LUINNEAG MHIC NEACHDUINN.
’S fhad tha mi ’g eisdeachd ri ur diochuimhn,
Aig cuir air tuireamh gu lionmhor,
Air clann na ’m bodachana’ criona,
Gun luaidh air uaislean na tire,
Maighisdir an fhuinn so shios uainn,
An Leitir bheag ’sa ’n Duin phrìseil,
Ceist na ’m ban o ’n Chlachan Shìorach.
Hó hì hiù rubh ó, hì hó riunn ó,
Hì hiù rubh ó, hì hó riunn ò,
Hì hiù rubh ó, hì hó riunn ó,
Hì hiù rubh ó, hì hóg i hò.
Ge b’e thagradh ann an strìth ort,
Gu dearbh cha b’ fhada gun dol sìos e,
Dh’ éireadh Gordanaich leat dìleas,
Luchd nam trupa gorma cruidheach,
’S lìonmhor aca pasgan phìcean,
’S lìonmhor brataichean a’s pìoban,
’S lìonmhor clogaid a’s cuilìobhair,
’S lìonmhor bogha ’s suighead dhìreach,
’S lìonmhor dag a’s sgian phrìseil,
’S lìonmhor spainnteach air thaobh clìth orr’,
Glac an iudhair ann am bian-ghlaic.
Hó hì hiù rubh ó, &c.
Ge b’e thag’radh ort gun réusan,
Bu cham a chomhail da ’nuair dh’ éireadh,
Thig ioma conspunn leat a Erinn,
Thig Iarl Andrum nan each ceumnach,
Bheir a bharcan a’s coig céud leis,
’S ioma curaidh calma treubhach,
Thig a Ile ort na ’n deigh sud,
Thig luing a’s Saoil an aobhar t-fheirge.
Hó hì, &c.
Cha ’n iongnadh dhuiste bhi eibhinn,
’S ioma sruthan bras fo d’ leinidh,
Do shîol na ’n curaine gleusda,
Car thu Dhuimhne, Cholla, Sheimis,
Shomhairle bhuidhe nan geur-lann,
’S do Dhonull gorm a bha ’n Sleibhte,
Car’ thu Dhonnacha ruagh na feile.
Hó hì, &c.
Chuir mi iul ort a’s cha b’ aithreach,
’N tus an t-samhraidh so chaidh thairis,
Air og finealta dh’ fhas barrail,
Bha thu cairdeach do Mhac Cailein,
Do Dhunolla nan stuagh geala,
Car’ thu Thighearna Loch na ’n Eala,
Do Dhonnacha Diùrach ’s do dh’ Ailein.
Hó hì, &c.
’S ionmhuinn leam Iain is òige,
Calpa deas air thus na torach,
’S math thig luireach dhuit a’s gòirseid,
Agus leine ’n anard Tholaind,
Cota goirid air òradh,
’S boineid hhreac nan caitein gorma,
’S breacan nan triuchana boidheach.
Hó hì, &c.
Alasdair a chùlain chleachdaich,
Sud am beus a gheibht’ ad chaisteal,
Bhi ’g ol fiona ’s cluich air chairtean,
Do cheathairne og eutrom ghasda,
’G ol air uaislean ’s ga chur seachad,
A pìosaibh oir air an lasadh.
Hó hì, &c.
Alasdair a chùlain bhuidhe,
Gu ’n robh an Righ dhuit mur mo ghuidhe,
Ceist na ’m ban o ’n Ghleannan chumhann,
’S o ’n Leitir an cois an Rugha,
Slat is dìrich thu a t-uigheam,
Hó hì, &c.
’S Neachdunnach do shloinne direach,
’S cha b’ ann an cagar os ’n iosal,
Tha thu shliochd nam Moireacha prìseil,
Dheanadh luchd ealaidh dhìoladh.
Hó hì, &c.
Oigeir aigionntach gun ardan,
Ceannard air feachd thu neo chearbach,
Gairdean geal ga math thig armachd,
’S math thig claidhe dhuit a’s targaid,
Agus stapull do ’n òr dheallrach,
’S pìc ùr a dh’ iudhar na Meallraich,
’S glac nan ceann sgaiteach o ’n cheardaich.
Hó hì, &c.
’S lionar claidhe dh’ eireadh leatsa,
Thig Mac Raoghnuill ort o ’n Cheapaich,
Mac Iain Stiùbhairt as an Appuinn,
Thig Mac Dhonuill Duibh o ’n Chorpaich,
Thig Mac an Aba a Gleanndochart,
’S Tighearna Ghrannt o Bhaile-Chaisteil,
Thig Mac Shimidh a’s Clann Chatain,
’S Iarla Shiophort nan garbh bhratach.
Hó hì, &c.
Dh’ eireadh sud leat ann ad chabhaig,
Alasdair Dubh Ghlinne Garaidh,
Triath na Luib’ ’s na Learga marr-ris,
’Sa Meinnearach gun ghaog mar charaid,
Ogha Dhonnacha Duibh a Bhealaich,
A’s Mac Pharlain as an Arair,
’S Mac Laomainn o thaobh na mara.
Hó hì, &c.
Shaorainn Ealasaid o mhulad,
Ceist nam ban o thur nan uinneag,
Gu ’n gleidh an Righ do dhà chuilein,
’S gu ’n seachainn e uatha tubaist,
’S na ’m b’ aill leibh e dheanainn tuille.
Hó hì uiù rubh ó, &c.
title | Luinneag Mhic Neachduinn |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |