[359]

ORAN air comh-latha breith PHRIONNSA THEALAICH; —Le Rob Donn.

AN diugh, an diugh is réusantach,
Dhuinn eiridh ann an sanntachas;
An treasa air crìochnacha’,
Do dhara mìos a gheamhraidh so;
Deanamaid comunn failteach riut,
Gu bruidhneach, gàireach, òranach,
Gu botalach, copach, stòpanach,
Le cruit, ’s le ceòl, as damhsaireachd.

Deanamaid comunn failteach,
Ris an thug thun an t-saoghail thu;
Olamaid deoch slainte,
An t-Seimis oig on dinntrig thu;
Le taing a thoirt don Ard-Righ,
Gun dfhuair do mhathair lìobhraigeadh;
Dheth h-aon bha do na Gaidheil,
Mar Dàibhi do chlann Israel.


[360]

Tha cupall bliadhnas ràidhe,
On thainig thu do dhAlba so;
Bu shoilleir dhuinn on trath sin,
An fhailte chuir an aimsir oirnn;
Bha daoine measail miaghail oirnn,
S bha àrach nìth a sealbhachdhuinn;
Bha barratroma tir againn,
Bha toradh frìdh as fairge againn.

An diugh, an diugh, tha cuimhnagam,
Air puing nach coir a dhearmadach’;
Mu bhreith a Phrionnsa rìoghail,
Dhethn teaghlach dhìrich Albunnaich;
Togamaid suas ar sùilean ris,
Le urnaigh dhluth gun chealgaireachd;
S ar lamhan nam biodh feum orra,
Le toil, le euds le earbsalachd.

Togamaid fuirm as meanmna,
As faithnear air ar dùrachd e;
Gu latha chumail sanntachail,
As leith a Phrionnsa Stiùbhartaich;
Gur cal an àm na h-eiginn e,
Ar carruig threun gu sdiùradh air;
Thug barr air cheud am buadhannan,
S tha cridhen t-sluaigh air dlùthadh ris.

Chan iongnadh sin, ’nuair smuaintichear,
An dualchas dhethn dthainig e;
An doimhne bhann air faoghlum,
S gun bhonn do dhéis na nadur dheth;
Mar Shola’ ’n cleachdareusanta,
Mar Shamson treuns na lamhan e;
Mur Absolum gur sgiamhach e,
Gur sgiaths gur dion da chairdean e.


[361]

Nach faic sibh féin an spéis,
Ghabh na spéuran gu hhig ùmhladh dha;
Nuair sheas an rionnag dhearsach,
Anns an aitan robhte sdiùradh leis;
An comhar bhaig ar Slannuiear,
Roimh Thearlach thighn don duthaich so;
Nuair chaidh na daoine ciallach,
Ga iarruidh gu Ierùsalem.

Nis a Thearlaich Stiùbhairt,
Nam biodh an crùn thair Seòrus ort;
Bu lionor againn cùirteirean,
Bhiodh tionndadh ghùn as chleòcaichean;
Tha mathchuing ris an Ti sin,
Aige bheil gach nìth ri orduchadh;
Gun tearuinn e on cheilg acthu,
S gun cuir en seilbh do chòrach thu.

titleOran air comh-latha breith Phrionnsa Thealaich
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page