[339]

Bhiodag thubaisteach.

DHinnsinn sgeul mun mhalairt duibh,
Nam fanadh sibh gu fòill,
Mur dheirich don chall bhreamais domh,
Nuair chaidh mi do Dhungleòis;
Air bhi thall an Sgalpa dhomh,
Air cuilm aig Lachunn og;
Fhuair mi bhiodag thubaisteach,
Le a caisein-uchda mòr.

Bu mhath a chuilm a bhann an sin,
S mo bheannachd-sa na deigh;
Bha dubhlan duine chunnaic i,
Na diomoladh gu leir;
Ach fhuair mi fhin bloidh biodaig ann
Nach tig an la ni feum,
As stiallaire mor feosaig oirr’,
Mur fhear da seorta fhein.

Mas oil leibh an athais ud,
Gun robh si agabh riamh;
Loinidean as òghnaichean,
An conuidh dhuibh bu bhiadh;
Ged dheanadh sibh cruinneachadh,
Tuille as coig ciad;
S tearc fear gun chaisein-uchd aige,
Cho gharbh ri muice fiadh.


[340]

Chuir an tir son duileachd mi,
Nuair chunnaic iad mur bhà;
Bha gach neach ga choisrigeadh,
Roimhn dos a bha fa barr;
Bha sgonn do mhaide seilich innt;
Bu gheinneanta rinn fàs;
Thug an saor neo chronail aisd,
Crois do loinid bhàin.

Chuir Mac Ionmhuinn bairlinn,
An trath so mach san tir,
Chuir e na seachd barranntais,
Gu Donnacha Mac a Phì;
Gabhail gu caol Arcaig leo,
Mun ghabh i tamh san tir,
Sa muinntir fein thoirt coinne dhi,
S gur soilleir i do mdhith.

Chan ion-mholaidh ghrabhata sin,
Thug thu steach thair chaol,
An t-arm a bha gun choisrigeadh,
Sa bolc leom air mo thaobh;
S mairg sliasaid air am facas i,
S i bhiodag phaiteach mhaol;
Biomlaideach air bhordaibh i,
Sgian dubh a sgornain chaoil.

Bi sud an t-arm gun choisrigeadh,
Sa bolc leom air mo chliaich,
S ruagh-mheirg uiles coltas di,
Fo dhos do dhfhionnadh liath,
Bha maide reamhar geinneach innt
S car na h-amhuich fiar
Cha ghearradh i sgiath cuileige,
Le buille no le sgrìob.


[341]

Bu mhath sa bhruthainn chaorainn i,
San caonnag nam fear mòr;
S e Fionn thug dhi an latha sin,
An t-ath-bualadh na dhorn;
Thug i na brath-mhionnan sin,
Nach dfhag i duine beo;
S nach robh neach gam beanadh i,
Nach gearradh iga bhròig.

Thuirt mi fhìn nach bfhior dhi sud,
Gur h-ann chaill i a ciall le h-aois;
Co i a chuimhnes faid agad,
Gun stad thu o bhi maol;
Chaidh mi air mo ghlun di,
Mun do rùisg i rium a taobh;
S thug i na seachd sgairtean aisd,
Gusn dthug Mac Talla glaodh.

Nuair chaidh mi dhiarruidh breitheanais,
Cha dfhuair mi a leithid riamh;
Sin nuair thuirt an t-Sàileineach,
Sann chairich e rium biasd;
Duirceach do chuirc Mhor-thirich,
Da bheil an roibein liath;
Duirceall dubh gun fhaobhar,
N am taobhsainn ris a bhiadh.

Bu cheithir bliadhna-fithchiad di,
Bhin citsein Mhoir-fhear Gall;
S fhuair i urram cocaireachd,
Thair moran do na bhann;
Bha Mac Aoidh ga teachdaireachd,
Mun deachaidhn chogadh theann,
Biomlaideachsa choradh i,
Sgian dubh an sprogain chaim.


[342]

Ged thigeadh Clann Donuill,
S na seoid a tha mu thuath,
Mac Aoidh an tus feachda leo,
S garbh bhratach an taobh tuath;
Nuair thig a bhratach Cheanntalach,
Sa thairngnear ri a suas;
S tearc fear gun chaisein uchd ga chìochan air,
Gu ruig gial a chluas.

titleBhiodag thubaisteach
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page