[342]

LAOIDH AN AMADAIN.

S geul uaigneach chualas gun bhreug,
Air òinid dan geill na sloigh.
Laoch meamneach air nach dearg arm,
Dan ainm an t-amadan mòr.

Curaidh cha do chuir air fiamh,
S ni mo strìochd e riamh do shloigh;
Nach drinn uaill a sgiath na lann,
Gach neart a bhann na dha dhorn.

S deimhinn leam gu bheil sud fior,
Mun dfhuair e gach tir fa smachd;
S geul beag gearr air a dheireadh thall,
Tuigear leinn gu bheil sud ceart.

do n amadan mhor,
Bhin crìochan Lochlainn nan ceol caoin;
E fheins aon mhaca mnà.
S bu leoir a h-ailleachd mur mhnaoi.


[343]

Tharladh an Gleann diamhair dhoibh,
Nach robh iad ann roimhe riamh,
Baille slios, feur as fonn,
S fuaim a tonn rislios a léig.

Chi mise arsa Gile-bhan og,
Gruagach gun stroth fo bhron bhrot;
Saothach don or dhearg na dhorn,
Cosmhail ri cornn am biodh deoch.

Nin robh mise roimhe riamh,
Aon uair is mo thart;
Bait leam a chosg cia be i,
Diolfaidh mi cis air a son.

Aon athchuing do iarramsort,
Na h-ol a dheochs na h-ith a bhiadh;
Biosa subhach oglaoich mhoir,
Deansa suidhes ol deoch.

S na comainibh ceudna dhò,
Labhair easan an gloir mhir;
Thug en sitheadh baobhaidh borb,
S cha dfhag braon sa chornn nach dibh.

N sin dhimich gruagach a chuirnn,
S neo bhuaghach a chuilm ra h-ol;
Na cosan fo na gluinean shios,
Do bhi dhith air an fhear mhor.

Labhair an sin an Gile-bhan og,
S mor an leon so thair breith ort;
Chan eil do charaid san domhan mhor,
S cha noil leo thu bhi gun chos.


[344]

Eisd thusa Ghile-bhan og,
Tog do dbhrons do dmhor sprochd;
Cha bhi cosan anns an tir,
Neo gheibh mi ris mo dha chos.

Dhimich iad an sin araon,
A bhean san laoch bu truime toirt;
Bu luaithe esan air a dha ghlun,
Na caogad le luths an cos.

Dh-ionnsaidhn fhirich do ghluais iad,
Chunncas fiadh air bheanntaibh borb;
San gaothar ban air a dheigh,
A tathum gu geur air a lorg.

Chuireadh le neart lamh an laoich,
An t-sleagh tre da thaobh an fheidh;
Rug e air a ghaothar bhan,
S chuir se e na laimh air eill.

Rug e air a ghaothar bhan,
Chuir se e na laimh air eill,
Bidh tu agamsa fo chuing,
Gus an tig fear iul ad dheigh,

Chi mise arsa Gile-bhan og,
Gruagach armach earraidh oir;
Lann leadara air a thaobh clith,
Sa dha shleagh gun sgìos na dhorn.

Bheannaich gruagach an earraidh òir,
Don amadan mhors da mhnaoi;
Ach dhfhiosraich iadsan gu glic,
Ciod an t-ait am biodh an saoi.


[345]

Falbhaidh mise nis a shealg,
Don uaimh dhearg fo Ghleann Smeoir;
Coimhead thusa charaid ghraidh,
Cabhair mo mhna sa cuid oir.

Air fhaideads gam bi mi muigh,
Na coidils na crom do cheann;
Na leig duinidir a steach,
Na neach a mach do na th-ann.

Choidil an sin an t-oglaoch mòr,
As thainig oglaoch eile steach;
Le ceuma cabhaig ghabh e suas,
S do mhnaoi a ghruagich thug se pog.

Dheirich Gile-bhainn sin a nuas,
Spionadh leis gu cruaidh a cheann;
Eirich as a sin gu luath, luath,
Ma tha thud shuain cha ben t-am.

Mur bithinnu am shuain gu mòr,
Cha leiginn dhosan teachd a steach;
S ni mo leiginn duine mach,
Gùsn tigeadh Gruagach Dhun an òir.

Dheirich an sin an t-oglach mor,
S do chois an doruis gun shuidh se,
Cha drinn gobhainn, ceard, no saor,
Comhla bu daingne nan laoch borb.

Dheirich a Ghruagach a ris,
Sa lann liobhar na dheas laimh fein;
Eirich as a sin oglaoich mhoir,
Chan aite coirn do shuidh thu fein.


[346]

S mise gruagach a ghaothair bhain,
Air do laimhsa mhacain mhoir;
Ruidire Corcase mainm,
Anns gach àit gun dthugainn buaidh.

Bheirinnse dhearbhadh sin duit,
Arsan oineid le mor sprochd;
Nach bi Gruagach a ghaothair bhàin,
Ri ràdh riut as a so.

Cuimnach foghnadh leat fhir mhoir
Leith-trom na dho bhi san roinn;
An t-sealg uile bhi air do laimh,
San gaothar ban a leigeadh leam.

S mise fein a rinn an t-sealg,
Arsan t-amadan bu gharg fiamh;
Ge be fear is treise lamh,
S leis an gaothar ban sam fiadh.

On a thachair mo ghaothars ort,
S na cosan a bhi do ddhith;
Biadh as eudach air do réir,
Bheirinn sin duit feins do dmhnaoi.

Gabhsa sud, arsa Gile bhain og,
S thoir an gaothar ban do,
Gheibh e sin san gaothar breac,
S ged a dhiarradh ni bu mho.

Dhimich iad an sin nan triùir,
Anns an iùl a rinn am fear,
Thog se air a mhuin am fiadh,
An crannagan a sgiath sa bhean.


[347]

An Gleann Sìth san Gleann ra thaobh,
Lan draoidheachdta se do ghna;
Far nach tearuinn duine beo,
Ach thusa oineidsa macan mnà.

Dun an oirta air an Dùn,
Anns am faigh thu muirn as ceol;
Ach na coidil ann gu brath,
Mun dthig amhghar ort nis mo.

Air cromadh dhoibh anns an Dun,
Chunnacas ùr-bhean nan sùl gorm;
S gile nan canach a cneas,
Deud mur chailc as beul mur ròs.

Dhfhiosraich am macan mòdhar,
Don ghruagaich le eolas geur
Ciod im macan deud-gheal og
Nam fear mor dan tug i speis.

S mise fein thug spéis dhò,
Arsa Gill-bhan bheil-dearg og,
Fir an domhain bhi fa mhèin,
Ni mo gheilleadh e do shloigh.

S iongnadh leam na tha tug radh,
Arsam macan deud-gheal og;
Ciad, an sluagh a fhuair air neart,
Trid nuair leig e chosan leo.

Bheireamsa dhearbha sin duit,
Arsa Gile-bhan steud gheal og;
Mur bhithe draoidheachd a chuirn chros,
Cha leigeadh e a chosan leo.


[348]

Thug mise briathran na dhò,
Ged thigeadh cach mu do cheann;
Nach dtheid duinidir a mach,
Na neach a steach ach na th-ann.

Gheibheadh tusa sud fhir mhoir,
Tri lan dabhaich do dhor glan;
Crobh, as eich, as fearunn saor,
S nighean Righ o thir na mflath.

Fanaidh tu fhathasd gu fòill,
Geds fior bhosd a ta tu ràdh,
Gusn dthig Gruagach Dhùin an oir,
S gun dioladh e pog a mhnà.

Gheibheadh tusa sud oglaoich mhoir,
Mo chulaidh oir agus meach,
S coimh dheas leis fairge no tir,
S leat mo Rioghachds leig mise mach.

Fanaidh tu fhathasd gu fòill,
Geds fior bhosd na tha thug radh;
Gusn dthig Gruagach Dhùn an oir,
S gu n dioladh e pog a mhna.

Thug mise o Ghruagach a chùirn,
A leith chas as e dol na luing a steach;
Chuirinn i fothadsi gun leon,
S mo leigeil gus an ròd a mach.

Tha saod agadsa gu pailt,
Air masdarsa chumail mall;
Chas eile bheireadh tu uait;
Ge bu chruaidh leat e na do cheann.


[349]

Nuair bhan t-oglach na chas cruaidh,
Leum e suas an uchd a mhna;
Iarram do chomraig a bhean,
Dean a chosg as glac mo lamh.

O! chan eagal duit am bas,
Cha nann an cas a ta thu fein,
Thoir thusa a chasan-sa uait,
As liubhraidh mis air duais do cheann

Mur chosan feidh luath chum ruith,
Gheibheadh tusa nis na dhiarr,
Labhair a Ghruagach an sin,
S mithich dhomhsa nis bhi triall.

On fhuair thu do chosan fothad
S foghainteach do lamhs do lann
S thigimid a nis air faich
S dearbhaidh sinn neart ar cuid arm

Na casan so fhuair mi fotham
Cha leiginn iad leo na leat;
Choidhch cha dtheid do bheo-sa mach,
Gusn dthig Gruagach Dhun an oir.

S mise Gruagach Dhùn an oir,
Agus gruagach a ghaothair bhain;
O na thainig mi ann ad luib,
Dhfheuchainn do luths as do mhein.

Bha iad mar sin oidhch as ,
Mein air mhein as lamh air laimh;
Pog air phoig as beul air bheul,
Theirig an sgeul as an dan.

titleLaoidh an Amadain
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page