Marbhrann do Shir Seumus Mac Dhonuill, Le Iain Lom.
GUR fad tha mi ’m thamh,
Thuit mo chridhe gu lar,
Righ! ’s deacair dhomh tamh ’s mi beo.
Gur fad tha, &c.
’Se do thuras do ’n Dùn,
Dh’ fag snith air mo shùil,
’Sa bhi faicinn do thur gun cheo.
’Se do, &c.
Tha do bhaile gun speis,
Gun eich ga ’m modhadh le srein,
Dh’ fhalbh gach fasan le Seumas og.
Tha do bhaile, &c.
Nuair a rachadh tu strith,
Ann an armailt an Righ,
Bhiodh do dhiollaid air mìl each gorm.
Nuair a racha’, &c.
Nuair a rachadh tu mach,
’S leat Mac Pharlain na ’n cliar,
Bh’ aig fir t-aieasa riamh,
Mac-an Aba le chiad na dhò.
Fear chann, &c.
Clann Iain a nuas,
’S fir a bhraighe so shuas,
’S Mac Ghriogair o Rua’shruth chno.
Chlainn Iein, &c.
Clann Chamrshoin a nall,
O bhraighe na ’n gleann,
Chuireadh iubhar le srann am feoil.
Clainn, &c.
’S leat Mac Dhonuil a rìs,
Na ’m bratach ’s na ’m pìob,
Crunair gasda na ’n Righ bhrat sròil.
’S leat, &c.
Gu ’m faiceadh mo Dhia,
Do mhac air an t-sliabh,
Ann an duthaich na ’n cliar ’s mi beo.
Gu ’m faiceadh, &c.
Thig a Atholl a nios,
Comhlan ghasda gun sgios,
Ceannard rompa ’s e finealt og.
Thig a Atholl, &c.
Coinnlean geala do ’n cheir,
Bhiodh do ghillean mu seach,
A lionadh dibhe b’ fhearr blas,
Fion Spainnteach dearg aca ’s beoir.
Bhiodh do, &c.
Uisge-beatha na ’m pios,
Rachadh ’n tairgiod ga dhiol,
Gheibhte ’n gloin e mur ghriog an oir.
Uisge beatha, &c.
’S ann na shineadh ’sa ’n allt,
Tha deagh cheann-tighe an aigh,
Ged a thuit e le dearmad leo.
’S ann na, &c.
Buidheann eile mo ghaoil,
Ga ’m bu shuaithcheantas fraoch,
Och mo chreach! nach d’fhaod iad bhi beo.
Buidheann, &c.
Buidheann eile mo ruin,
Air nach cualas mi chliu,
Thig le Alasdair sunndach og.
Buidheann, &c.
Bhiodh mnaithean og an fhuilt reidh,
Gabhail dhàn dhoibh le ’m beul,
Ann ad thalladh gu ’n eisdeadh ceol.
Bhiodh, &c.
Fhir a dh’ fhuiling am bas,
Nis o n sgìthich mo cheann,
Sior thuireadh do rannt,
Bidh mi sgur anns an am is coir.
Nis o ’n sgìthich, &c.
title | Marbhrann do Shir Seumus Mac Dhonuill |
internal date | 1812.5 |
display date | a1813 |
publication date | 1813 |
level | |
reference template | Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha %p |
parent text | Comhchruinneacha do dh’ Orain Taghta |