaideachan agus còtaichean ga chumail blàth gus an do ràinig iad Ullapul.

Nuair a thàinig an dotair agus a chuir e cas Thorcaill air dòigh, thuirt e gu feumadh e a dhol gu ospadal. ’S e Inbhir-Pheofharain a bfhaisge, ach nan deigheadh aghaoth sìos dhfhaodadh e a dhol sa bhàta tarsainn gu ospadal Steòrnabhaigh. Dhfhuirich iad an Ullapul gu madainn gus am faiceadh iad am biodh cùisean freagarrach, agus sa mhadainn, bha an Cuan Sgìth air a dhol cho sàmhachs gu faodadh iad dèanamh air Steòrnabhagh gun cus trioblaid a thoirt air cois Thorcaill. Cha robh aca mu dheidhinn Torcall a chur gu Inbhir-Pheofharain nan gabhadh dèanamh idir.

Nuair a fhuair iad air Torcall a chur dhan ospadal an Cnoc nan Gobhar, agus air innseadh an Grabhair mar a thachair dha, chuir iad romhpa a dhol air ais gu beul Loch Braoin, an dòchas gu faigheadh iad air tòir na chaill iad de lìn agus de ròp. Ged a bha fhios glè mhath aca càitan do dhfhàg iad na lìn, bha e duilich a dhèanamh a-mach abhuaidh a bhiodh aig sruth agus gaoith orra.

Thachair gu robh Cailean, bràthair Thorcaill, aig an taigh, an dùil an geamhradh a chur seachad air falbh bho sheòladh nan cuantan. Thairg e do Ruairidh gun deigheadh e a-mach còmhla riutha an àite Thorcaill. Bha prosbaig ùr aige air a thoirt dhachaidh agus bhiodh i glè fheumail alorg nan lìon, bha e asmaoineachadh.

Dfhalbh iad à Grabhair ro bhristeadh an , agus bha iad san àite cheart airson tòiseachadh mu èirigh na grèine. Chaidh Cailean leis aphrosbaig suas a thoiseach abhàtagus bha an sgiobadh gu lèir air deac, sùil gheur ga chumail a-mach fiach a faiceadh iad put. Thòisich iad air cuairt an dèidh cuairt a chur air an àite tòiseachaidh, adol na bfhaide a-mach air gach cuairt.

Thàinig meadhon gun chàil air nochdadh, ach beagan an dèidh sin chunnaic Cailean put agus chaidh iad thuige gu h-inntinneach. Ach nuair a thog iad am put chunnaic iad nach bu leò fhein idir e, oir bha ainm nach baithne dhaibh air. Cha robh tìde aca a bheireadh na lìn seo air bòrd ach ghabh iad comharraidhean ach an innseadh iad an Steòrnabhagh càit an robh iad.

An ath uair a thàinig put am follaiss e fear leò fhèin a bhann, agus bhon a bha e fada dhen thòisich iad atarraing gun dàil. Bha an stoirm air mòran millidh a dhèanamh air na lìn, ach fhuair iad air an toirt air bòrd mun tàinig an oidhche orra, agus bha iad dhen bheachd gu faigheadh iad air achuid bu mhotha dhiubh a chur an òrdagh nuair a gheibheadh iad tìde air sin a dhèanamh. Cha robh na lìn an òrdagh gun gabhadh iad an cur, agus, mar sin, cha robh na bfheàrr


[57]

na a dhol dhachaighs oidhirp a dhèanamh air na lìn a chàradh.

Aig toiseach na h-athsheachdain bha pàirt de na lìn sin deiseil airson an cur.

titleII. Mairead Og – Caibeidil 1
internal date1990.0
display date1990
publication date1990
level
reference template

MacMhaoilein A’ Sireadh an Sgadain %p

parent textA’ Sireadh an Sgadain
<< please select a word
<< please select a page