ORAN do dh’ IAIN SUTHARLAN, d’a ’m bu chomhainn IAIN THAPAIDH, ann an eirig oran a rinn easan a pilleadh marbhrann fhir Roghaird, air son duais a fhuair e o fhear Chraoich.— —Le Rob Donn.
Air an fhonn cheudna.
CHIAD fhear a shiubhlas do Chata,
Thoir fios gu Iain Thapaidh na’n rann;
Nach boidheach ’s nach dealbhach a chaluinn,
’S gur mi-thapaidh an t-anam a th’ann,
Mhol bladaidh nan glog-shuilean miothur,
Bha tur air a lionadh deth ’n t-sannt;
An sgrog-thoineach, cab-phliathach, grìomach,
’S bu dearbhte do chiad e bhi meallt.
’S e chanas gach breithe is airde,
Gu ’n robh an fhior bhreug ann do bhus;
’Nuair a shaoil leat a thogail mur chraoibh,
’S ann rinn thu a chrìonadh mur lus;
Cluinnear anns gach àite m’ ur timchioll,
Ur ’n alla ’s ur ’n iomradh aig cus;
Cha chreid duin’ ac thus mach o eis’,
’S cha mhol duin’ ac eis’ mach o thus.
Bu bhaoth duit a bhi g’a mo leanntainn,
’S nach robh ann ad chantainn ach craos;
Bha thu ’n toiseach ann ad spleadhadair caillte,
’Sa nis ad sheann-ghloichd leis an aois;
Eidear na breithibh tha fiùdhail,
’S e chuireas mo chliùths’ ann am prìs;
Gu ’n robh ’m fear a bheum mi le spealadh,
Cho bhreugach ’s gun mhol e fear Chraoich.
Nis a Rob Grè, ma phos thu,
’S e Iain t-aon oglach ’sa ’n am;
’S urr’ e thoirt meas air do bheusan,
Le orain, le théis a’s le ’rann;
Ni e Sagairt do dhuine gun chrabhadh,
’S ni e deagh chlàrc do dh’ fhear meallt’,
Ni e stiùbhard do theaghlach gun iochd,
’S fear faoghlum do ’n t-sliochd nach bi ann.
Shaoil mi gun chronaich mi tric dhuit,
Bhi glacail an sgriobtuir [John Sutherland was the Schoolmaster of that parish.] ad dhorn;
Ach ’s ann a tha ’n t-amad dana,
Sior bhriseadh ’n treas aithne d’a dheòin;
Mur sin ’s ann a soilleire chìthear,
Gur sailche a chrìdh na thòn;
’S gur h-ann a tha fhaoghlum na theangaidh,
’N dearbh alt am bheil bruidhinn aig eoin.
Ged leig sinn ar pearsannaibh taitneach,
Ann am posadh gu liobasda leibh;
Na saoileadh ’nuair a thoilleadh sibh masladh,
Gu ’n coisinn sin maiteachas duibh;
’S ni tha cinnt’ mu ar càirdne,
Ged rinn ar fagail gu taobh,
Nach d’ thig iad a choidhch fo ar cliùth-sa,
’S nach mò ni iad sibhse na ’s naoimh.
Rinn sinn do sgiursadh mar throsg,
Mach thair a Chrasg leis a ghaoidh;
Ach do sdiuradh le d’ mhaistir fhein thu,
Gu àit’ anns an séideadh tu ’n daoi;
Cha ’n fhaighear fear fileanta facail,
An Cata, na ’n Ros na ’n duthaich ’c Aoidh;
Ach Iain gu moladh Rob Grè,
’S e ’s coir dha do ghleidheadh a choidhch.
Cha ’n fhaicear do leithid a shiomlaich,
Ged amhaircte ceithir timchioll a ghlob;
Ma leanas tu ’n comhnuidh ri t-éucoir,
Masgul a’s breugan nach ob;
’Nuair a théid an t-anam gun reusan,
Mach a dh’ aon leum air do ghob;
Bidh tus’ anns a chuideachd an coir dhuit,
An donus a’s Ròghard a’s Rob.
title | Oran do dh’ Iain Sutharlan, d’a ’m bu chomhainn Iain Thapaidh, ann an eirig oran a rinn easan a pilleadh marbhrann fhir Roghaird, air son duais a fhuair e o fhear Chraoich |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |