ORAN air Righ Uilleam agus Ban-Righ Marai; Le Ian Lom.
SEISD.
Hì rin hà rin, hó ro o bha hó,
Hì rin hà rin, hó ro o bha hì,
Biodh gach duin agaibh bronach,
Air son foirneart mo Righ.
’N diugh chuala’ mi nuaidheachd,
Air alt nach b’ aimhealtach leinn;
Na ’n cumadh e chasan,
’S gu ’m biodh an t-ath-sgeul cho binn;
Righ Seumus le farum,
Cur a dharaich na still;
O’n ’s leat uachdar na mara,
Gluais a’s tarruing gu tir.
Hi rin, &c.
Mhic Muire na na h-Oighe,
Coimhead foirneart mo Righ;
Co b’ urrainn d’ ar smaladh,
Ach do lamhans’ bhi leinn:
Faic a nis Prionns’ Orainns,
Cur na coir os a cinn;
Ach as do chobhair a Shlan’ear,
Thig furtachd a’s slaint air gach tinn.
Hi rin, &c.
A Righ chumhachdaich fheartaich,
Ga bheil beachd air gach nìth;
’Nuair a thainig thu Shasunn,
’S tu rinn aiseag a bhreamais;
’Sheilbh choir thoirt air eiginn,
O ’n athair-cheile thug bean duit:
Cha b’ i réul na ’n duilean,
Bha deanadh iùl duit ’sa ’n aineol;
Mur bha riomhe na tri Righrean,
’Nuair bha Iosa na leanabh.
Hi rin, &c.
Thug thu ’m follais an t-Slan’ear,
Seula grain do luchd teagaisg;
’S gur mor am fath naire,
’N coig aithne a bhristeadh;
A nighean fhein ’s mac a pheathar,
’N aghai labhairt an scriobtuir;
Mur bhreun gearran ’sa chathair,
’S gach b’ fhear tighe da ’n sliochd e.
Hi rim, &c.
’S fìor mhallaichte ’n lamhnain,
Thum an spain anns an roinn ud;
Seilbh coir thoirt a dh’ aindeoin,
Le muthadh malairt an traiteir:
Ged a stadadh an claidhe,
Gun bhuille chaitheadh ach na rinn e;
’S mairg a chreideadh droch nuaidheachd,
Thig roimh’ amhuch a namhaid;
Chuireadh fùdar na ghreadan,
An grunnd na h-eaglaise gnathaicht:
’S lionar lunn tha na teine,
’Sa ghrunnd ’n do spealadh an grain-shop;
Ach chì sinn fhathasd sud diolte,
Mas a fior a ta ’n fhaistinn.
Hi rin, &c.
Nuair chuaidh White Hall a losgadh,
Bu mhall do choiseachd gun bhrogan;
’S mi nach rachadh le pairtidh,
Air mhire bhathadh na tòite;
Mas a doine rinn suas e,
B’ fhaoin an cruadal ’sa ’n seoltachd;
Cha ’n eil mi gearan mo thruaighe!
Ach a lughad sa fhuair dhiu an rostadh.
Hi rin, &c.
Cha tig ach rucas a’s cealgan,
O chruitibh cealgach an ràbuill;
Cuiridh ’n t-aibhisteir a sheul ris,
Bidh Dia a’s daoine ga aicheadh;
Cleas eud bean a chruiteir,
Fhuair a cursadh ’n sgath garaidh;
Thog iad airsean mur ursgeul,
Gu ’n do mhurt e dhearbh bhrathair.
Hi rin, &c.
Gu ’m bu ghrannda na sgeoil sin,
Thug na deomhain ga dhiobairt;
’S mairg Righ a rinn cleamhnas,
Ri Duitseach shanntach gun trocair;
Cha b’ e’n onair bu ghnaths da,
Ged ’s tu brathair mathar an rogair;
Ged a thug thu dha Marai,
Air laimh chum a posaidh;
Ghabh e t-oighreachd a t-antoil,
Thair do cheann a’s thu ’d bheo-shlaint.
Hi rin, &c.
Bha mac aig Righ Daibhidh,
’S bu deas aill air ceann sluaigh e;
Chuaidh ’n aghaidh an athar,
’Sa ’m fear nach cathair da bhuaireadh:
’Nuair a sgaoileadh am blar sin,
Thug Dia paigheadh na dhuais da;
’S o ’n bu droch dhuine cloinn’ e,
Chroch a choill air a ghruaig e.
Hi rin, &c.
Ach buaidh an droch sgeoil sin,
Do Phrionns’ Orainns gun diaghachd;
Ged a rachadh do bhathadh,
Cha b’ ionunn bas duit ’sa dh’ iarrainn;
Ach na sùsain bhi t-fhaicinn,
Eidear eacha’ ga d’ stialladh;
Sgrios gun iarmad gun duilleach,
Cha ’n iarrainn tuille am dhan duibh;
Gun sliochd a dh’ iathadh mu t-uilinn,
Do ghniomh broinne droch Mharai;
Ged a ghlacadh na theum e,
’S farsuing beul’ a mhic lamhaich,
A sheann staoile bhi ’n cuntart,
Aig na rinn thu chruinneach’ a graineig.
Hi rin, &c.
Ach sèun gun tuisle air Marai,
’S olc an lan tha na togsaid;
Nar fhaicear laogh càraid,
Nuas gu lar as a poca;
Cha bhi ’n sean-fhacal claoidhte,
Aìr neo ’s claon theid a thogail:
Tha ’n da shannt ’sa ’n droch mhnaoi ud,
’S annsa bodaidh no boban.
Hi rin, &c.
Ach na ’n tigeadh an Righ sin,
’Sa Mhac dileas air aidmheil;
Ged a theireadh Prionns’ Orainns,
Nach h-i choir a bhiodh againn;
Cha bu mho orra Uilleam,
Air sraid Lunnainn an Sasunn,
’N ceann fhuadach deth mhuineal,
Na cluas cuilein an radain.
Hi rin, &c.
Prionns Orainns a mhìo-raith,
Ma ’s toil le a Righ thoirt gu creidimh;
B’ fhearr gu ’m buaileadh e ’n stàidse,
Tus a bhaidse bu choir dha;
Na ’m bu tuiteam ’sa phlaigh dhuinn;
Mur fhuair Righ Phara’ ’sa sheorsa;
Mur bha chamhairle bhreige,
Chuir Righ Seumus air fogradh;
Aithris cleas na ’n droch Righrean,
Leis ’n do dhiteadh Rehobòham.
Hi rin, &c.
Sgeul buan e do ’n mhearcaid,
’S nach tog a mac a cuid oighreachd;
’S ion d’ i cùram a ghabhail,
Mu ’n duinear cathair na soills oirr’;
Thoill i mallachd a h athar,
O ’n ghabh an t-aibhisteir greim dh’ i;
’S olc an duthchas a lean r’ i,
Chunnt i a sean’air na thraiteir.
Hi rin, &c.
’S math an toiseach air seannsa,
Ma rinn am Frangach a thapadh;
Ma ghlacadh leis Monsai,
Cha sgeul tumsgeul ach ceartas;
Bu mhath gu ’m biodh an adbhansa,
Air a tionndadh gu Sasunn;
Ach ma stad air an Diuc sin,
’S nach h-e a run tighin ni ’s faide;
Leig e cadal do ’n chìrein,
Stad a sgriob mur bu chleachd leis:
Ma leig gach saighdeir a ghleus deth,
’Nuair tha leigheart mu ’n chaisteal;
B’ fhearr gu ’m faicinn an coileach,
Na gu ’n goireadh a chaismeachd.
Hi rin, &c.
Ma tha e ’n dan duit teachd dhachaidh,
’S nar dhuit t-fhaicinn gun speurad;
Ged a fhuair thu pairt leonaidh,
Ri am fogradh Righ Sheimis;
Ma tha thu cruaidh air an raipeir,
Seall air slachdan a ghleusaidh;
Leis ’n do spiosadh mo sgròban,
Ma ’s fìor Tòmas an Réumair.
Hi rin, &c.
title | Oran air Righ Uilleam agus Ban-Righ Marai |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |