[366]

ORAN do dhaoinuaisle duthaich Mhic Aoidh, air son iad bhi cuir a bhaird as an fhearunn chionn bhi marbhadh nam fiadh, agus cuid dhiubh bhi na aghaidh, agus cuid eile dhiubh bhi leis.

Le ROB DONN.

SEISD.

Ho ros fadas gur fada,
S cian fada gu leòir,
On a bha mi air achdair,
G iarruidh fasgath for sgòd;
Nis, mas eiginn domh teicheadh,
S nach eil leith-sgeul am chòir;
Cuimen caonainn ur sgobadh,
N diughs mi togail nan seol.

Jain Mhic Naoghais Mhic Uilleam,
Dhoirt iomadai fala,
Cuime am biodh tu ga màicheadh,
N diugh aig bèula a bharra;
S e mo bharail gum bfhearr dhuit,
Sìneadhn argumaid eile;
Oirs tu fhein bha ga marbhadh,
On la dhfhalbhadh tum baile.
Ho ros fada, &c.

Ach mas obair -dhiadhaidh,
Bhi marbhadh fhiadh anns na gleannaibh,


[367]S ioma laoch dheth do theaghlach,
Thuit gu trom anns a mhealladh;
Bu daoine fuilteach on dfhas thu,
S cha bfhearr cairdean do leannain;
S mas peacadh sud tha gun mhathanas,
Bidh tusas Mathanaich damaint.
Ho ros fada, &c.

Gu bheil tinneas na bliadhn-sa.
Dol nas piantaichs nas cràitich,
Ach ni sinn faighidinn chiallach,
Thig an riaghladh nas fearr oirnn;
Thig an cumant gu socair,
Nuair theid stopadh air Ahab,
S bidh sinn feuchainn ar lotan,
Air beuladh Doctoir Bohàbhairn,
Ho ros fada, &c.

Ach a Dhoctoir Bohabhairn,
Thug mi dàn duit nach tuig iad;
On tha mis air bheag airgid,
Buinidh oircheas ri t-obair;
Tha mo dhuil ri do phlàsta,
Nuair tha càch ga mo bruideadh,
S mar is faidthu ga charadh,
S ann is fearr enuair thig e.
Ho ros fada, &c.

IainIc EachuinnIc Eain,
Thirc mimeadhon mo dhragha;


[368] Bheireadh teist gu mo chliuth orm,
Air mo chulas ri maghai,
Le do chomhairlean rùnach,
Bheireadh dùlan luchd lagha;
Bha do chuid ga mo chobhair,
S cha bi do chomhairl bu lugha.
Ho ros fnda, &c.

Uilleam Mheilinis thàr-leam,
Nach seas cairdeas air aona-chois;
S math chumadh tu lamh rium,
Gusn do thar thu mim plunndrainn;
Nuair a chunnaic thun àrsmachd,
Gu mo sharach’ ’n Tunga;
Dhfhas thu tolla-chluasach bothar,
S cha do chobhair thun cunntar.
Ho ros fada, &c.

Ma chaidh mo chairdeas am fuairead,
Ri daoinuaisle na duthcha;
S eiginn nis dol a dhiarruidh,
Rathad fiar nach robh duilam;
Far a bheil Domhull Thapaidh,
Leughadh charaidsen Sgudaig;
Ach don phreisg thasa Gheata,
N coige athchuing don urnaigh,
Math dhuinn ar cionnta.
Ho ros fada, &c.

titleOran do dhaoin’ uaisle duthaich Mhic Aoidh, air son iad bhi cuir a bhaird as an fhearunn chionn bhi marbhadh na ’m fiadh, agus cuid dhiubh bhi na aghaidh, agus cuid eile dhiubh bhi leis
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page