MARBHRANN UILLEAM MHUILLEIR, an ceard; Le Rob Donn.
O’n uair chaidh Uilleam do’n ùir,
Gur tearc againn sùil tha gun déur;
A mhuilleir, a bhrachadair, na chocair,
Na mhnathan d’a ’m bu choir bhi ri spréidh;
Cha mho na clamhain a’s gaothair,
Tha subhach ’sa ’n fhaoghars’ na dhéigh,
Air son gu’m buineadh iomull na cloinne,
Gach ugh a’s gach eireag dha fhéin.
’S glan a tha ’n talamhs’ na fhàsach,
O ’nuair ’sa chaidh thu bàs o cheann mìos;
Ge maiseach na macain so dh’fhag thu,
Cha seas iad dhuinn t-aite na’n dìs;
’S ann a tha acfuinn do cheairde,
Mur shaothach na chlaraibh ’s na dhìosg;
An t-ord a’s am balg ris an teine,
An riosp a’s an t-innein ’sa’n tiosp.
’S giorra mo sgil na mo dhurachd,
Gu innse do chliuth mar is còir;
S minic a dhearc mi do chruinn-leum,
Gus an t-aite bu chinntich do lòn;
Sgiathan a chòta fo t-achlais,
A’s neul an tombac air do shroin,
Gaoir aig na coin gu do ruith,
’S mir air dhroch bhruich ann ad dhorn.
Cha ’n aithne dhomh gin feadh na talmhuinn:
A choiteir a shearbhant, no thuath,
Nach iondrain Uilleam as aodann,
Oir shiùbhladh e’n sgire ri uair:
Nis o ’na chual iad gu’n deach e,
Tha rud-eiginn snas air daoin’ uaisl;
Ar son nach eil gin anns a mhachair
A ghlanas tigh c-c no poit’ fhua’l
title | Marbhrann Uilleam Mhuilleir, an ceard |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |