ORAN air Aonghus Og Moir-fhear, Ghlinne-Garaidh, le Iain Lom.
ACH Aonghuis Oig Ghlinnich,
Cha robh sinn umad suarach;
’Nuair a dh’ éighte leat iomairt,
Bu mhor do chinneach ri ghluasad;
Thigeadh dream ort thair lingidh,
’N taobh so ’n Innein o thuath oirnn;
Ceud conspunn gun ghiorrag,
Nach tilleadh roimh fhuathas.
Sar mharcaich each steud thu,
Thapaidh ghleusd air dheagh inneal;
Bhiodh faicill math srein ann,
’Nuair a leumadh tu ’d stiorap;
’Nuair a rachadh tu ’n réis leis,
Cha bu reidh dol ad philleadh;
Bhiodh lann thana ghorm gheur ort,
Cur raitréut mur bu mhinig.
Gun robh maoim air do maimhdean,
Anns gach camp dhiu ri shireadh;
Ach Aonghuis Oig Ghlinnich,
Cha robh sinn umad eolach;
’S tu nach gabhadh a ghiorrag,
Dhol a philleadh na torachd;
Bhiodh an t-iubhar ga lubadh,
Le fiùidhinnibh storach,
Air a leigeil gu h-ealamh,
Le taibheidean corcach.
B’e mo run an t-og meamnach,
Sar cheannard air cheud thu;
Fhuair thu uram fir Alba,
Ann an armachd sa ’n gleusdachd;
Mac Muire dhion t-anma,
Anns gach cearna ’sa ’n theid thu,
’S nach faodar do mharbhadh,
Gun earlais Mhic De leat.
Ge magail sibh ’n drasda,
Air mo ghradhsa do dh’ fheara;
Mu ’n dicrìte tha ’n Croideart,
A bhi ’m poca Mhic Cailein;
’S ioma uisge bu lugha,
Nach leigeadh claothaire thairis;
As an tug thu do chasan,
Thoirt coiseachd a dh’ aindeoin.
Mur hhith dhomh clibid mo theanga,
Dheanainn seanchas mu ’n cuairt duit;
Mac Pharlain ’sa chinneach,
Bu leat sud ri t-uair feuma;
’S Mac Mhoirich a Atholl,
Ge grathunn o cheil iad;
Mur sud ’s Mac-an-Aba,
Le acfuinn mhath ghleusda;
Mac Laomainn ’s Mac Lachuinn,
Le ’n glas lannan geura.
’Nuair a dheante camp cruinn dibh,
’S neart ’ur ’n ùillean ri cheile;
Co b’ urrainn dhol eidribh,
’Nuair nach seasadh sibh fhein e;
Ged thug ro mheud ur ’n uaibhir,
Bhi ga ’r buaireadh o chèile;
’Se ’n stoc as ’n do bhuain sibh,
Fuil uasal Chuinn Cheud-chathaich.
Cha ’n fhuil bhodach no graisge,
No pràbar, no tuataidh;
Ach fuil an Iarl Iolaich,
Bha air sìoladh ’n ar gruaidhibh;
Shliochd Mhìlidh na ’n cathan,
Bha t-Athair coig uairean;
Dh’ fhag sud cruadal ad lamhan,
’N am claidhe a bhualadh.
’Nuair a dh’ eighte Clann Donuill,
Bha mi eolach sa bheachd sin;
Ged tha onoir Shir Seumus,
Leat fein mur ata e;
B’ ait leam oighreachd Righ Fionnaghail,
Bhi ’n duthchas mur b’aill leam;
Bheirinn bliadhna dheth m’ shaoghal,
’S gach ni dh’fhaodainn a tharadh,
Chionn do choir a bhi sgribhte,
O laimh an Righ gun dad faillinn.
’S co ni tapadh no tabhachd,
No stath dhuinn air domhan;
Ma ni thu ar fagail,
Tha sinn baitht’ am muir dhomhain;
Duine dheanadh oirnn eucoir,
No shaltradh ceim air ar gnothach;
’S tu b urrainn g’a reiteach,
’Nuair a dh’ eireadh tu romhainn.
Cha ’n iarrainn a bharant,
Air bheula’ barra no bìnne;
Ach Moirfhear og Ghlinne garaidh,
’Se mo charaid glan rioghail;
’Se chuir maill air mo sheallamh,
Agus eallach air m’ inntinn;
Gun do Mhac a bhi t-aite,
Thun an la thig ceann crich ort.
Tha na ’s mo orm mur iongnadh,
An drasd anns an leum so;
title | Oran air Aonghus Og Moir-fhear, Ghlinne-Garaidh |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |