ORAN do bhean bainnse rinn briseadh geallaidh, an deigh a reiteach, ’sa dh’ fhalbh le fear eile.
Le Rob Donn.
THUGAIBH ’n t-soraidhs’ gu h-iomlan,
Gus an inighin tha ’n Aisir,
Agus cronacha’ iomchuidh,
Thaobh an iomrull a dh’ fhas innt’,
Suil gabhair na h-aghaidh,
Dhol a thaghadh na pairtidh,
Chur na ’s mo do dhragh oirr’,
’S na ’s lugha do chairdean.
’S ann tha ’n t-suil th’ ann a’ t-éudann,
Mar an créutoir is taire;
’S tha na ’s mo do ’n ghabhair,
Ann ad bhothaig na ’s stàine;
Rinn thu turnn air sn am so,
Chuireas antlachd gu brath ort;
Le do raisein a chocadh,
Ris a bhoc a bh’ air laraich.
’S e mo bharail nach b’ fhiach thu,
Dhol g’a t-iarruidh thair sgìre;
Oir tha t-aigne ’s do mheanmna,
Mar tha aimsir na ’m faoilleachd;
Chuir thu craicionn do thiumpain,
Mar mbasg diultaidh air t-aodann;
Rinn thu striopach do d’ gheallamh,
Soilleire t-alla no t-aogas.
’Nuair a chì thu do bhroman,
Cha ’n eil thu ’n comain do chairdean;
Thug a chomhairl ort iomlaid,
Cleas na siomlaiche bàtha;
Thig do ’n bhuailidh gu sìobhalt,
’N deigh a laoigh a chur bàs oirr’;
Bheir am boinne gu sanntach,
Gun chrann-laogh gun fhearna.
Mas e comhairl do chairdean,
Thug ort Seumus a thréigeadh;
’S e do chliuth-sa tha fulang,
’S e do bhuinig nach d’ Rinn iad;
Am mac a rugadh gu bochdas,
Cha ghlac e stochd ach air éiginn;
’S air dhluithead airgid am pocan,
Buailidh an copar ri cheile.
Na ’m bu mhise ’n duin og,
Bhiodh dol a phosadh na h-inighinn,
Agus fir a bhi lamh-ri,
Do ’m bu ghnath a bhi ’g iorghaill;
Cha bhithinn mionaid ro chinnteach,
Gan a h-inntinn a dh’ iomlaid;
Mur biodh glas agus iuchair,
An crochadh f’a h-imileig.
title | Oran do bhean bainnse rinn briseadh geallaidh, an deigh a reiteach, ’sa dh’ fhalbh le fear eile |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |