ORAN do Sheorus Mac Aoidh, fear Eilein Shannda, turas a sheol e fein agus sgioba leis do Steornua agus an t-sìd air éiridh na ’n aghaidh; Le Rob Donn.
Siubhal marr-ri Seorus dhuinn,
Do Steornua air chuan;
Fad na h-oidhch a seoladh,
Gu Rugha ’n Stòir ud shuas;
Bu bhiadhach, deochach a bhiurlainn ud,
’S i luchdar, dionach, luath,
Gu sdiùrach, crannach, ròpanach,
Rathanach, seòlta, fuaight’.
Air maol gob an Rugha dhuinn,
An dubharachd na h-oidhch,
Suas gu Loch-an-Ionmhuir sin,
’G iomram gun leus soills’;
Shìn gaodh a near a séideadh oirnn,
’Nuair dh’éirich là o’n oidhch;
Air port ’sam bith cha lubteadh i,
Eidear Pùitic a’s Lochaills.
’Sa mhaduinn ’s ann a b’ eiginn duinn,
Nuair dh’eirich gaodh gu searbh,
Ar cùla thoirt do ’n tir,
’S ar ceart aodann thoirt do’n fhairg,
Fo steallainean ’s fo thunnsginean,
Nan tonna mora borb,
Chnocach, chopach, shìdeach,
Ghleannach, ghlutach, shliopach, ghorm.
’Nuair chaidh i air a h-aghairt,
’Sa h-aghaidh air a h-iùl;
Bu chuimseach, gléusd na Leodaich,
Mu na sgodan aig na siuil;
Bu toigheach cuimhneach làidir,
Bha Padruig air an sdiuir,
’S bha Seorus Ruagh na Tairbeird ann,
Le uiread seirbheis ’sa bha’n triuir.
Bha ’n sgiob ud air an coimeasgeadh,
Le fearalas a’s fiamh;
Chìte fiamh ghàire orra,
Ged dh’fhag iad clach a’s sliabh;
Le duinealas gun eibeantas,
Cun saidealtas na’n gniomh,
’S gun neach air bith do ’n choigear ud,
Bhi stigh an Leothus riamh.
Ach sheall an t-iul-fhear tròcaireach,
Oirnne ’n sin na thìm;
’Nuair nach faoite bosd,
Chuir a seoladair no saor;
O dhruim na mara mor-chleasach,
’Si seoladh stigh na caoir
’S le ruith nan tonna’ stròthanach,
Bhuail i sgailc dheth sròin air tìr.
’Nuair ràinig sinn an t-aite sin,
Bha chuideachd fàilteach ruinn,
Fhuair sinn tagha fàrdaich,
Nach eil àicheadh os a cinn;
Gu ballach, aolach, sglèutach,
Réidhleach, lotach, gleidhteach, grinn,
Aig armunn fial do dh’ Iomhairich,
Aig nighean Triath Chillduinn.
Bha Caiptein oirnn ’san àite sin,
’S ann as do dheanainn bòsd;
Cha tigeadh glain gu clàr ann,
Nach b’i shlaint-sa rachadh òl;
Seana-mhnathan a briathrachas,
Nach fac iad riamh bu bhoidhch,
’S cagar mhaighdeann a fiafrachadh,
O ghiall a bheil e pòist?
’Nuair chuir e aodach aisig dheth,
’Sa dheasaich sè e féin;
Shaoil mi nach bu mhasgull domh,
Radh gu’m bu ghasd a chéum;
’S e cainnt nan daoin’ bha eolach air,
’S e falbh f’a ’n còmhair air stréud,
Tha e ’n sud ’s gun bhean g’a chóbhrachadh,
’Sa Righ bu mhor am beud.
So mo dhùrachd cinnteach dhuit,
’S i ’n fhìrinn tha mi ’g ràdh,
Gu ma cuimhneach air t-iùl-fhear thu,
’S nach faill thu air gu bràth;
Saoghal sona an deagh bheatha dhuit,
’S deagh oighreachan bhi t-àit’
A’s uiread eile dh’ iondrain ort,
’Sa ’n àm am faigh thu bàs.
title | Oran do Sheorus Mac Aoidh, fear Eilein Shannda, turas a sheol e fein agus sgioba leis do Steornua agus an t-sìd air éiridh na ’n aghaidh |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |