MARBHRANN IAIN GHRE, fear Roghard.
Le Rob Donn.
Tha rogairean airtnealach trom,
’N taobh bhos agus thall do ’n Chrasg;
O’n chual iad mu’n cuairt an ceann-cinnidh,
Cha ’n aithne dhomh aon ni cho làidir,
Air an t-saoghals, ri bàs gu toirt téum;
An strachd thug e ’n drasd oirnn air aghaird,
Gu’n do mharbh e fear Roghaird a leum;
Tha Sàtan ro bhrònach ’s cha ’n iongnadh,
Ged fhaigheadh e’n t-aon-sa dha fein;
Chionn nach eil fhathasd air sgèul aig,
Fear a sheasas na àit’ as a dheigh.
’S fad o’n chunnacas ’s o’n chualas,
Gur teachdaire gruamach am bàs,
Gidheadh, gu bheil cuid diubh an daoch roimh,
Toirt rùd-eiginn gaol dà an dràsd;
Tha dûil aca ’n Cata ’sa ’n Galla,
Nach urr’ iad a mholadh gu bràth,
Air son gur h-e fhéin thug a chiad-char,
A fear thug coig ciad car a càch.
Sibhse tha mor ’sa tha mion,
Sibhse tha sean ’sa tha òg;
Thugaibh cheart air’ air a bhàs,
’Nuair is beartaich’ ’sa ’s laine ur cròg;
Oir thig e mar mhearlach ’sa ’n oidhche,
Ged robh sibh uile cruinn ann mu’n bhòrd;
’S cha ’n urrainn sibh a mhealladh le foill,
’S gu’n do mheall e ceann-feadhnaidh nan ròg.
Rinn deomhain a’s triùcairean talmhaidh,
Raoighneach mu chealgair bhiodh tréun,
Bu mhath leam an cionntach a bhualadh,
’S cha b’aill leam duin’ uasal a shealg;
Ged chuireas mi gruaim air a choireach,
Cha ghabh an duin’ onarach fearg;
Tha Captein Rob Grè air a dhiultadh,
Le breitheanas prionnsa nan cealg;
Rinn coimeasga Reothach a chumail,
Gu uaisle a’s duinealas gharg.
Tha breugan a’s cuir air am fagail
Do’n fhear is fearr tàlant g’a ’n inns’
Cha luthaigeadh a chuis sud do Bhàtuir
Bha onair a’s ardan na ghrìd
Ge comasach Iain a bhrathair
Cha ’n fhaigh e sin an drasd a chion aois
Ach ’n sin gheibh e obair an t-Satain
Ceart comhluath ’sa ’s bàs do dh’ fhear Chraoich.
title | Marbhrann Iain Ghre, fear Roghard |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |