Oran air feachd Righ Sheimis a gluasad gu cumail blar Raoin-Ruairidh, ’n aghaidh na ’n Sasunnach, le Iain Lom.
Fonn— ’Illean bithibh guineach.
’S MITHICH dhuinn marsadh as an tir,
O ’n chuir sinn dith air feoil na ’m mart;
Tamull an ordugh, dhuinne ’s d’ ar mor-shluagh,
Dh’ imhich ar ’n oigridh uainn a mach;
A chuilein oig, ma tha thu leonta,
Aig leith-taobh an t-saile, tharruing na h-armuinn,
Suas na ’m bragadaibh gu gle cheart;
Mu bheul an anamoich, shuidhich sinn campa,
A’s dh’ imich ar ceannard uainn a mach;
Facal ar Coirneil ri Sir Donull,
Mur sud a’s ar ’n ordugh bhi n’ ar glaic;
“Na leìgibh bonn dail, an seasamh a gheard,
“Agus cumaibh ur naimhdean uaibh a mach.”
Bu fhliuch a mhaduinn, a thog sinn ar breacain,
’Sa chuaidh sinn air asdar gus an tigh ga ’n robh chairt [The billet-house.] ,
’Nuair rinn sinn eiridh, gu ’n d’ rinn sinn ar eideadh,
A’s chuaidh sinn ’n ar leum fo na cnapanna saic [The knapsacks.]
’S bu lughaid ar ’n airtneal, nuair thainig am feasgar,
’Nuair loisgeadh an lasag, bu lionor srad;
O Cheann-Lochiall, gu ’n d’ rinn sinn triall,
’S ’nuair chrom a ghrian, gu ’n d’ rinn sinn stad.
Aig ceann Loch Lochai shuidhich sinn campa,
Latha roimhe dhi-domhnuich ’s da latha na dheigh;
Chruinnich ar cairdean uil’ air an laraich,
’S thog iad an lamhan an lathair Mhic De;
Bu bheag ar speis do dh’ airgiod no spreidh,
’S gu’n d’fhag sinn n’ ar deigh ar mnathan ’s ar clann;
Cheart aindeoin an sport, ged chiuirte againn corp
Cha dean sinn bonn clos, gus an cosgar leinn Gall.
Labhair an Gramach a b’ fhearr nadur,
A chlanna na ’n Gaidheal na faiceam ’ur gruaim,
Togaibh ’ur ’n inntinn, thainig an tim dhuibh,
’S mithich dhuinn marsadh do ’n tir so shuas:
Dh’ fhalbh sinn a muigh cho ro statail,
Gus ’n do rainig sinn braighe Ghlinn Ruaidh;
Mach ri Gleannturaid, a’s monadh sin Dhrumuinn,
Dh’ imich gach duine bha guineach sa ’n ruaig.
Mach monadh Dhruim-uachdair, dh’ imich na h-uaislean,
Bu mhor cruadal ’s bu bheag sgios,
’Nuair rainig sinn Atholl, cha d’ fhuair sìnn ach mnathan,
Chuaidh fir as an rathad, mu ’n gabhte dhiu cis;
’N deigh mheadhon latha, sinn a falbh air ar ’n athais,
Aig leith-taobh na h-amhunn, ghabh sinn a sios;
Thainig marcaich a steach, air beula’ a phas,
Dh’ inns’ gu ’n d’ thainig am prasgan a’s Coirneal Mac Aoidh.
B’ aithghearr a cheilidh, thug muinntir Righ Sheimis,
Leith-taobh an t-sleibhe ghabh iad a suas;
Bu lionor fallas air gach mala,
Aig direadh a bhealaich an taobh mu thuath;
Ceann na cuimhne, roimhe mhuinntir,
Pairt d’ ar ’n iondrain e bhi uainn:
B’ aigionntach sporsail, aigne Chlann Donuill,
Ged fhuair iad an leonadh, bu deonach leo ’nuair.
Ghluais gach fine, gun tlaths gun tioma,
Gun sgath gun ghiorrag, na ’n ionada’ fein,
Chuaidh sinn cho statail, ’m brollach ar namhaid,
Ceannard an aigh, gu ’n do thuit thu ’sa bhlar,
’S bu sgathach do lamh, gus an d’ thainig a nuair;
’S e do bhas a Dhuindithe, dh’ fhag ormsa trom-lithe,
Chuir toll ann mo chridh, ’sa dh’ fhag snith air mo ghruaidh
Bu bheag air son t-eirig, na thuit do na beisdean,
An cogadh Righ Sheimis, ged dh’eirich leinn buaidh;
Ach sgapadh na ’n cuileag, air muinntir Righ Uilleam;
Tha sinne fo mhulad, ged chuir sinn iad uainn.
Coirneal Ramsaidh, bu mhor anntlachd,
Anns an am ud tighin a steach;
Gu ’n robh sinn cho aingidh, anns an am sin,
Greim air Gall cha leigimid as;
Choirneil Balfur, ye son of a whore,
I’ll make you sure, ye’ll come to the fight;
Bhrist iad do chrun, as t-ad air do shuilean,
’S ghearr iad do bhùtainn air cula’ do chas.
title | Oran air feachd Righ Sheimis a gluasad gu cumail blar Raoin-Ruairidh, ’n aghaidh na ’n Sasunnach, le Iain Lom |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |