ORAN air blar Tomaphubuill, eidear na h-Earragha’laich ’s na h-Athollaich, le Iain Lom, ’s e ’g iomadan nach robh Moir-fhear Chlann Donuill aig an tigh, gu cuideacha’ leis na h-Athollaich, agus na h-Earragha’laich air faotainn buaidh.
SEISD.
Ho ro ’s fada, s gur fada,
’S cian fada gu leoir,
O ’n a chuaidh thu air thuras,
Do bhaile Lunnainn na ’n cleoc;
Na ’n cluinneadh tu fathar,
Le reothadh an eoin;
’S gu n taoghladh tu ’n rathad,
’S mi nach gabhadh dheth bron.
’S ann air leith-taobh Beinne-buidhe,
Sheas a bhuidheann nach gann;
Luchd dhearcadh an iubhair,
’Sa chur siubhal fo chrann;
’S diombach mise d’ ur saothair,
’Nuair a dh’ aom sibh a nall,
Nach deachaidh steach air Gleannaora,
Ghearradh braoisg na ’m beul cam.
Ho ro ’s fada, &c.
A Mhoir fhear Chlann Donuill,
Chum thu chomhail gu duineil;
’Nuair a shaoil an t-Iarl Aorach,
Do chuir gun aobhar a Muile;
Bha thu roimhe ’n Duneidionn,
’S dh’ fhag thu leigheart mu choinne,
Ach a Mhoir-fhear Chlann Donuill,
’S fad do chomhnuidh measg Ghall;
A laoich aigionntaich phriseil,
Oig riomhaich an àigh:
Tha maise an fhìona,
Ad ghruaidh dìreadh an àird;
’S tha thu shliochd na ’n tri Cholla,
Ga ’m biodh loingeas air sàil.
Ho ro ’s fada, &c.
’S truagh nach robh iad na ciadan,
Do luchd sgiath agus lann;
Do na h-oganaich threubhach,
Nach euradh adbhans;
Cha bhimid ag eigheach,
Co da ’n eireadh an call;
’S ann aig geat Ionmhuraora,
Ghabh mo laoich gu camp.
Ho ro ’s fada, &c.
’M bruadar chunnaic mi ’m chadal,
B’ fhearr gu ’m faicinn am dhùisg e;
’S mi nach fuireadh na b’ fhaide,
Ann am plaide air m’ ùigh,
Seallamh ’n sin do d’ ghnùis aobhach,
’Nuair a phlaosgadh mo shuil,
B’ ionunn eiridh do m’ aigne,
’S leum a bhradain am burn.
Ho ro ’s fada, &c.
Gur mise bha tursach,
’N am dhomh dusgadh o m’ bhruadar;
Tha pruip air do chulaobh,
’S math a b’ fhiu dhuit am faighneachd;
Eoin Abrach o ’n Ghiùsaich,
Cha toir cubair a ghreim deth;
’S Gilleasbuig a Bhraighe,
Gu latha bhrath nach bi ’m foill duit;
Mac Iain ’sa chinne,
Gu ’n imicheadh an oidhch leat.
Ho ro ’s fada, &c.
’S ioma marcaiche statail,
Gar an àir mi ach cuid diu;
Eidear geata bhraigh Acuinn,
Gu slios Blair na ’m fear luidneach;
Mur ghabh sud a s braigh Hàrdail,
Agus braighe Bochuidir;
Ghabhadh leigeadh gu statail,
’N eirig la Tomaphubaill.
Ho ro ’s fada, &c.
’S ioma ogansch guineach,
Laidir, duilich dobh aithnicht;
Eidear braighe uisge Thurraid,
’S caol Mhuile na ’n canach;
Ghearradh beum le ’n arm guineach,
Ga ’n iumain do ’n fheamuinn;
’S fad o ’n chuala’ mi seanchas,
’S mi ’m sheana-ghiulan gòrach;
Mu ’n do chuir mi crios féilidh,
Os cionn leine no còta;
Bhi ga innse gu soilleir,
Anns’ gach coinne a’s comhail,
Gu ’m bu chairdeach an sloinne,
Siol Mhoire ’s Clann Donuill.
Ho ro ’s fada, &c.
A Righ! nach robh iad an geambairn,
Lan teambuill do shluagh;
Do luchd na ’m beul cama,
’S cha b’ ainid sud uainn;
’S ioma claidhe geur guineach,
Laidir fulangach cruaidh;
Th’ aig mo chinne ga ’m feitheadh,
’S aig Clann ’Illeain na ’m buadh.
Ho ro ’s fada, &c.
’S b’ fhearr gu ’n tigeadh iad fhathasd,
Clann ’Illeain na ’n tuagh;
’S cha bhiodh sgian ann am fraighe,
No claidhe an truaill;
Bheirte mach na h-airm chatha,
’S cha bhiodh an latha sin buan;
’S ged bu ghuineach na Guimhnich,
’S iad siol Chuinn a bha cruaidh.
Ho ro ’s fada, &c.
Tha mo run air na gillean,
Leis an cinneadh an t-sealg;
Dh’ eireadh fearg orra ’s frioghan,
Dhol an iomairt na ’n arm,
Dhol a null thair an lingidh,
Le gillean na cairge;
’S ioma marbh bhiodh ri shireadh,
Air an tilleadh do Chearara.
Ho ro ’s fada, &c.
title | Oran air blar Tomaphubuill, eidear na h-Earragha’laich ’s na h-Athollaich |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |