ORAN do dh’ Alasdair Mac Dhonuill, no mar chomh-ainm, Alasdair Ruagh Mathanach’ aig baile Pheairt, air son e bhi mi-mhodhail ri fear araid bha ’n ’sa ’n aite sin air chuairt.
Fonn. —Alasdair dubh Ghlinne Garaidh, &c.
Bu chaoineil riumsa ’m baile Pheairt iad,
Cridheil gun airceas na gun dòlum;
’S toigh leo uile gu leir a Ghaidhlic,
’S tha iad baidheil ri luchd oran:
Choisinn iad gu’n d’thugainn cliuth orr,
Ach ni mi fear nach fiù dhiubh fhogradh;
Le druma o chath-chliabh [The toll-bar at Perth on the road leading to Dunkeld.] Dhunchaillinn,
Fuadaicheam o’n bhaile Mac Dhonuill.
’S olc an t-intleachd rinn sibh thuradh,
Daoine tha cho iular choir ruibh;
A leithid-san do shamhla salach,
Bhi ’m port ur baile n’ur coir ann;
’Sa phort mu dheas tha’n duine suairce,
Ged a thuirt iad riut Mac Mhathan,
Cha mhor do ’n mhathas tha riut fuaighte;
Tha thu ann ad phearsa biogach,
’S tha do chridhe spiocach truaillidh;
Chuir thu orm fad latha maille,
A chridhe na faille ’sa ’n duaircis;
’S mo mheas a rithisd mar dhiol deirce,
’N ait’ mi fhein bhi riut cho uasal.
Cha d’rinn mis’ mi fhein a nochdadh,
Mur dhuine bochd riut-sa thruaghain;
’Sann a ghlaodh mi air a bhotal,
’Sa phaigheadh as mo stochd gu h-uasal:
’Sa ’n uair bha thusa ’g ol na deoch ud,
Gheall thu le sodal bhi suairce:
Ach an uair bha t-ainm r’a sgriobhadh,
Leig thu air dìochuimhn na fhuair thu.
A mhial chartain ’sa phartain spagaich,
’S mairg aite dh’araich riamh thu:
Thaoghain ghroid bhrein an òtraich,
Gur th’ann diot tha ’n tòchd ro fhiadhaich:
’S tu mhial-mhoine ’sa ’n dearc-luachrach,
’S tu ’s taire ’sa suaraich do na biasdan:
A chorr-losgann ghon an t-saoghail,
’S na ’m faodadh tu gu ’m b’e do mhiann e.
’S tu mhial iongnach ’sa ’n séillein,
’S tu bòguis eitidh an droch fhàilidh.
’S tu a mhuc a’s broc na breine,
’S tu ’m fitheach nach d’thug sgeul do’n airce:
Tha thu lan mìo-loinn agus musgainn,
’S ad bhall cuspaireachd aig bardaibh,
Cha ’n fhad o’n fhuair thu chath-chliabh chuspainn,
’S cha mheal thu thrusdair fad an t-aite.
title | Oran do dh’ Alasdair Mac Dhonuill, no mar chomh-ainm, Alasdair Ruagh Mathanach’ aig baile Pheairt, air son e bhi mi-mhodhail ri fear araid bha ’n ’sa ’n aite sin air chuairt |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |