CROS-DHAN le DUIN’ Uasal araid da Leannan.
Leam fhein bu bhlasda pog o d’ bheul,
Ighean ghasda is taitnich beus;
Le d’ ghaol a dh’ aomadh mi ’s is ann,
Le d’ ghradh a dh fhas mo chaileachd fann;
Innseam a dreach, a cosmhalachd ’sa dealbh,
Eisd rium le beachd a’s gheibh thu leat a h-ainm.
Cia meachair, maiseach, dreachar tlachdmhor leom,
Amhluidh mar shneachda dh’fhàs a cneas ’sa com,
Mor thuigse ’s eolas bunailt agus ciall,
Pairt deth gach subhailc, bhuilicheadh ort gu fial:
B’ait’ leam ort còir dhomh fein le deoin na cléir,
Eisd rium òigh ma tha mo ghloir ad réir,
Le tiom-chridh, trocair, truacantachd a’s gràs
Le d’ghaol, dìon, saor a’s fuasgail mi o’n bhàs.
title | Cros-Dhan le Duin’ Uasal araid da Leannan |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |