ROYAL CHARLIE—Or, BEATHA PHRIONNSA THEARLAICH do dh’ ALBUINN; —air eidear-theangacha’ o’ Bheurla gu Gaidhlic leis an ughdair.
Fonn—Auld Wife ayont the fire, &c.
’NUAIR chuir an Fhraing thugainn còngnadh,
Cuide-ri Prionnsa na còrach,
Air tir mu thuath thain’ e ’n tòs oirnn,
’S e b’ ainm do ’n òigeir Tearlach.
Ach o! b’ fhada e gun tighin,
O! b’ fhada e gun tighin,
B’ fhada, b’ fhada e gun tighin,
Fear mo chridhe Tearlach.
’Nuair a sheas e air an traigh ann,
Chruinnich na bha ’n sin d’a chairdean,
Toirt pog-an-laimh dha ’sa ’g radhainn,
’S e do bheatha Thearlaich.
Ach o! b’ fhada thu gun tighin, &c.
’Nuair thainig e air tir am Mùideart,
Thachair Lochiall ris air tus ann,
’S le aiteas rinn e bheatha ’n duthaich,
Le umhlachd do Thearlach.
Ach o! b’ fhada e gun tighin, &c.
Cha ’n fhaigh sinn peiceag bhracha thogail,
Gun Deorsa dh’ fhaotainn coire ’n obair,
’S càl gun salunn bhios n’ar gogain,
Chion mo bhobain, Tearlach.
Ach o! b’ fhada e gun tighin, &c.
Air Tearlach bha an t-eideadh loinneil,
Breacan a’s cochd-ard am boineid;
Gu ’m b’ e sud am flath bha foinnidh,
Gun choimeas do Thearlach.
Ach o! b’ fhada e gun tighin, &c.
Gu ma cuimhneach bhios ar gaisgich,
Air euchd an ath’raichean ’s na feachdan,
’S mar bha leotha buaidh nam baiteal,
Le sdiùradh tapaidh Thearlaich.
Ach o! b’ fhada e gun tighin, &c.
Sibhse tha dìleas mar bu dùgh dhuibh,
Do reachd ur Righ dligheach duthcha,
Biodh an t-snighe tigh’n o ’r sùilean,
Le durachd mu Thearlaich.
Ach o! b’ fhada e gun tighin, &c.
’S biodh aig gach Gaidheal duineil,
’N àm dha dol an cinnseal cumasg,
Boineid dhughorm ri chuir uime,
Mur chiumhn’ air culaidh Thearlaich.
Ach o! b’ fhada e gun tighin, &c.
Fhad ’sa bhios an deo ’n ar creubhaig,
Dh’ aindeoin gach rosaid duinn a dh’ eireas,
Seinnidh sinn gu h-ard a’s eibhinn,
Moladh speiseil Thearlaich.
Ach o! b’ fhada e gun tighin, &c.
CRIOCH.
title | Royal Charlie—Or, Beatha Phrionnsa Thearlaich do dh’ Albuinn |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |