ORAN le IAIN LOM, oir latha blair na h-Airdereanaich aig Ionmhuraora, far an d’fhuair na h-Athollaich buaidh ann an eirig latha Tomaphubaill.
SLAN gun dith dhuit a Mharcuis,
Direach, maiseach gun chroma;
Da shuil ghorm fo d’ chaol mhalaidh,
Nach d’ fhas gu balachail, bronnach;
Cheart cho chinnteach ’sa ’m bas,
Ged tha thu ’n drasd as an t-seallamh;
Gu bheil mulad fo d’ chom ort,
Mu bhas Ghoud Iarla Moire [See the sixth verse of the preceding Song.] .
’S ceart ’s cho cheart mur mo dhurachd,
Le beachd mo shul gur mi chunnaic;
Cha robh againn do sgathan,
Ach greasad trath do ’n tigh ghrunnaich;
Aisling caillich mur a dùrachd,
Gach mio-rùn bha do ’n duin ud;
Cha b e aingeachd na tuatha,
Ghluais am Marcus le dhaoine;
Ach togail a bhrataich,
’G iarraidh smachd air luchd aobhair;
Fhuair thu iuchair na corach,
Gu t-ordugh le d’ dhaoine;
Agus fosgladh gach caisteil,
Fad slait Ionmhuraora.
Gheill Dunstaidhinis grad duit,
Innis fharsuing na ’m faochag;
Ged bu daingeann a chlach i,
Fhuair thu steach air bheag saoithreach:
Cha robh cuilibheir caol glaice,
No gunna praise gun sgaoileadh;
Eidear Innis Chonnain na ’n canach,
Gu ruig bail’ Ionmhuraora.
’S ard Liutenant o ’n Righ thu,
Thug thu sgriob do dh’ Earraghaidheal;
Bu leat Tairbeart ’s Cinntire,
’S gach aon nith bh’ anns an ait sin;
Agus Ile bheag riabhach,
Mu ’n iath a mhuir shaile;
’S goirt a chnead a ta ’m chliabhsa,
Fhad ’s bha ’n t-iasaid gun phaigheadh.
Thighearn oig Ghlinne-garaidh,
Na bi falach do rùin oirnn;
Oighre ’n duin’ thu tha mairionn,
Tha thu ’d charaid dhuinn dùbailt;
Cha bheo e ’s cha mhairionn,
Na ni ar sgaradh o d’ chula’,
’S e do charaid mor dealaidh,
Mac ’Ic Ailein a Muideart,
Sliochd an Alasdair Gharaich,
Luchd tharruing na ’m fiuran;
Cha do chuir cainb shalach;
Na taibheid ealamh ri d’ chul-chrann;
Bheireadh beum air a h-athlorg,
Fhad sa mhaireadh a fiudhaidh.
Na ’m biodh Tighearn na Learguinn,
Ann an Albuinn ’s e mar-riut;
Agus Tighearn an Tairbeirt,
’S iad nach tairgeadh do mhealladh:
Luchd na ’m peighinnean talmhaidh,
’S tu dh’ fhaodadh earbs’ asd gu daingeann;
Cha ’n eil iad beo do shliochd Cholla,
Na ni ’n comunn ud aithris.
Gur a h-ioma fear goirseid,
Gunna stoilte, ’s lann dughorm;
Le ’n gunnaichean caola,
’S na daormuinn ga ’n giulan:
Mac Laomuinn ’s Mac Lachuinn,
’S Mac-an-Ab o Ghleanndochart,
Mac Neachduinn, ’s Mac Dhughaill,
’S Mac Iain Stiubhairt o ’n Apuinn.
Cha ’n iongnadh thusa bhi fiamhach,
’N taobh shios do Bhunatha;
Ged theid Guimhnich g’a ’n dichioll,
’S gu diodunn a chlaidhe;
’S leat na thubhairt mi chiana,
’S fearr leam fhaicinn na chluinntinn,
Gu ’n do stad a chuimh air am muineal;
Nis o ’n thionndaidh a chuibhle,
’S fad bhios Guimhnich gun urram;
Ged a shaoil le Mac Cailein,
E bhi na bharraich air Muile;
B’ fhearr dha chumail na bh’aige,
Na bhi ’g agradh air tuille.
Na ’m biodh fear a bheoil mhoir ann,
O nach doirteadh gloir bhreamais!
Naile chailleadh sibh geoidh ris,
Nach b’ fhiach an rostadh ri teallach:
Fhuair sibh sgapadh na ’n caorach,
Na ’m biodh e dhaoine air thalamh;
’S ged a ghlac sibh le foill e,
B’ e fhein an saighdeir bu ghloine.
Gur mairg a dh’ earbadh a cairdeas,
Neach a dh’ fhas air an t-sloinne,
Na ’m biodh cuimhn’ air an lath’ ud,
Fhuair iad t-athair fo ’n comus;
Chuir iad smuid ri tur-arda,
Chaisteil Bhlair gu gle shoilleir;
’S beag bha dh’ fhiughair an la sin,
Gu ’m biodh iad paighte na ’n comain.
’S mor tha eidear dha latha,
Ged bha e grathunn gun tighin;
Chuaidh thu ’n cuirt na bu leatha,
’N deigh t-athar a mhilleadh;
Gun aon bhuille claidhe,
’S beag a b’ fhiach do Mhac Mhoirich,
Dhol n’ ur coinne ach ainneamh;
Na ghabhadh mur chompach,
Ach fear da ’n geallt’ bhi na charaid;
’N deigh a Chomasdair Stiùbhairt,
Thain’ sibh ’n tus air le h-ainiochd
Thugadh an ceann deth gun sgruba,
Air fearunn Lady Murray.
Buail an teud sin gu sealbhach,
’S na dean searbh i gun bhinneas;
’S na toir t-agaidh neo chearbach,
Ris ’n fhear nach earb thu do shlinnein;
Ma chuir an Righ an t-slat sgiùrsaidh,
’N glaic do dhuirn gun a sireadh;
Uair mu seach air an fhurnais,
Mur bhuill’ uird air an innein.
Gloir do ’n Righ th’ air a chathair,
’S mairg a ghabhadh mu na chluinneadh;
No ghuidheadh na bhreig e;
Gach nith dh’ eirich sa chunnaic;
Mu ’s ann le droch-bheart Iudais,
Dh’ fhuaigh thu chlùd air an lunnainn;
Chaill thu ’n luireach ’s na breidean,
’S gach aon eideadh bha umad.
’N cuala’ sibhse ’sa ’n duthaich,
’N ranntar-buth bh’ aig na luchai’;
’S iad a cruinneacha’ ri cheile,
Na ’n droch reisemeid churta;
Sin ’nuair labhair Dubh-na-h- àmrai,
A bheisd ghrannd ’sa chrain mhullaich;
Cha robh an sabhal na ’n amh dhiu,
Beisd le ’n àl nach do chruinnich,
Nuair bha ’m mod ga ’r cruaidh sharach’
’S na cuird a fasgadh mu ’r muineil;
’S ann an sud a bha ’n gàtur,
Co a chaireadh iad umaibh.
B’ ionunn sin sa ’m bun rutha,
Cha ’n eil iad buidheach da’ r ’n ainiochd;
Mur chlach an ionad an uighe,
Na ’m biodh luitheachd na ’n teangaidh;
B’ ionunn sin ’s do shliochd Dhiarmaid,
Bhi ga ’r biadhadh an ainiochd;
Math an aghaidh an uilc,
Chuir mi luchd sa ’n Airdreanaich.
’Nuair bha ’n ad oirbh a nuiridh,
Bha sibh urranta modhar;
Am bliadhna chaill sibh an currachd,
’S eiginn fuireach gle shamhach:
Chaill an t-Iarl air ’ur turas,
Mheud ’sa bhuinig e mhal oirbh;
Gar am b’ fhiach leis an duin’ ud,
Bhi ri cruinneachadh cnamhaig.
B’ olc a b’ fhiach do Dhiuc Atholl,
Dholl an coinne riut Eardsaidh,
’N deigh latha Roinn Lìothunn;
Tha thu ’d Mharcus am bliadhna,
’S ad shar Iarl air Tulaich-bhearduinn;
’S ged a dheanadh iad Diuc dhiot,
’S ro mhath b’ fhiu thu an t-aite;
Tha do thiotal cho lionor,
Chumail dion air do chairdean;
Geard an Righ fo d’ smachd orduigh,
’S tha thu ’d Mhòir-fhear Baile-mhanaidh.
title | Oran le Iain Lom, oir latha blair na h-Airdereanaich aig Ionmhuraora, far an d’fhuair na h-Athollaich buaidh ann an eirig latha Tomaphubaill |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |