ORAN eidear Brian am bard Asuinneach agus Iain Lom; an dithisd air tachairt ’s gun aithn’ ac air a cheile, agus Brian cuir soraidh leis an fhear eile thun Iain Mhanntaich agus gur h-ann ri Iain Manntach fhein a bha e bruidhinn.
FONN. —Ma chuaidh thu null thair linntichean, &c.
THUIRT BRIAN.
THOIR soraidh gu Iain Manntach uam,
Rag mhearlach na ’n each breanndalach,
Gur tric a thug a mearlach ud,
Meann a mach o ’n chro.
Gur tric a thug, &c.
B’ e fasan fir a Bhraighe ud
Da thaobh Loch-iall a’s Arasaig,
Bhiodh sgian ’sa ’n dara brathair dhiu,
Mu uirread àra dh’ fheoil.
Bhiodh sgian, &c.
IAIN LOM.
A theangaidh liotaich mhior’uiltich,
Nach tuig thu bhi gad dhìomoladh;
’S mithich tarruing gu cloich shniaraidh leat,
’S gu ’m faigheadh Brian a leoir.
’S mithich teannadh, &c.
Cha bu chùpair a ghoid ghearran mi,
Cha do chuir mi ùidh ’sa ’n ealaidh ud;
Do bheul ’s e molach feusagach,
Lan smuig a’s uilc a’s réumannan,
Gur tric do bhru ’sa gheisgil ort,
’N deigh fuigheal créis na ’m bord.
Gur tric, &c.
’Nuair bu dluithe ’n aileag ort,
Bu lion’or cù a’s galla,
Bhiodh toirt na ’n sul ’s na ’m mala dhiot;
Le bruchdadh bola’ feoil.
Bhiodh toirt na ’n, &c.
A sheann-tur leigh na ’n ursannan,
Is tric a dheith na cupachan,
’S tu ’d shìneadh anns na guiteirean,
’N deigh do ghucaig ol.
’S tu ’d shìneadh, &c.
Gur salchar seit a’s urlair thu,
Lan sgeig a’s uilc a’s iombasaich;
Mur bhairrille ’n deigh a thunndaidh,
Cur sgum gu barr-iall bhrog.
Mur bhairrille, &c.
Ged ’s cam a stigh fo d’ ghluinean thu,
Gur caime ’s tigh fo d’ shuilean thu;
’S tu traiteir na ’n seachd duthchannan,
A reic an crùn air ghrót.
’S tu, &c.
Droch coinne ort a shìthcheartaich,
Mur caol a reic thu ’n fhirinn,
title | Oran eidear Brian am bard Asuinneach agus Iain Lom |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |