ORAN air each a fhuair am bard mar thabhartas o’n duin’ uasal cheudna, ’s air logh a fhuair e o mhaighdinn uasail airidh, agus an dithisd air basacha air le cheile, ’sa ’n aon earrach;
Le Rob Donn.
Gar bheil mi ’m àraidh aig daoin’ uaisle,
’S aobhar thruais gu dearbh mi;
Le bean as clann ’s nach eil mi saibhir,
’S each gun oighr’ air falbh uam;
Tha mis am bliadhn’ air seòrs’ do rian,
Nach robh mi riamh ’s nach earbainn;
Fo chrois ’s fo phian, ’s mo chroit fo chliabh,
’Sa ’n cnàp ri cliabh ri m’earbull.
Fhuair mis o Sheorus gearran bàn,
’S o Shenidh lair mar fhaoidhe;
Cha d’fhuair mi ach beag d’a ’n stàth,
’Nuair b’iad sud a dhà a chaill mi;
’S e m’ athchuing dhichiollach ’s gach tìm,
Anns gach urnaigh nì na rinn mi;
An logh is fearr a thoirt dà-san,
’Sa’n stalan slàn do ’n mhaighdinn.
O’n chaill mise an t-each bàn,
Gur tric a làn ’sa chliabh orm;
E bhi bàitht, gun fhiosam c’àit’,
Chuir mise tràth gu liathadh;
A cholla-mhàs lan, bhi ’m poll no ’m blàr,
Aig sionnaich charn g’a ’m biadhadh;
Chaidh a thogail òg ’sa ’n sgoil aig Deòrs’,
’S bu mhath a choir air cliathadh.
Bu ghasd’ mo phòinidhs’ air an t-sreud,
Gu marcachd speiseil iomachuin;
Their fear Straithe, sean a’s òg,
A’s canaidh Donull Feirbeis;
Their fear Mheilinis a rìs,
’S e fhein bi gleusd’ ’sa ’n t-seirbheis;
Gur mairg nach d’ fhuair nuair bha e òg,
Air son tomhas òir no airgid;
Fear a ghleidheadh a rùn gu brath,
Mar rinn each ban na Tairbeird.
An duine math o ’n d’ fhuair mi thu,
’S e fhein an tus fhuair t-fheum-sa;
Cha b’ ionunn rian bh’agad ’s aig pairt,
Gu iasgach fàt na bheusan;
Na ’m biodh tu beulach, bruidhneach, breugach,
Mar tha cach mu d’ dheighinns’;
Bhiodh Maistir Falconair ag radh,
Gu m bu mhath an drasd ’sa chleir thu.
title | Oran air each a fhuair am bard mar thabhartas o’n duin’ uasal cheudna, ’s air logh a fhuair e o mhaighdinn uasail airidh, agus an dithisd air basacha air le cheile, ’sa ’n aon earrach |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |