COMHCHRUINNEACHA DO DH’ ORAIN THAGHTA, GHAIDHEALACH.
Gaoir na ’m ban MUILEACH.
Le MAIRIRIAD NI’ LACHUINN.
’S GOÌRT leam gaoir na ’m ban Muileach,
Iad ri caoineadh ’s ri tuireadh;
Gun Sir Iain an Lunnainn,
Na ’sa ’n Fhraing air cheann turais;
’S trom an sac thug ort fuireach,
Gun thu dh’ fhalbh air an loingeas,
Gur h-e aobhar air dunach;
’S og a choisinn thu ’n t-urram ’s na blaraibh.
’S og a choisinn, &c.
Righ na ’m prionnsa da ’n d’ rinneadh,
Togail suas ann am barrachd;
’S daor a thug sinn ort ceannachd,
O ’n la thionnsgail a charraid;
Fògar aon Mhac Shir Ailein,
Ged a b’ fhad thu air siùdan,
Cha robh lochd ort ri chùnntas
Luchd toisich cha b’ fhìù leat
Dhol a dheanadh dhoibh ùmhlachd,
Ard-leoghunn bu mhùinnte,
’S e mo chreach gu ’n do dhrùigh ort,
Mèud t-eallaich ra ghiùlan;
’S nach robh léigh ann a dhiùchradh am bas uait.
’S nach robh, &c.
Mac ’Illeain na ’n lùireach,
Bhi na luidhe sa chrùiste;
Ann an leabaidh na h-ùrach,
An suain chadail gun dusgadh;
’S ruaig bháis aìr do mhùinntir,
Gar an d’ fhuair iad a dh-ùine,
Cead an armachd a ghiùlan;
’S ann a thug iad d’ a ’n ionnsaidh na ’n teann-ruith.
’S ann a thug, &c.
B’ fhiach do chairdean an sloinne,
Mac Dhonuill ’s Mac Coinnich;
’S Mac Leoid o ’n taoibh eile,
’S e mo chreach c’ uim’ an ceileam,
Earraghaidheal so theirear,
Gu la bhais so mu dheireadh,
Nach biodh t-ait aig fear eile;
Ach cur le cheile gu teiridneach baidheil.
Ach cur le, &c.
Cha chainnt bhosdail ’s cha bharr-ghlóir,
So ’n drasd a tha shannt orm,
Bhì gar faicinnse caillte,
’N déigh gach cruadal a rinn sibh,
Ann an Eirinn sa ’n Albuínn,
Chuidich Eachunn cath Ghairbheach,
Le cruadal a lanntaibh;
Gar nach fuilngear’ sa ’n am so a ràdhainn.
Gar nach, &c.
Cha ’n e Ailein no Eachunn,
Na losgadh fir Shasunn,
’So tha mise ag acain,
Ach an t-ogh’ ud Shir Lachunn,
Na ’m pios oir ’s na ’n corn daidhte,
A thogadh sioda ri crannaibh,
’S mairg Rioghachd dheth ’n deachaidh,
Sir Iain a’s Caiptein Chlann Ràghuill.
Sir Iain a’s, &c.
Och! ’s mise th’ aìr mo chlisgeadh,
Saoir a sàbhadh do chiste,
’S gun do chaireadh fo lic thu,
’N aite falaich gun fhios duinn,
’N airde n’ iar air a bristeadh,
’S gun an t-oighre na ghliocas,
So i bhliadhna thug sgrios oirn,
’S daor a phaigh sinn air sibht Mhòirfhear Màrr sin.
’S daor a phaigh, &c.
’S ann diamairt roimh ’n latha,
Bu neo-aoibhneach ar gabhail,
O ’n la dh’ eug Mac Illeain;
’Sa chaidh sios sliochd ar taighe,
’S mòr mo dhiobhail o shamhuin,
S o fheillbride so chaidhe,
Mo cheist ceannard na ’n gaisgeach,
Gus a so nach d’ fhuair masladh;
Bha do shuaithcheantas taitneach,
Ged a thogar do chreachan,
Cha chluinnear do chaismeachd,
No Ruairidh ga glacail,
Mhothaich suil nach robh ceart duibh,
’N latha chunnacas o Pheairt sibh a màrsadh.
’N latha, &c.
Iar-ogh’ dh’ Ailein na ’n ruag thu,
Cha neart dhaoine thug uainn thu;
Na ’m b’ fheadh, dh’ eireadh mu d’ ghualain,
Luchd na ’n clogaide cruadhach;
Fir mur gharbh-fhrasa fuara,
Bheireadh leotha na fhuair iad,
’S goirt an nuaidheachd so chualas,
O ’n la chruinnich do shluagh ann an Aros.
O ’n la, &c.
Ach ’s e chuir sinne an iomull,
Gun neart slainte no spionnaidh;
Sinn an drasd gun cheann-cinnidh,
Mur Mhaol-Ciarain ga sireadh,
Gur h-ann tiomchioll ’ur teine
Gheibhte bàird agus filidh,
Agus cearraich ri h-iomairt,
Organ ’s clarsach bu bhinne,
Aig luchd na ’n cùl fionna cas fàinneach,
Aig luchd, &c.
Ach a Righ ’ga bheil feartan,
Nach cruaidh leat mur thachair,
O ’n là thogadh a mach e;
Le spáinteach ghéur na ’n tri chlaisean,
A’d laimh threibhich gu sgapadh;
Gar nach d’ fhuair thu air t-fhacal,
An tir a bh’ aig t-athair,
B’ fhearr gu ’m faigheadh do mhac i,
’N Righ ga ’r coimhead o mhiosguinn ar nàmhaid.
N’ Righ ga, &c.
Sliochd na ’n Righ ’s na ’n long siùbhlach,
Na ’n ceann-bheairt ’s na ’n each cruidheach,
Ged bu dìleas do ’n chrùn sibh,
Fhuair ìad seòl air ur diùchradh,
Smairg nach gabhadh dhibh curam,
Ann an eirig ur siùdain,
’Nuair nach d’aidmich sibh tionndadh,
’S ann a rinn iad air aon long ’ur fàgail.
’S ann a rinn, &c.
Ach fhir tha ’n cathair an fhreasdail,
Cha ’n eil aon ni mur cheist ort,
Mas mac do ’n Righ eisean,
So rinneadh gu teisteil,
Gun chol grand’ na gun pheacadh,
Ged a dh’ fhuiling e greis deth,
Bhi ga shior chuir an teagamh,
Aig luchd fuath agus measguinn ga aicheadh.
Aig luchd, &c.
Iad a’ gabhail mur leith-sgeul
Nach eirich iad leisean,
Thoirt da eisdeachd na freagar,
Gus an àicheadh e creidimh,
Co an neach ga bheil sùilean,
Nach gabhadh da ionnsaidh
Mur tha choill air a rusgadh,
Fhrois a h-abhull sa h-ubhlan,
Dh’fhalbh am blath bhar gach ùr ros,
O nach mairrionn an t-aon-fhear
Fo laimh Dhia gabh dhinn cùram,
’S ann tha fuasgladh na cuis aig an Ard-Righ.
’S ann tha, &c.
Oirnne thainig an diobhail,
Tha Sir Iain a dhith oirn,
’S Cloinn Ghilleòin air an dìobradh,
Iad gun iteach gun linnidh,
Ach mur gheoidh air an spionadh,
Cha n’ eil fèum bhi ga innseadh,
’S iad a’ measg an luchd mio-ruin
Gar an ann ri feall-intleachd a bha iad.
Gar an ann, &c.
Gur h-e turas na truaighe,
Gun bhuidhinn, gun bhuannachd
O ’n la ghabh sibh cead buan
Do dh’ oighre Dhubhairt na ’n stuaghan
Ged tha sud na chàs cruaidh oirnn’,
Os cionn tuigs’ agus smuaintean,
Cha cheist air Dia fhuasgladh,
’S e a faicinn sa nuair so mur tha sinn.
’S e a faicinn, &c.
’S e mo chreach gu ’n do striochd thu,
Gun òl, gun phoit fiona,
Do chlann òg air an dìobradh,
Co ni ’n deoch dhoibh a lìonadh
Chasg am paghaidh na ’n iota,
Cha’ n’eil fath bhi ga chaoidh sin,
Gun thu ’n caidreamh do dhislean
’S ann a dh’fhàg iad thu mhios gus a maireach.
’S ann a dh’fhag, &c.
’S e chuir m’ astar a maillead,
’S mo shuilean an doillead
Bhi aig faicinn do chloinne,
’S a ’n luchd foghlum sa ’n oilein
Bhi na ’n ceathairne choille,
’S iad ga ’m fògairt gun choire,
Gun solus gun choinneal
’S iad gun fhios ac co ’n doire ’s an tamh iad.
’S iad gun, &c.
Gur a goirt leam ri chluinntinn,
’S gur a h-oil leam ri iomradh,
Gach neach a tha ’g ìnnseadh,
Nach robh agaibh d’ ur muinntir,
’S nach d’ thug sibh ’ur ’n iondrain,
Oil air mhath da luchd diomba,
Do dh’ I mar-ri mhuinntir,
’S gu’m biodh sa ’n Innis m’a thimchioll na càirdean.
’S gu ’m biodh, &c.
Och, ’s mis’ th’ air mo sgaradh!
Nach d’ thug iad thu thairis,
Dhol air tir air an Ealaidh,
Dhol fo dhion anns a charruig,
Do reilig na ’Manach,
Far ’m bheil do chàirdean na’n luidhe,
’N deagh bhean mhaiseach so chi mi,
’S i nighean a bharain Caitriona,
’S gar nach ’eil i t-fhuil dhireach,
’S trom an sachd th’ air a h-inntinn,
A deoir a’ sruthadh gu lionor,
’S leann-dubh air a crìdhe,
Tha do chumh’ air a lionadh;
’S goirt ’s gur cruaidh lea’ ’n lom sgriob th’air do chairdean.
’S goirt ’s gur, &c.
’S mairg a dh’ fhèuchta na fhulang,
Mur a dh’ eirich e dhuinne,
Gur a mithich dhomh sgur dhibh
’S gun bhi toiseachadh tuille
’S ann mu ’n taca so ’n uraidh
Rinn mi croghadh a’s tional,
Bhrist an claidhe na dhuille,
’Nuair a shaoil mi gu ’n cumadh mid slan e
’Nuair a shaoil, &c.
title | Gaoir na ’m ban Muileach |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |