[369]

RANN na CULAIDH [Culaidhboat, alluding to a kept Miss.] ; le Rob Donn.

Mile failt ort fhir na culaidh,
Thu féin gu meal i,
Nar fhaiceam a choidhch air droch bhuil i,
Fo fhear eil i, ’n deigh dhuit sgur di- ’
Fhuair thun t-eithear sin o Chormaic,
As ro mhathn airidh,
Bha i diamhain as mi tharbhach aigen uiridh,
Uair ar cladach tiorram treisgtes uair air feist;
Gun aon duine cuir siol innte no aisd;
S ann eollach mur na fior sgiobairean a tha thu,
Mionnan gun ghoimh, iochd gun mhasgul, ’s ciall gun chràbhadh;
Chan eil bagar dhaoine thugad, Triath no Sagairt;
Cum o chladach, ’s o gharbhlach, as o sgeir i;
Cum air a taobh i, nach faigh i ciùradh, air a deire;
S air a druim gu socair samhachn am a lìonaidh:
S ann agad fhein a than t-eitheir maiseach, sgiamhach;
S i na suidhe gu socair samhach, gidheadh gniomhach;
S i gu crannach, meallach, ròpach, ’n àm dhuit sìneadh;
Gu ma buadhach air do luchd, ’s nach paigh thum frachd;
Na ma luaithe sud as a h-uchd, na tuille steach;
Nuair theid i air a ciad siubhal, olamaid fòidhe,
Gar am faighear tuille luchd aisde, ach aon bhòidhe.

titleRann na Culaidh
internal date1812.5
display datea1813
publication date1813
level
reference template

Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p

parent textComhchruinneacha do dh’ Orain Taghta
<< please select a word
<< please select a page