[56]

Oran le Iain Lom, air dha a chluinntinn an dara Righ Tearlach bhi air a chrunadh.

MIn so air muilinn,
An ard ghleann munaidh,
S mor fath mo shulas ri gaire.
Min so air, &c.

S ge fad am thosd mi,
Mas es olc leibh,
Thig an sop a mbraghad.
S ge fad, &c.

On bha sheannsoirnne chluinntinn,
Ged bu teann a bha chuing oirnn;
Gun do thionnaidh a chuibhlemur baill leinn.
On bha, &c.

An ceum so air choiseachd,
Le mbhatas le mphoca,
San lamh ga stopadh gu sarmhaith.
An ceum, &c.


[57]

Gur h-olc an nith dhuinn,
Bhi stad am priosan,
N am theachd an Righ ga aite.
Gur h-olc, &c.

Thug Dia dhuinn furtachd,
As na cliabhan druidte,
Nuair dhiarr sinn iuchair a gharaidh.
Thug Dia dhuinn, &c.

Sa Thearlaich oig Stiubhairt,
Ma chuaidhe an crun ort,
Dia na fhear sdiuraidh air t-fhardraich.
Sa Thearlaich, &c.

Ma chuaidh thusa chathair,
Gun aon bhuille claidhe,
N ainm an athars an ard Righ.
Ma chuaidh, &c.

S thu thighn dhachaidh gu dRioghachd
Mur a boil le dluchd mioruin
N coinne ri mile ciad failte.
S thu thighn, &c.

S ioma Subseig mhor mhisgeach,
S measa run duit na mise,
Tha cuir stigh am petisein an drasda,
S ioma, &c.

Luchd nan torra-chaisteal liatha,
Air an stormadh le iarunn,
Bolc na lorgairean riamh ann do gheard iad.
Luchd nan, &c.


[58]

Cha bfhas an dusgadh an cadal,
Na madadh ruagh chuir a braclaich,
Nuair a fhuaradh thu lag, ach bhi t-aicheadh.
Cha bfhas, &c.

Na mearlaich uile chuaidh dhaon-taobh,
Ghearr muineal Mhoir-fhear Hunndaidh,
S math choisinn le bunntaisd am paigheadh.
Na mearlaich, &c.

Leam is eibhinn mur thachair,
Mur dheirich do n bhraich ud,
Bha gach ceann di na bachlagan bana.
Leam is, &c.

Cha robh uimhir nan cairtean,
Nach robh tionndami-cheart orr’,
Bha mo shuilean ga m faicinn an trath ud.
Cha robh, &c.

S olc an leasan diciadain,
Mur a furtaich thu Dhia air,
Tha feitheadh air an Iarla neo bhaidheil.
S olc an leasan, &c.

N am rusgadh a cholair,
Theid an ceann deth o choluinn,
Gloir agus moladh don ard Righ.
N am, &c.

Le maighdionn scorr shuileach smachdail,
Dhfhagas gialan gun mheartuinn,
Dhuineas fiaras a Mharcuis mhio chairdeil
Le maighdionn, &c.


[59]

S geds e thus chan e dheireadh,
Do luchd dhusgadh an teine,
S mur mo run don chuid eile da chairdean.
S geds e, &c.

Mur bha Liusifer tamull,
N deigh air thus bhi na Aingeal,
Chaidh a sgiursadh le h-ainiochd a Pharais.
Mur bha, &c.

Bidh tu nis ann ad dheomhan,
Dol timchioll an domhain,
Bhrigh coltais toirt comh-fhillteachd dhasan.
Bidh tu nis, &c.

S mor a bfhearr dhuit na moran,
No na chruinnich thu storas,
Bhi tional an otraich gu dgharadh.
S mor a bfhearr, &c.

Na thu fheins do gheard misgeach,
Bhin ait as nach tig sibh,
Mur sgaile phictuirsan sgathan,
Na thu fhein, &c.

Na farabhalaich bhreaca,
Bha tarruing uainn ar cuid beartais,
Chuir an Righ mach a Whitehall dhuinn.
Na farabhalaich, &c.

titleOran le Iain Lom, air dha a chluinntinn an dara Righ Tearlach bhi air a chrunadh.
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page