[363]

ORAN do SHALI GRANNTA, maighdionn uasal a bhann an Ionmhurnis ri linn na ciad Reisimeid Chataich bhi anns a bhaile sin, agus mas fior am bard gun robh na h-Oifigich a comh strith uimpe; —Le Rob Donn.

Mum faca mo shuil thu,
S en cliùth ort a fhuair mi,
A riomhainn a àluinn, éibhinn og.
Gun robh thu mar bhan-,
Gun geilleadh na sluaigh dhuit,
A rìomhainn aluinn, éibhinn òg.

Shaoil mi gum bu spòrs,
Nach bu chòir bhi ri luaidh e;
Achnuair shìn an ceol,
S gun dthug iad a suas mi,
Chreid mi h-uile drannt dheth,
San damhsanuair a ghluais thu,
A rìomhainn àluinn, éibhinn òg.

S en t-aobhar nach fhagainn,
Sàli aig a Choirneal,
An rìomhainn àluinn, éibhin òg.


[364]

An t-eagal gum biodh càch,
Le nàimhdeas na sgornan,
An rìomhainn àluinn, éibhinn òg.

Créatoir cho ghrinn ri,
As creatoir cho bhoidheach,
Gu m bu mhor am béud,
Gun cailleadh i da deoin iad,
Suireichean an t-saoghail,
Le aon fhear a phosadh;
An rìomhainn àluinn, éibhinn òg.

Tha Deorsa ro dhàna,
Air a Mhaidseir na cbainnt,
An rìomhainn àluinn, éibhinn òg.

Gu bhi cuir an ceill doibh,
Gu leir gun robh sannt air,
An rìomhainn àluinn, éibhinn òg.

Achn uair thig an t-ol,
Mun bhord anns na rancan;
Olaidh e gu sunndach,
Deoch-slainte na Baintighearn;
Sa h-uile fear do chàch,
Mach o Shàli toirt taing dha?
An rïomhainn àluinn, éibhinn òg.

Thuit mi ann an dùsal,
Mar gun tùislicheadh tranns orm;
An rìomhainn àluinn, éibhinn òg.

As chunnami air an trùir ud,
Len sùileans len samhlachd;
An rìomhainn àluinn, éibhinn òg.


[365]

A reirs mar a dhaodainn-sa,
An aodainn a rannsachadh,
Gun duraichdeadh Sàli,
Am Màidseir na bhanntraich;
As aoibhneas air Deorsa,
Mun bhron bhair a Ghranntach.
An rìomhainn àluinn, éibhinn òg.

Huile duine bha,
Sa Bhataillein gam b eol i
An riomhainn aluinn, eibhinn, og
Chuir i ann arm bruadar
Fuasgailt as post iad
An riomhainn aluinn, eibhinn, og.

Ach gu ruig as Tearlach,
Am Maidseir a bòige,
Ged bu chruaidh ainmeil
Ann an armailt Righ Deorse;
Chaochaileadh e aogas;
Le gaol bhi da còirse;
An rìomhainn àluinn, éibhinn òg.

Am fear is mo gradh
Cha nar e bhi suas riut
An riomhainn aluinn, eibhinn, og
S e is mo cradh
Mur paighear na dhuais e
An riomhainn, aluinn, eibhin og;

Bheir mi mo shuil,
No bheir mi mo chluas diom,
Ma tha h-aon don triuir,
Is trice theid a luaidh riut,
Cho tinn le do ghaol,
Ris an aon sin is fuath leat;
A rìomhainn àluinn, éibhinn òg.

titleOran do Shali Grannta, maighdionn uasal a bh’ ann an Ionmhurnis ri linn na ciad Reisimeid Chataich bhi anns a bhaile sin
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page