Oran do DHIUC GORDON, ri linn fogradh Righ Tearlach a dhà, le Iain lom, Fonn orain na ’n casaga dubha, le Rob Donn.
SEISD.
LAMH Righ leinn a dhaoine,
C’ uin’ a chaochlais a bheart so;
’S gu bheil fios ’sa ’n Roinn Eorpa,
Gur h-i choir tha sibh strachdadh;
Fhir a chruthaich o thus sinn,
Cuir a chuis gu treun taice;
Air na Banntairean [Covenanters.] breige,
Rinn an eucoir a chleachdainn.
Mi ’g amharc Strathchuaiche,
’S mor mo ghruaim ’s cha bheag ’m eislein;
’S mi ’g amharc na ’n gleanntain,
’N robh an camp aig Iarl Einne;
Ris an goirte ’n t-eun tuathach,
Nach d’ fhuaradh ri brein-chirc;
Ged tha e ’s an am so,
Gun cheann an Duneidionn.
Lamh Righ leinn, &c.
Gur mor mo chuis mhulaid,
’S mi air m’ uilinn am onrachd;
’S mi ’g amharc an ruithe,
Far ’n do shuidhicheadh bordaibh;
Tha i ’n diugh fo ghleus chapull,
Feur fada a’s folach;
Naile chunnaic mi uair thu,
’S gu ’m b’ uallach do loiseam [A great company of gentry.] ;
Tighin a mach le d’ gheard rioghail,
Air na grinneinean gorma.:
Luchd na ’n casagan sioda,
Ghlacadh pic gu gle mhodhar;
’Sa bheireadh adbhansa,
An am dol an ordugh.
Lamh Righ, &c.
Bha mi eolach ad thalla,
’S bha mi steach ann ad sheomar;
Bhiodh ann iomairt air thaileasg,
’S da chlarsaich a co’ strith;
Gus am freagradh am balla,
Do mhac talla na ’n organ;
’S bhiodh fion spainnteach ga losgadh,
Am pairt a dh’ obair na ’n or-cheard.
Lamh Righ, &c.
Cha d’ fhoghainn leo t-fhogradh,
Feadh fhrogan ga t-fhalach;
Ach do thur-bhailtean mora,
Bhi gun choir aig Mac Cailein;
’Nuair a fhuair iad thu t-onrachd,
Rinn iad oirnne gniomh alloil:
Bha t-fhuil rioghail gun fhotus,
Ga dortadh mu ’n scafal.
Lamh Righ, &c.
Ach a Thearlaich oig Stiubhairt,
’S fad an dusgadh so th agad;
Gur fada ad shuain thu,
’S tim dhuit glusad o d’ chadal;
Mur eil t-aire gu direach,
Air do Rioghachd fein a thagradh;
Leig dhiot ’sa ’n droch uair i,
Mur eil cruadal a t-aigne.
Lamh Righ, &c.
’S math an cuideacha sluaigh dhuit,
Thu bhi ’n uachdar na corach;
Gu coir t-athar a dhiuladh,
Air na h-Iudhannaich dheoinidh;
Ach na faireadh iad baoth thu,
No blas baoth air do cho’radh;
No mur chlaidhe bog staoinne,
’N truaill chaoin air a h-oradh.
Lamh Righ, &c.
Tha uaislean do Rioghachd,
Ga ’n sticeadh an claisean;
’S ga ’m falach an giusaich,
’N deigh do chuinneadh a phasadh;
Daoine beag a rinn cillain [A store of money.] ,
Do shiol Skineirean chraiceann;
Tha na ’m Parlamaid rioghail,
’N deigh an Righ a chur seachad.
Lamh Righ, &c.
Tha na h-amraichean muine,
Gabhail iul ’sa chuan fharsuing;
title | Oran do Dhiuc Gordon, ri linn fogradh Righ Tearlach a dhà, |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |